An Comunn Gàidhealach Publications > Deo-gréine > Volume 10, October 1914-September 1915
(159) Page 151
Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view
AN DEO-GREINE.
151
Bha iad a gabhail beachd sonruichte air ciod
am port as am biodh a’ ghaoth a’ seideadh air
“ Oidhche na Calluinne.” Is e a theireadh iad,
“Mar a gheibh a Challuinn a’ ghaoth is gnath
leatha a’ cumail.” Theireadh iad mar an ceudna
mu an oidhche, mu dheireadh de’n bhliadhna—
“Gaoth a Deas, teas is toradh,
Gaoth o’n lar, iasg is bainne ;
Gaoth a Tuath, fuachd is gaillion,
Gaoth o’n Ear, meas air chrannaibh.”
Bheireadh iad eolas na h-aimsir bho na reultan
soillseacli fhein; oir bha rann eile aca mar a
leanas—
“Gaoth o’n rionnaig Earraich,
Teas o’n rionnaig Shamhraidh,
Uisg o’n rionnaig Fhoghair,
Reothadh o’n rionnaig Gheamhraidh.”
Bha na Gaidheil a’ roinn a mach na bliadhna
ann an doigh anabarrach freagarrach. Bha a’
bhliadhna toiseachadh leis a’ Challuinn a bha
air a shnruchadh a mach airson iomadh gne
cridhealais is cleachdainean caoimhneil. Bha
an t-Earrach a’ toiseachadh aig an Eheill
Brighde.
Bha an Eheill Paruig a’ tuiteam mu mheadhon
an Earraich, an uair a bhiodh an latha agus an
oidhche an aon fhad, agus an uair a bhiodh
obair na bliadhna a’ toiseachadh. Theireadh iad
“ suipeir ri solus latha mach ’o latha Fheill
Brighde, is laidheadh ri solus latha mach ’o
latha Fheill Paruig.” Bha an Samhradh a’
tbiseachadh air Latha Buidhe Bealltuinn, an
dara latha deug de’n Cheitein, air an robh
iomadh cleachdadh thainig a nuas bho ar
sinnsir roimh thighinn a stigh a’ chreidimh
Chriosdail air a gnathachadh. Bha an Fheill
Eoin a tighinn mu dheiredh an Ogmhios, ’nuair
a bha an l&tha b’ fhaide ann. Bha am Foghar
a’ tbiseachadh aig an Lunasdail, feisd na Luain,
no na Gealaich; ach a reir cuid de luchd
foghluim, feisd Lug, aon de na scan diathan
Ceilteach a tha nis air dol air di chuimhne ann
am b6ul-aithris an t-sluaigh. Bha aig an &m
so ceud toradh na talmhainn ’ga chruinneachadh
a stigh.
Air mios deireannach an Fhoghair bha an
Fheill Micheil air a’ cumail, gu sbnruichte ann
an Uidhist far an robh iad a’ cumail reisean each
gu urram a chuir air “ Micheil nan steud,” mar
a theireadh iad. Bha an Geamhradh a’ tois¬
eachadh aig an t-Samhainn a bha air a’ cuir air
leth airson iomadh cluiche is cleas a tha air
an cur sios gu rbidh ann am Mrdachd Bhurns.
Ged a bha na nithean faoin so air an gnathach¬
adh leis an t-sluagh, bha an oidhche ud air a
coisreagadh aig an Eaglais Chaitliceach mar
Fheill nan uile naomh a bha air a’ cumail air an
l&tha mu , dheireadh de’n Fhoghar, a bha
tuiteam a mach anns an t-sean dbigh air an
aona latha deug decheud mhios a Gheamhraidh
(11th November). Bha rann aca tha freagarrach
gus an latha an diugh mu aimsir na bliadhna.
“ Foghar gu Nollaig,
Is Geamhradh gu Feill Padruig ;
Earrach gu Feill Peadair ;
Samhradh gu Feill Martainn.” Agus,
“ Cha tig fuachd gu Earrach.”
Bha an Fheill Martuinn agus an Fheill Andrais
air ceud mhios a’ Gheamhraidh, agus an Fheill
Tbmais aig deireadh na Duldaehd, agus bha iad
uile nan comharran air dol seachad na bliadhna,
agus air ciod a ghne aimsir ris am biodh suil aca
aig na h-amannan sin. Bha an Fheill Faolain
air a’ cumail mu mheadhon an Fhaoiltich, agus
bha duil aca ri fuachd is gaillionn aig an 4m, oir
theireadh iad, “ Nuair thig an Fheill Faolain
gheibh sinn caochladh sian,” agus, “Cur is
cathadh, sneachd is reothadh, feitheamh air an
Fheill Faolain.” Tha eadhoin ainmean nam
miosan fhein a giulan leo suim anns a’ Ghaidhlig.
Co nach ceangail ’na inntinn fhein an co-
chomunn a tha cleachdta bhi eadar na facail,
Faoiltich, an Gearran, agus am Mart, agus
aimsir fhuar dhoinionach I Bheir an Giblein gu
ar cuimhne aimsir na ’s blaithe, ach neo-
sheasmhach, agus an Ceitein, an Ogmhios, agus
an t-Iuchar blaths agus toradh saoibhir, agus an
Lunasdail, an t-Sulteine, agus an Damhair, na
miosan anns am biodh an toradh so ’ga tharruing
a stigh. Bheir an t-Samhainn agus an Duldachd
gu ar cuimhne am marbh agus dorcha na
bliadhna nuair bhios feartan naduir ’nan cadal
a’ feitheamh air ath-bhebthachaidh an Earraich.
Ged a their iad a nis “Am Faoilteach,” no
am “Faoilleach” ri ceud mhios na bliadhna,
cha robh a reir an t-sean dbigh cunntaidh na
fior Fhaoiltich a’ toiseachadh gus an naoidheamh
latha fichead de na mhios bho ’n latha sin gus
an dara latha deug de ’n ath mhios; bha ceithir
latha deug ris an abradh iad am Faoilteach
Geamhraidh; bho ’n latha sin gu deireadh
na dara mios bha am Faoilteach Earraich a’
riaghladh na h-aimsir. Bu toil le ar sinnsir na
Faoiltich a thighinn a stigh le ceann nathrach
agus a dhol a mach le earball peucaig; se sin
tbiseachadh stoirmeil, agus criochnachadh feath-
ail. Mu na mhios gu h-iomlan theireadh iad—
“ Faoilleach, Faoilleach 14mh an crios;
Faoilte mhbr bu chbir bhi ris;
Crodh is caoirich ruith air theas ;
Gal is caoin bu chbir bhi ris.”
Bha e air innseadh gu ’r ann aig an am so
bhiodh na faoil, sean ainm airson na madadh-
alluidh a cruinneachadh cbmhladh, agus gur ann
uaith sin a dh’eirich an t-ainm. As deigh nam
Faoilteach thigeadh an Fheadag, mu ’n robh e
air a’ radh. “An Fheadag mathair an Fhaoiltich
fhuair, mhai’bhas caoraich agus uain;” ach a
reir ughdarras sean duine de mhuinntir Bhraid-
albainn a chaochail bho chionn 4ireamh bhliadh-

Set display mode to: Universal Viewer | Mirador | Large image | Transcription
An Comunn Gàidhealach > An Comunn Gàidhealach Publications > Deo-gréine > Volume 10, October 1914-September 1915 > (159) Page 151 |
---|
Permanent URL | https://digital.nls.uk/125241372 |
---|
Description | Leabhar 10, Mìos Deireannach an Fhogharaidh 1914 gu Darna Mìos an Fhogharaidh 1915 |
---|---|
Attribution and copyright: |
|
Description | This contains items published by An Comunn, which are not specifically Mòd-related. It includes journals, annual reports and corporate documents, policy statements, educational resources and published plays and literature. It is arranged alphabetically by title. |
---|
Description | A collection of over 400 items published by An Comunn Gàidhealach, the organisation which promotes Gaelic language and culture and organises the Royal National Mòd. Dating from 1891 up to the present day, the collection includes journals and newspapers, annual reports, educational materials, national Mòd programmes, published Mòd literature and music. |
---|---|
Additional NLS resources: |
|