Skip to main content

‹‹‹ prev (160) Page 152Page 152

(162) next ››› Page 154Page 154

(161) Page 153 -
AN DEO-GREINE.
153
a chaidh ainmeachadh, am beachd sonvuichte a
bha na Gaidheil a gabhail air an aimsir bu
mhath leo airson gach raidh is mios de ’n
bhliadhna. Faiceamaid a nis na comharan leis
am biodh iad a deanamh a mach bho la gu la
ciod a ghn6 aimsir ris am biodh suil aca. Mar
a leanas tha cuid diubh, ged a dh-fhaodadh an
aireamh bhi na bu lionmhoire.
“Rughadh shuas an am laidhe,
Dh-eireadh Fionn mhoch sa mhaduinn,
Rughadh shuas’s a mhoch mhaduinn,
Dheanadh Fionn an ath chadal.”
Ged a bhiodh an rugha anns an Ear anns a
mhaduinn, nan gluaiseadh e gus an lar, bhiodh
diiil aca ri latha math, ach na ’n rachadh e fodha
goirid an deigh eiridh greine air feadh neoil
dhorcha, ghruamach, bhiodh iad cinnteach gu ’n
tigeadh an t-uisge Tha am bard Mac Colla
ann am “ Bas Mairi” a deanamh feum grinn
de ’n ni so anns na briathran.
“Chaochail i mar neulaibh ruiteach,
Anns an Ear mu bhriste fair,
B’ fharmad leis a’ ghrein am boichead,
Dh-eirich i na gloir chuir sghil orra.”
Theireadh iad, “an deigh tairneanach ’sa mha¬
duinn, thig blathas, an deigh tairneanach aig
feasgar, thig fuachd.” Na’m biodh na beann-
tan a sealltuinn soilleir, iosal, agus fad air astar,
theireadh iad gu’m biodh an aimsir suidhichte
gu tiormachd, agus na’m biodh iad a’ sealltuinn
dluth air laimh, agus ard, agus na h-uile creag
is clach mor seach mar a b’ abhaist, theireadh
iad gu’m biodh an t-uisge ann. Na’m biodh an
aimsir bristeach, theireadh iad, na’m fosgaileadh
uinneagan gorm anns an lar-Thuath, gun togadh
e. Na’m biodh an aimsir fliuch anns an
Fhoghar, theireadh iad, “Theid an Aoine an
aghaidh na seachduinn, is bithidh e tioram,”
rud a thachair ro bhitheanta. Bha iad a’ gabh¬
ail beachd shnruichte air trMthean na Gealaich.
Na’n tigeadh i a stigh anns a’ mhaduinn re a
Gheamhradh no ’n Earraich, theireadh iad gu’m
biodh fuachd is reothadh ann, ’s na’n tigeadh i a
stigh mu fheasgar, gu’m biodh e na chomhar
air an aiteamh. Na’m biodh a’ ghealach ri
fhaicinn mu’m biodh i ach aon latha, no da
latha dh’aois, bha iad ’ga chunntadh ’na chomh-
arra air fuachd, gu sbnruichte na’m biodh i ard
’san speur ’na laidhe air a druim, agus cruth
nan Sean ghealaich ri fhaicinn innte. Tha an
n\ so air a thoirt f’ ar comhair anns a bhaland
aig an Ridir Padruig Spens, “ An raoir chunn-
aic mi a’ ghealach ur leis an t sean te ann na
broinn.” Agus a ris, na sreathan aig Longfellow
ged nach bu Ghaidheal e: “Tha doinionn ’san
re adharcach ud, is dealanach’s na neoil.”
Mu ’n ghaoth theireadh iad : “ Gaoth an lar
gun fhrois, bidh i ’giarraidh deas.” “Gaoth
roimh ’n aiteamh’s gaoth troimh tholl, us gaoth
nan long dol fo sheol, na tri gaothan a b’fhuaire
dh-fhairich Fionn riamh.” Cha bu toil leo idir
anns an Earrach, no toiseach an t-Samhraidh a’
ghaoth a bhi sbideadh as an Ear-Dheas, oir
bhiodh suil aca ri seachdain de fhuachd ’s de
uisge. Bu toil led am bogh-frois fhaicinn aig
feasgar, oir is e a their na Goill : “ Am bogha-
frois anns a mhaduinn is rabhadh e do ’n
chiobair, ach bogha-frois mu fheasgair is sdlas
dha e.” “ Ma bhios a ghaoth o ’n lar ’sa
mhaduinn is comharra am bogha air gu bheil na
neoil dhorcha luchdaichte le uisge ri tighinn air
adhairt fhathast; ach ma bhitheas e ri fhaicinn
aig feasgair, gu bheil na neoil uisge air dol
seachad.”
Ach ni nach bu toil leo idir fhaicinn, earrann
bheag de bhogha-frois, an rud ris an abaireadh
iad an “gath aimsir” agus na goillli weather gawJ'
Bu chomhara cinnteach so leo air aimsir stoirm-
eil neo-shuidhichte. Tha sgeul air aithris mu
chiobair a bha ’n taobh Deas Albainn, gu ’n do
chruinnich e stigh na caoraich air feasgar ciuin,
blath, Earraich, mu thoiseach na linn a chaidh
seachad. Bha na h-uile neach a’ gabhail iong-
antais ris, agus dh-fheoraich aon duine dheth
ciod a bha na bheachd. “Ah,” thuirt esan,
“chunnaic mise an 'weather (jaw ’ an diugh,
agus gheibh sinn stoirm ’na dhdigh.” Thainig
fhaistneachd gu crich, oir an oidhche sin fhein
dh’ eirich a ghaoth, thdisich an sneachd, agus
bha cur is cathadh ann nach bu chuimhne leis
an neach bu shine leithid. Bha na miltean de
chaoraich anns an duthaich sin air am muchadh
anns na cuidheachan sneachdaidh, an uair
a bha na caoraich aigesan gu tearuinte anns na
crbidhean.
Cha bu mhiann leo bhi faicinn tein-adhair no
dreag ’san oidhche, oir bu chomhara so air aim-
sir fhiadhaich, neo-sheasmhach. An uair a
a chitheadh iad na fir-chlis .a’ clisgeadh anns an
speur, agus an uair a bhiodh an crois-rionnagach
a sineadh a mach ’san iarmailt, theireadh iad
gu’m biodh fuachd a’ tighinn is do-aimsir.
Thuigeadh iad air fuaim na gaoithe, agus ciod
am port as am biodh i seideadh na’m biodh sian
na gaillionn dol a thighinn. Dh’ aithnicheadh
iad air gairich nan eas agus fuaim nan tonn air
a’ chladach, na’m biodh an doinionn mhor ’dol a
sheideadh, agus cha b-iongantach sin, oir is
iomadh beatha Muinn a shluig an cuan. Bha
iad a gabhail beachd air na gluasdan aig eun-
laith is ainmhidhean. Na’m faiceadh iad caoraich
a direadh ris no monaidhean, agus a sgaoileadh
a mach, theireadh iad gu’m biodh aimsir mhath
ann, ach na’m biodh iad a cruinneachadh ’nan
drbibhean aig ciil nan garaidhean agus a’ meilich
gu brbnach, theireadh iad gu ’n tigeadh an
stoirm gu cinnteach. Bha a cheart chomhara
ann ’n uair a chruinnicheadh na feidh.
An uair a chitheadh iad ealltan mor de na
feannagan, de na faoileagan, agus de iomadh