Skip to main content

‹‹‹ prev (178) Page 170Page 170

(180) next ››› Page 172Page 172

(179) Page 171 -
An Lunasdal, 1940.
AN GAIDHEAL.
171
Au ath latha an uair a dh’fhalbh am famhair
agus an righ do’n bheinn sbeilg dh’ innis nigbean
an rigb do Chearghall mar a tbubhairt am
famhair. “ Am braidein,” arsa Cearghall.
“Chan ann an sin tha t-anam. Cha robh e ach
ag cur deuchainn ort. Falbh thusa gu grad
agus faigh saoir agus clachairean agus iarr
orra tigh cruinn geal a thogail mun tobar
le dorus agus glais mun tig am famhair
as a’ bheinn sheilg.” Rinn ise mar so. An
uair a nochd am famhair agus an righ air
cliathaich na beinne bha an tigh bsag cruinn,
breagha sin air a thogail mun tobar. Thachair
an sin nighean an righ riutha. “ Carson a rinn
thu leithid sud ?” arsa am famhair. “ Bha mi
airson deagh gheard a chur air t’anam,” arsa
ise. “ 0 bhoirionnaich ghoraich,” arsa am
famhair, “chan ann’s an tobar a tha m’anamsa.
Am bheil thu faicinn na craoibhe moire ud
thall. Am broinn na craoibhe sin tha ruda,
am broinn an ruda tha lacha, am broinn na
lacha tha ugh agus am broinn an uighe tha
m’anamsa. Chan ’eil duine an diugh bed a
gheibh greim air m’anamsa bho’n tha Cearghall
mac righ an Earraidh Uaine air a mharbhadh.
Sgoilteadh esan i le aon bhuille bho barr gu
bun le tuagh t’oide. Cho luath’s a thollar an
ruda leumaidh an lacha mach agus ni i dlreach
air an uisge. An sin beiridh i an t-ugh agus
thig e thun a’ ghrunna. Chan ’eil creutair air
an t-saoghal a bheir as an sin e ach Dohhran
donn Sruth an t-Siubhail. Is e Seobhag dg nan
Druimeannan Deirge agus Madadh Monadh
glas na Beinne na h-aon chreutairean a bheireas
air an lacha air iteig agus chan ’eil na tri
beothaichean sin ri ’m faotainn cdmhla an
aite sam bith de’n t-saoghal. Mar sin na gabh
thusa curam mu dheidhinn m’ anamsa.”
An larna-mhaireach dh’innis an nighean so
do Chearghall. Cha robh fhios c’aite am
faighteadh Dobhran donn Sruth an t-Siubhail,
Seobhag dg nan Druimeannan Deirge agus
Madadh Monadh glas na Beinne. An sin thug
fear de na gillean crioslachadh air fhein agus
thubhairt e gum b’esan Dobhran donn Sruth an
t-Siubhail. Thug an ath ghille crathadh air
fhein agus thubhairt e gum b’esan Seobhag
dg nan Druimeannan agus thubhairt an treas
balach gum b’esan Madadh Monadh glas na
Beinne.
Fhuaireadh an sin an tuagh agus
gheuraicheadh i. Dh’fhalbh a’ choignear aca
an sin thun na craoibhe. Leis a’ cheud bhuille
sgoilt Cearghall a’ chraobh agus leum an lach
a mach m’a shuilean. Sud as a deidh leum na
gillean. Rainig i an t-uisge gun taing agus rug
i an t-ugh. Theab nach toireadh Ddbhran
donn Sruth an t-Siubhail bharr a’ ghrunna e
ach mu dheireadh thainig e’s an t-ugh aige ’na
laimh.
Aig an am so bha am famhair a’ fas lag anns
a’ bheinn sheilg. Cha robh de shaoghal aige ach
gus am bristeadh an t-ugh. Rinn e dlreach
air a’ chraoibh. An uair a chunnaic e mar a
bha rinn e direach air an nighinn airson a
marbhadh ach tharruing Cearghall an t-ugh air
an clar na bathais agus thuit am famhair mor
marbh far an robh e.
Thog Cearghal an sin nighean an righ air
fras-mhullach a ghuailnean gu luchairt a h-athar.
Bha an rioghachd uile ro-thoilichte an uair a
chuala iad gun do mharbhadh am famhair. Am
beagan uine rinn iad cdrdadh, Cearghall agus
nighean an righ, agus bha gach duine ard is
iriosal, bochd agus beairteach air am fiathachadh
thun na bainnse. Mhair a’ bhanais seachd
lathean agus seachd oidhchean agus bha i
sunndach agus aighearach. Thill Cearghall an
sin dhachaidh le mhnaoi agus le bheairteas gu
rlgh-chathair athar agus chum e na triuir
ghillean mar sheirbhisich dhileas da fhein
riamh an deidh sin.
0
CAR AID NAN GAIDHEAL.
Leis an Ollamh Colla Domhnullach, D.D.
II.
Chaidh e a m’aire innseadh gu bheil na
Gaidheil ann an sgoiltean na h-eaglais air an
teagasg trid an canain gradhach fein. Tha
cuid a’ cur an aghaidh so, ann an beachd gu
bheil a Ghaidhlfg na clach-thuislidh dhaibh
’gan cumail bho Bheurla. Ach ’se mo bheachd
gur ann trid na Gaidhlig is fearr a
dh’fhoglumas iad a Bheurla. Dh’ionnsaich iad
tuilleadh Beurla anns an fhichead bliadhna
mu dheireadh, na dh’ ionnsaich iad ann an
ceud bliadhna roimhe sin nuair a bha a Bheurla
air a gnathachadh mar inneal teagaisg.
Buidheachas do Dhia threig daoine scan doigh
na Beurla anns gach ait ach Eirinn far am
bheil an t-sean doigh mhearachdach fathast air
a cleachadh. Agus ’se toradh a’ bheachd
mi-chiallach so gu bheil tuilleadh de shluagh
Eirinn an duigh a’ labhairt na Gaidhlig
Eirionnach a mhain na bha do shluagh ann an
Eirinn uile gu leir ann an am Banrighinn
Ealasaid.
Ach carson a tha cuid cho deonach sgrios
a thoirt air an t-sean chanain Ghaidhealach ?
Faodaidh e a bhith gu bheil fuam tee.nga
nam beann neo-mhln agus borb ann an cluasan
na h-airde deas, agus ma thk ’s truagh mise a