Skip to main content

‹‹‹ prev (177) Page 169Page 169

(179) next ››› Page 171Page 171

(178) Page 170 -
170
AN GAIDHEAL.
An Lunasdal, 1940.
CEARGHALL MAC RIGH AN
EARRAIDH UAINE.
[Choisinn Iain Mac a’ Ghobhainn, Feachd
Dhalabroig, an Uibhist a Deas, a’ cheud duais leis
an sgeulachd so an Co-fharpais Comunn na h-Oigridh
air a’ chuspair—“Rud a chuaJa mi ach nach do
leugh mi.”]
Uair bha’n sud bha righ air an Earraidh Uaine
agus bba e seachd bliadhna posda gun duine
cloinne. Bha fiosaichean agus fathaichean ag
radh ris gum beirte mac dha fhathast a bhiodh
’na ghaisgeach air an domhain gu leir. Aig
ceann nan seachd bliadhna rugadh leanabh
mic do’n righ agus is e Cearghall a thugadh
mar ainn\ air.
Chuireadh Cearghall an sin do’n sgoil ach
cha robh e ach goirid an sin an uair a dh’eug
athair agus a mhathair. Dh’fhag an righ
riaghladh na rloghachd aig brathair a mhathar
gus am biodh Cearghall fhein bliadhna air
fhichead. An uair a thainig Cearghall thun
a’ chruin chunnaic e gun robh an duthaich
ann am fiachan a thaobh droch riaghlaidh
brathar a mhathar. B’ fheudar do Chearghall
an sin gach sian a bha mun aitreabh rioghail
a reic agus mu dheireadh cha robh air fhagail
aige ach seann bho agus clar lorn an tighe
agus an rloghachd.
An larna-mhaireach ghlas Cearghall suas an
aitreabh agus dh’ fhalbh e air feadh na duthcha
a shireadh fhortain. Bha e ag coiseachd fad
an latha agus cha d’thainig e am fianuis aon
tighe. Chaidil e an oidhche sin ri taobh craoibhe
gun bhiadh gun deoch. Aig meadhon latha an
larna-mhaireach thachair e ri triuir ghillean
oga anns a’ choille. Bha esan ’na dheise
rioghail agus chaidh na gillean air an gluinean
air a bheulaibh. Thubhairt esan nach ruigeadh
iad a leas sud a dheanamh, nach robh aige-san
ach an deise bha mu dhruim. Dh’fhalbh an
cheathrar aca an sin comhla agus ciod e air bith
a thachradh orra thaobh fortain roinneadh iad
eatorra fhein.
Cha deach iad ach goirid air an t-slighe an
uair a chunnaic iad aitreabh mhor rioghail agus
goirid di ann an urlar glinne bha tigh beag
cruinn geal. Ghabh iad a dh’ionnsaigh an tighe
bhig so. Chaidh iad a steach agus an sin bha
cailleach agus bodach agus iad ag caoineadh ri
aodann a cheile. Chuir a’ chailleach a h-uile
seorsa bldh air a’ bhord agus an deidh dhaibh
am biadh a ghabhail dh’fhaighnich Cearghall
dhiubh ciod a bha ’g am faghail cho tursach,
bronach, oir fad na h-uine so bha am bodach
agus a’ chailleach a’ slor chaoineadh.
Thubhairt am bodach ris gun robh famhair
mor nan seachd ceann, nan seachd meall agus
nan seachd muineal a’ dol a dh’fhaighinn
nighean an righ an oidhche ud. Cha robh aig
an righ ach i fhein agus is i bha cumail suas an
tighe bhig so. Cha robh iad ach goirid an sin
an uair a chuala iad nighean an righ a’ tighinn a
dh’ fhagail a beannachd dheireannach aig a
h-oide agus a muime. Dh’fhag i beannachd aca
le cheile agus rug i air lamh nan gillean bha
air an t-suidheachan agus an sin dh’fhalbh i.
Cha b’e sin Cearghall. Dh’eirich e as a
deidh. Bha Cearghall cho laidir agus nach
marbhadh duine anns an robh anam e, agus mar
sin cha robh moran eagail aige roimh an
fhamhair. Dh’iarr nighean an righ air tilleadh
ach sud cha deanadh e. Shuidh iad air mullach
cnuic a’ feitheamh an fhamhair. Chuir Cearghall
a cheann air uchd na h-ighne agus bha coltas
a’ chadail air an deidh dha coiseachd cho fada.
“ Ciod e an doigh air an duisg mi thu an uair a
chi mi am famhair a’ tighinn,” arsa ise.
“Gearraidh tu le siosar,” arsa Cearghall, “leud
bonn leth-chruin de fheoil ’s de chraicionn
bharr mullach mo chinn.”
Cha robh Cearghall ach air cadal an uair a
chualas am famhair a’ tighinn. Dhuisg
nighean an righ Cearghall mar a dh’iarr e agus
am prioba bha e air a bhonnan bana. “ A
mhic Righ an Earraidh Uaine,” arsa am famhair,
“ Is fhad o bha mo phoit mhor a’ meirgeadh
anns a’ chuil a’ feitheamh ri d’ fheoil agus ri
d’ fhuil. Bha fiosaichean agus fathaichean ag
radh gum bu tusa chuireadh crloch air mo
bheatha-sa ach ge ta cha tu.”
Chaidh Cearghall agus am famhair am bad
a cheile. Mu dheireadh rinn am famhair an
gnothach agus bha Cearghall ’na shineadh fuar
marbh air an raon. Thog am famhair an sin
nighean an righ air fras-mhullaich a ghuailnean
agus ghabh e gu luchairt a h-athar leatha. Cha
robh duine a nis ’s an rloghachd a bheireadh
bhuaith i. Rinneadh banais thursach, bhronach
dhi agus cha robh nighean an righ idir toilichte.
An larna-mhaireach chaidh am famhair agus
an righ do’n bheinn sheilg agus an uair a dh’
fhalbh iad thainig ise do thigh a h-oide. An
sin fhuair i cungaidh beothachais agus ann an
uine ghoirid bha Cearghall air a thoirt air ais
gu beatha. Thainig e do thigh oide na h-ighne
far an robh a thriuir chompanach a’ fuireach
fhathast. Dh’iarr Cearghall air nighean an
righ, “ an uair a thig am famhair dhachaidh
foighnich thusa dheth c’aite a bheil anam.
Canaidh esan gu bheil anam-san far a bheil e
aig daoine eile ach abraidh tusa nach ’eil, oir
cha robh neach sam bith anns an robh anam a’
dol a mharbhadh Chearghall.” Rinn nighean
an righ mar so. Thubhairt am famhair rithe '
gun robh anamsa am broinn tri brie a bha ann
an tobar an oisinn a’ gharaidh,