Skip to main content

‹‹‹ prev (179) Page 171Page 171

(181) next ››› Page 173Page 173

(180) Page 172 -
AN GAIDHEAL.
An Lunasdal, 1940.
tha labhairt le teanga Grbaidliealach ri
Sasunnaich.
Gidbeadh tha a’ Ghaidhlig ’na canain
urraraach, gun ghoinne, gun laige, canain
laidir deas-fhaclach, canain anns am bheil
fighte suas dhuinne gach ni as cudthromaiche a
dhruidheas air inntinn duine.
’S ann le cronan Gaidhlig ar mathair a
chaidil sinn ’nar n-6ige, ’s ann innte a labhair
sinn gu gagach fann ar ceud bhriathran mar
phaisdean, agus ’s ann innte a chuir ar
n-athraichean a suas an urnuigh dheireannach. •
Tha mi toirt buidheachas do Dhia nach faod
sinn ministear a shuidheachadh ’san duthaich
as eugmhais Gaidhlig, no maighistir sgoil nach
teagaisg a’ chlann ’nan canain mathraichail.
Is e so as aobhar do’n teas ghradh a tha aig
na Gaidheil do dh’fhoglum, agus is ann a
chionn agus gum bheil iad air an teagasg
anns a’ Ghaidhlig a tha iad ag ionnsachadh
cho luath. O’n cheud .la a theid iad do’n sgoil,
tuigidh iad ciod a tha iad a leughadh.”
Ach ged a bha sgoiltean air fhosgladh, cha
robh leabhar leughaidh freagarrach airson na
cloinne aca, agus ghabh Tormoid MacLeoid os
laimh aig cuireadh an Ard-sheanaidh
“cruinneachadh” a dheasachadh, a bhiodh
freagarrach airson nan sgoiltean Gaidhealach.
Chuir e ri cheile eachdraidh agus bardachd, leis
an robh maighistirean sgoile agus sgoilearan
lan riaraichte. B’e so a cheud obair ann an
litreachas airson a luchd-duthcha, agus ged
nach d’ rinn e nl ach so chuir e na Gaidheil
fo fhiachaibh agus comaine mhor.
Ach bha inntinn a ruith air math nan Gaidheal
gun fhois, agus ann am beagan bhliadhnachan
nuair bha luchd leughaidh air dol an
lionmhorachd, thoisich an “Teachdaire
Gaidhealach” air siubhal nam beann, nan
gleann’s nan eileanan.
Ged a tha leabhraichean agus paipeirean
naidheachd do gach sebrsa ri fhaotainn nar
latha-ne, theid againn fathast a bhi tuigsinn
an gairdeachas a rinn ar luchd duthcha nuair
chunnaic iad ’nan canain fein gach gne eolais
a shasaicheadh iarrtus na h-inntinn agus a
dhiiisgeadh aoibhneas a’ chridhe. Ann an
Gaidhlig laidir, bhlasda, bha teagasg fallain
airson sean agus 6g anns an “Teachdaire.”
Bha abhachd, fearas-chuideachd agus
cridhealas ’san “Teachdaire.” Air gach duileag
bha na sean-fhacail, tighean-tasgaidh gliocas
ar sinnsireachd; anns gach leabhar miosail
bha na dearbh bheachdan aig na Gaidheal air
gach cuis ann an cainnt cho nadurra’s ged bha
comhradh gach brocair agus ceisteir, agus
piopaire a reothadh mar a thuit e as am beul.
Bha sean bheachdan agus chleachdaidhean air
am moladh nuair a bha iad airidh air moladh,
agus air an diteadh nuair nach robh iad a reir
gliocais agus eolais. Nan toisicheachadh sinn air
earannan a leughadh de’n Teachdaire tha
eagal orm nach biodh cial sgur againn ach tha
aon chomhradh ann a tha cuir beachdan a
Chomuinn Gaidhealaich cho soilleir an ceill
agus gum feum mi a leughadh, taobh-duilleig 15.
Gun teagamh, cha do sgriobh Tormaid
MacLeoid an “Teachdaire” ’na aonar. Fhuair
e cuideachadh o bhrathair, Iain mor na Marairne,
o Dhonnachadh MacGilleathain, Ministear
Glinn Urachaidh, o Alasdair MacGriogar,
Ministear Inbhirnis, o Nial MacGilleathain,
Ministear Thiridhe, o Lachainn MacGillea¬
thain, an Glaschu, o Mhac an Rothaich,
maighstir sgoile Charradail agus o chairdean
eile. Ach b’e Tormoid MacLeoid a sgriobh a’
mhor-chuid, agus b’ esan a bhrbsnaich agus a
stiuir each.
Ged a b’e an “ Teachdaire ” a mhain a
sheirbhis do dhuthaich, bu mhath a choisinn e
an t-ainm cliuiteach—“ Caraid nan Gaidheal.”
Air gach mios fad da bhliadhna chaidh an
“ Teachdaire” air a thurus a sgaoileadh eolas
agus aoibhneas air a shlighe, agus lean e na
b’fhaide nan d’ rinn na Gaidheil uile an
dleasdanas cho dileas ris an Fhear-dheasachaidh.
Ach thachair do Thormaid MacLeoid mar a
thachair do gach neach agus Comuinn a rinn an
dichioll as leth nan Gaidheal. Bha cuid a fhuair
coire dha agus a rinn dlmeas air an aon leabhar
cho taitneach agus tarbhach agus a chaidh riamh
a sgriobhadh ann an cainnt.
Eadar fuath a naimhdean amaideach agus
briseadh a thainig air a shlainte, chaidh stad
air an “ t-Teachdaire ” an deidh dha ruith
da bhliadhna. Ach “nuar a bhitheas Murchadh
ruadh na thamh bithidh e a ruamhar.” Maille
ri Daniel Deorach dheasaich Tormoid MacLeoid
foclair Gaidhlig, agus chuir e clach eile air
earn a sheirbhis airson a luchd-dfithcha.
Thug e sgriob do dh’ Eirinn agus chunnaic e
gu robh Gaidheil Eireann air cho beag cothrom
ri Gaidheil Albainn. Thog e bratach na
Gaidhlig an Eirinn agus chruinnich e cairdean
na Gaidhlig mun cuairt air. Chuir e
suidheachadh nan Eireannach mu choinneamh
ard luchd-riaghlaidh na tire agus gu gleusda
misneachail thagair e ceartas airson nan
Eireannach. Dh’ iarr e cothrom ionnsachadh
a thoirt do na h-Eireannaich nan canain fein.
Ach nuair a bha an luchd riaghlaidh a reir an
gne a sealltainn air a cheist gu foidhidneach,
thbisich Tormaid air a ni a b’urrainn dha fein
a dheanadh ’gan cuideacheadh. Dheasaich e
Salmadair ann an Gaidhlig Eireannach. Bha
e tamailteach gur ann aig Gaidheal Albannach