Skip to main content

‹‹‹ prev (155) Page 147Page 147

(157) next ››› Page 149Page 149

(156) Page 148 -
H8
An gaidheal.
An t-Iuchar, 1940.
No an da md bn ghrinne bha ’san Eilean :
Clacban an t-Sratb is mnathan Shlcite.
Agus :
Sleite riabbach nam ban boidheach.
Theireadh na Leodhasaich mu each a cheile :
Fir a’ Chladaich is Bodaich Nis
Sulairean sgire na h-Uidhe,
Luchd-aoidheachd nan Loch
Is Daoin-uaisle Uig.
Agus so mar a bha na Colbhasaich a’ sloinneadh
a cheile :
Sgritheal, sgrathal, Scalasaig,
Carrachan nam machraichean,
Daolagan Chill Odhrain,
Is Daoine-mora Chill Chatain.
Siuthadaibh nis, cuiribh thugam mar a
shloinnte muinntir aite sam bith eile, agus bheir
Gaidheal am follais e.
Tha an cogadh a’ fas na’s cruaidhe agus na’s
sgriosaile. Mar a tha fhios aig an t-saoghal rinn
Leopold righ nam Bolgach gniomh nar, gniomh
cho nar agus nach cualas riamh roimhe a
leithid, thug e e-fhein agus an t-arm uile aige
thairis do na Gearmailtich. Co-dhiubh is e
gealtachd no cealgaireachd a thug air so a
dheanamh chan ’eil fhios, ach is coma. Dh’
fhag so an t-arm againne agus cuid de armailt
na Frainge an cuil chumhang am Flandrais,
ach nochd iad gaisge agus innleachd cho mor,
no na’s motha, ’sa nochd arm a riamh roimh
ann a bhi faotainn as a’ chuil sin, agus an
cladach a ruigsinn aig baile Dhuncirc far an
tugadh air bord gach seorsa luing is soitheach is
bata iad—335,000 saighdear—agus air an do
aisigeadh a nail iad gu dol air ais do aite
freagarrach eile ’sa’.Fhraing. Tha tancaichean
is carbadan-airm is sgiathalain-cogaidh is
inxiealan sgrios.eile aig a’ Ghearmailteach cho
lionmhor ris a’ mheanbh-chuileig ; agus fhuair
e leis mar sin car greis—a thaing sin do Leopold
truagh—ann a bhi cur Bhelgium gu tur fo a
chasan. Tha e an drasda a’ sgrios cuid de
thalamh na Frainge, agus am meadhon a
h-uile dad cealgach, agus gach ana-ceartas a
th’ ann, tha Mussolini agus na h-Eadailtich, an
duirt Koosevelt, Uachdaran nan Staidean
Aonaichte, air leum a chul a cinn air Breatainn
agus air a’ chore a shathadh ’na druim. Ach
chan ann a chum bais a tha an lot sin, agus
gheibh iad uile—an Eadailt comhla ri each
—a mach air an cosg gun striochd iad, agus iad
gu maith fann, air a’ cheann mu dheireadh.
Ged is e so an uair-san, agus cumhachd an
uile annta, theid stad agus tilleadh orra. Is
ionghantach cho fada ’sa gheibh cumhachdan
an dorchadais leotha, ach mar a bha o thus
theid ruaig orra agus sgriosaidh iad iad-fhein.
Sin mar bhios deireadh Hitler agus Mhussolini,
agus deireadb an sgioba aingidh a tha an comh-
bhuinn riutha.
Chan e nach ’eil an armailt againne agus
armailt na Frainge a’ toirt dubhlan dhaibh
nuair a tha iad faisg air duine air an duine, ach
tha thri ’sa’ cheithir uibhir aca-san air an
talamh, agus a dheich uibhir ’san adhar, mur
’eil barrachd. Ach an deidh sin tha ar saigh-
dearan-adhair ag cur an teiche orra cha mhor a
h-uile turus a choinnicheas iad ri cheile ’sna
speuran.
Tha sinn air taobh a’ cheartais, agus is e sin
taobh Dhe, agus chan ’eil teagamh sam bith
nach toir sinn a’ bhuaidh orra air a’ cheann
thall.
Tha e coltach gu bheil fiaclan muinntir
Leodhais na’s fhallaine agus na’s coimhlionta
na tha fiaclan dhaoine an aite sam bith eile
am Breatainn. Chuir an riaghaltas—tre Oifis
nam Paipearan—a mach o chionn ghoirid
leabhran beag fo’n ainm “ Galair Fhiacal an
Eilean Leodhais ” (air aon tasdan am fear), agus
thatar ag inrise an sin mar a rannsaich lighiche
fhiacal beul aireamh shonraichte de chloinn na
sgoile an Leodhas, agus an aireamh cheudna air
tir-mor, air taobh-siar Bois agus ann an
Lunnainn agus an Sheffield.
Air an duthaich ann an Leodhas tha 28
’sa’ cheud de’n chloinn gun ghaoid sam bith
’nam fiaclan—agus ann an aon aite uibhir ri
50 ’sa’ cheud—agus sin an coimeas ri 6.3 ’sa’
cheud an siorrachd Rois, agus 1.9 ’sa’
cheud an Lunnainn agus 2.5 an Sheffield.
Fhuaras an aon atharrachadh eadar cloinn na
duthcha agus cloinn baile Steornabhaigh, cha
robh ach a’ 2 ’sa’ cheud saor o ghaoid an siru
Tha an leabhar ag radh gu bheil e air a
dhearbhadh le cinnt a nis, gur e cho fallain agus
cho nadurra agus a tha am biadh air an
duthaich as aobhar dha so. Tha fhios gu bheil
na thatar ag cleachdadh de na tha fas riutha
fhein ’na mheadhon air, tha agus gur e iad
fhein a tha ’ga dheasachadh, agus gu seachd
sonraichte an t-aran corca agus an t-aran
fliuir. Ach is ionghantach mura mill na
bhanaichean so le bhi toirt biadh deasaichte
nam buitean chun nan dorsan.
Tha sinn ag creidsinn nan robhtar air cloinn
nan eilean eile a rannsach a thaobh am fiacal
gu robhas air an dearbh ni fhaotainn agus a
fhuaireadh an Leodhas, no co-dhiubh gle
fhaisg air. Agus rud eile, nan robh comas air
eanachainnean a rannsachadh gum faighte
an ni ceudna ’sa fhuaireadh a thaobh nam fiacal!