Skip to main content

‹‹‹ prev (156) Page 148Page 148

(158) next ››› Page 150Page 150

(157) Page 149 -
An t-Iuchar, 1940.
AN GAIDHEAL.
149
Gu robh mile math aca-san a thasgriobhadh
thugainn a dh’ innse dhuinn mar a tha an
Gaidheal ’na thoileachadh agus ’na urachadh
dhaibh a h-uile mios, gu h-araidh an drasda
ri am cogaidh. Sgrlobh feadhainn thugainn
mu dheidhinn an earrainn-chinn a bha ’sa’
Ghaidheal mu dheireadh—An Eaglais agus a’
Ghaidhlig—ag radh nach robh facal againn ach
an tul-fhirinn, agus gum bu choir a bbi air a
chur na bu gheoire na bha e, agus na Gaidheil
a narachadh. Smaoinich, arsa fear no dha
mun chuis so, air muinntir na Gaidhealtachd ag
gairm ministear do sgire agus do bhaile seach
gu bheil bias Beurla caol-shraidean a’ bhaile-
mhoir air an teangaidh aige, agus gun smid
Ghaidhlig ’na cheann. Nach ann air na Gaid¬
heil a thainig latha na bochdainn, arsa iad-san.
* * *
Bha mi duilich bas Uilleim Borland, A .M.
Maighstir-sgoile Ghearraidh na Monadh fhaicinn
beagan sheachdainean air ais. Bhuineadh e
do shiorrachd Air agus tha fichead bliadhna
bho chaidh e dh’ Uibhist air ceann sgoil
Ghearraidh na Monadh. Cha luaithe chaidh e
ann na thoisich e air ionnsachadh na Gaidhlige
canain an t-sluaigh am measg an do shuidhich
e a chrannchur, agus ann am beagan
bhliadhnachan bha e gu maith coimhlionta innte
agus a’ teagasg a leughadh do an chloinn. Bha
e ’na shuileagan do mhoran, bha eadhon do
mhoran a chaidh arach air a’ Ghaidhealtachd
fhein. Dh’ fhag sin meas air an Uibhist.
Bha e ’na dhuine cliuiteach agus feumail
am measg an t-sluaigh, agus ’na fhoirbheach’s
an eaglais.
Bha mi o chionn grunnan bhliadhnachan
comhla ri caraid dhomh a’ seoladh timchioll
nan Eileanan Siar agus thachair dhuinn sabaid
a chur seachad ann an acarsaid Loch Baghasdail.
Thairg mi do’n mhinisteir anail a thoirt dha,
agus gun gabhainn fhein seirbhisean an latha.
Thug e do Ghearraidh na Mdnadh mi air an
fheasgar, agus bha seirbhis laghach againn an
sin. Co bha togail fonn nan Salm ach Mgr.
Borland agus is maith a thigeadh sin dha ann
an Gaidhlig thoirteal Uibhist.
Bha e ’na ard sgoileir agus ’na dheagh oid-
ionnsachaidh, agus cha robh duine a chuir
eolas air nach do ghabh ciataibh dheth. Tha
sin a’ fagail caoidh is ionndrain air an diugh an
Uibhist.
Tha sinn ag cur feum air misneach ’sna
l&ithean cruaidh is carraideach tha an so.
Bithidh, ma tha, a’ chuibhrionn sin de’n
Fhirinn a tha ag innse dhuinn eachdraidh
Dhaibhidh is Gholiath a’ tighinn thugamsa
gu maith trie ga mo mhisneachadh. Tha e ’na
mhisneach is ’na dhdehas dhomh gu bheil
Hitler is na Gearmailtich is na tha an cleamhna,8
riutha direach mar a bha Goliath is na Philistich.
Tha Hitler, curaidh nan Gearmailteach, mor
agus cumhachdach, cho mor agus cho cumh-
achdach is nach ’eil aon duine eile air
ah t-saoghal a sheasas ris ’na bheachd fein.
Tha e fhein ’na leth-dhia, agus tha a leithid a
dh’ armachd agus a shluagh aige ’na bheachd
fhein agus gum pronn e duine sam bith, no na
thogras tighinn ’na aghaidh, cleas Gholiath o
Ghat. Gheibhear an eachdraidh sgrlobhte
ann an ceud Leabhar Shamuel ’san t-seachdamh
caibideil deug. So agaibh cuid dhi:
Agus sheas na Philistich air sliabh air aon
taobh agus sheas Israel air sliabh air an taobh
eile ; agus bha gleann eatorra. Agus thainig
curaidh a niach a camp nam Philisteach, d’am
b’ ainm Goliath o Ghat, anns an robh s4a
lamhan-coille agus reis air airde ; agus bha
clogaid umha air a cheann, agus bha e air
eideadh le luirich mhailich: agus b’e cothrom
na luiriche cuig mile secel umha. Agus bha
coisbheart umha air a chosaibh, agus targaid
umha eadar a ghuaillibh. Agus bha crann a
shleagha mar gharmain figheadair; agus bha
ann an ceann a shleagha sea ceud secel iaruinn :
agus bha fear ag giulan sgeithe ag imeachd
roimhe
Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh,
An cu raise, gun tigeadh tu am ionnsaigh le
bataichibh ? agus mhallaich am Philisteach
Daibhidh ann an ainm a dhiathan.
Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh,
Thig am ionnsaigh-sa agus bheir mi d’ fheoil do
eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na
macharach.
An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach,
Tha thusa a’ tighinn am ionnsaigh-sa le
claidheamh, agus le sleagh, agus le sgeith;
ach tha raise a’ teachd ad ionnsaigh-sa ann an
ainm Thighearna nan sluagh, Dia armailtean
Israel d’an tug thusa dubhlan. Air an la
’n diugh bheir an Tighearna thairis thu do
m’ laimh-sa, agus buailidh mi thu, agus
buinidh mi dhiot do eheann, agus bheir mi
closaichean fheachd nam Philisteach air an la
’n diugh do eunlaith an adhair agus do fhiadh-
bheathaichean na talmhainn ; chum gum Bi
fios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an
Israel. Agus bithidh fios aig a’ choimhthional
so uile, nach ann le claidheamh no le sleagh a
shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna
an cath, agus bheir e sibhse d’ar laimh-ne.
Agus an uair a dh’ eirich am Philisteach agus
a thainig e agus a tharruing e am fagus an
coinneamh Dhaibhidh, an sin rinn Daibhidh
cabhag, agus ruith e dh’ ionnsaigh na h-armailt