Skip to main content

‹‹‹ prev (154) Page 146Page 146

(156) next ››› Page 148Page 148

(155) Page 147 -
An t-Iuchar, 1940.
AN GAIDHEAL.
147
Bardachd ri am cogaidh. Chan ’eil
teagamh sam bith nach ’eil deagh bhardachd ’na
meadhon urachaidh is misneachaidh ri am
cogaidh. Chan ’eil turns a theid mi seachad an
drasda air far an do rugadh agus an do thogadh
Dughall Bochannan beannaichte nach bi mi
smaoineachadh air an sin, agus tha so ga mo chur
gu maith trie dh’ ionnsaigh an leabhair aige. Tha
Dughall Bochannan na’s oirdheirce agus na’s
airde is na’s doimhne na bhardachd na gin sam
bith eile de na baird Ghaidhealach. Tha
smuaintean na’s airde agus na’s oirdheirce aige
na tha aig na baird mhora Ghaidhealach eile.
Tha smuaintean is mac-meanmna Dhughaill
Bochannan fada fada os cionn chach, agus sin
am bardachd a tha binn barraichte. Cha do
mhill e aon chuid a bhardachd no a smuaintean
le lionmhorachd bhriathran no gleangarsaich
fhacal mar a rinn a chuid as motha de na baird
mhora Ghaidhealach eile.
Chan aithne dhomh, ma tha, bardachd eile
as freagarraiche chum seasmhachd is sith a
thoirt do chridhe is do inntinn dhaoine aig
am carraideach mar so na laoidhean Dhughaill
Bochannan. Faodar an leabhar aige fhaotainn,
agus e ann an cruth eireachdail, agus air a
bheartachadh gu foghluimte leis an Ollamh
Domhnall MacGilleathain an Dun-eideann. Is
fhiach e uibhir de’n or.
Is ann ’san sgire so—an sgire Bhoth-chuidir—
a rugadh ’sa thogadh Dughall Bochannan, ann
an aite ris an canar Ardach far an robh gabhail
bheag fhearainn aig athair; agus b’e muilleir
na sgire cuideachd. Tha Ardach laimh ri far
am bheil baile Strath-fheoir. Chithear ’sa’
bhaile sin, direach mar a thig thu mach a
fasadh na treine, carragh-cuimhne air a’ bhard
ainmeil.
Ciod e as fhearr gus ar togail os cionn stri is
beagannas dhaoine aingidh ri am cogaidh na
“Morachd Dhe ”? no gu mothachadh a thoirt
dVniinn air comh-fhaireachdain Dhe ri saoghal
caillte, agus air an innleachd ionghantach a
dh’ ullaich e chum a shaoradh, na “ Fulangas
Chriosd” ? Ciod e a’ bhardachd as fhearr gus
ar cridheachan a shocrachadh air carraig
sheasmhach na “ Urnuigh ”? Ciod e as
freagarraiche do fhear-feachd, co-dhiubh tha
e am feachd an High ri aghaidh catha, no mar
a tha sinne, a’ deanamh ar dichill aig an tigh, na
“ An Gaisgeach ” 1 Agus tarruingidh oran a’
“ Chlaiginn ” agus “ An Geamhradh ” agus
“ La a’ Bhreitheanais ” inntinn is mac-meanmna
dhaoine dh’ ionnsaigh nithean siorruidh is
seasmhach.
Tha bardachd de an t-seorsa so—agus chan
’eil na’s comasaiche agus na’s druidhtiche againn
an Gaidhlig—’na beathachadh agus ’na neart
do inntinn is do spiorad duine aig am sam bith,
ach gu h-araid aig am cogaidh is iomagain is
broin.
* * *
Chaidh faighneachd dhiom iomadach uair
bho thoisich an cogadh an robh Leabhar
Laoidhean Gaidhlig ann a gheibhte saor.
Dh’ innis mi dhaibh, agus tha mi ’ga innse an
so gus am bi fhios aig na h-uile air, gu bheil:
comh-chruinneachadh ris an canar “ An
Laoidheadair,” leabhar cho saor agus cho
taitneach agus a dh’ iarradh duine. ’Se
comh-chruinneachadh de na laoidhean as fhearr
a th’ ann, agus tha na fuinn an cois nan oran.
Tha an leabhar ann an comhdach eireachdail
agus chan ’eil e ag cosd ach aon tasdan. Tha
e air a chur a mach le Eaglais na h-Alba agus
gheibhear e leis a’ phost air tasdan is ceithir
sgillinn bho 121 Sraid Shedrais an Dun-eideann,
no bho luchd-leabhraichean an aite sam bith.
Tha Comh-chruinneachadh de Laoidhean
Spioradail ann a rinneadh airson nan Caitliceach
leis an Athair Ailein Domhmjllach nach
maireann, ach tha e duilich fhaotainn a nis,
agus gun e na’s fhaide an clddh. Bu choir do
mhuinntir Bharraigh an leabhar ciatach so a
chlodh-bhualadh as ur ; bhiodh e ro fheumail
an drasda do na Gaidheil Chaitliceach, agus
gu h-araidh dhaibh-san a th’ air falbh am
feachd an High ri aghaidh cruadail.
Cha do chuir gin de Chomunn na h-Oigridh
radh far-ainm thugammu dheidhinn muinntir
cearn sam bith de’n duthaich mar a bha mi
ag iarraidh ’sa’ Ghaidheal mu dheireadh. Cha
do chuir no duine sam bith eile. Fagaidh sin
an leabhar maith Gaidhlig a gheall mi agam
fhein an drasda. An e nach aithne dhaibh na
seann radha so ? Tha mi ag creidsinn gur e.
Ach shaoilinn gum faodadh iad an togail
fhathast bho sheann daoine anns gach cearn
de’n duthaich. Co-dhiubh so agaibh fear no
dha eile dhiubh. Theirte mu dheidhinn
muinntir an Eilein Sgitheanaich :
Faochagan an t-Srath, Eireagan Shleite,
Maothagan Throdarnais, Fiasgain Bhatarnais,
Agus saoidheanan Ratharsaidh.
Agus theirte rithist:
Cearcan Rothaig is Geoidh Bhatarnais,
Mogain Dhiuirinnis is luchd-na-stapaig
Throdarnais.
Theirte cuideachd:
An Srath-Fhionghainneach geal
’San grinne beus gun smal,
An Srath as cruaidhe clach
’San sgaitiche cu is bean.