Skip to main content

‹‹‹ prev (153) Earrann 10, An t-Iuchar, 1940Earrann 10, An t-Iuchar, 1940

(155) next ››› Page 147Page 147

(154) Page 146 -
AN GAIDHEAL.
An t-Iuchar, 1940.
146
seanfhacal: “ is fhearr an fhirinn na’n t-6r.”
Agus a ris theirte : “am fear nach guth a
ghuth eha rath a rath.” Sheasadh an G-aidheal
ri- a fhacal ge b’e de thachradh; agus bha
fhacal beoil cho seasmhach agus cho luachmhor
aig a’ Ghaidheal ri sgriobhadh ris an cuireadh
e a lamh. Nuair bheireadh an Gaidheal fhacal
seachad cha robh ni air thalamh a bheireadh
air gun seasamh ris. Ach tha e a’ faicinn an
diugh gu bheil a’ bhreug cho maith leis a’
Ghearmailteach ris an fhirinn, agus na’s fhearr
ma tha sin ag co-fhreagairt ri ghnionaharran
ole fhein. Agus dh’ fhuathaich e firinn Dhe
fhein seach gu bheil i ag cronachadh na breige
’sa bheil esan a’ tighinn bed.
Tha a h-uile ni a th’ ann, a tha timchioll
air a’ Ghearmailteach agus ceangailte ris, calg-
dhireach an aghaidh na nithean sin a bha
agus a tha luachmhor aig na Gaidheil agus aig
gach cinneach ceart eile. Tha so a’ toirt
seasmhachd dhuinn anns a’ chas anns a bheil
sinn an sas—seasmhachd ris nach dealach sinn
fhad ’sa bhitheas boinne fala ’nar colainn.
Ach ged tha so—gu bheil sinn air taobh na
firinn agus na saorsa agus a cheartais—’na
mheadhon misnich agus ’na aobhar seasmhachd
dhuinn aig an tigh, is e tha gu h-araidh gar
cumail suas agus ag cur spionnaidh an lamh
agus an cridhe nan Gaidheal, a bhi
cuimhneachadh orra-san a tha air falbh ri
aghaidh cruadail. Thatar daonnan ag
cuimhneachadh air an seasmhachd-san ann an
cunnart agus ann an gabhadh air muir agus air
tir agus anns an speur.
Nuair, ma tha, tha iadsan a th’ air falbh cho
seasmhach agus cho dileas eadhoin gu bas
ag cogadh an aghaidh naimhdean bruideil a tha
saltairt nam beannachdan mora so fo an casan
carson nach biodh sinne a tha aig an tigh, ann
an suidheachadh a tha moran na’s fhusa,
seasmhach agus dileas.—eadhoin air sgath
nan gillean calma a tha air falbh. Tha sinn ann
an sin agus bithidh.
Tha mar sin an obair aig an tigh a’ dol air
adhart mar a chleachd. Faodaidh fios a bhi aig
ar seoladairean agus aig ar saighdearan a tha
ri aghaidh bualaidh agus a’ dion na dachaidh
gu bheil sinne aig an tigh cho seasmhach anns
gach cuis is gnothach a tha ’na chul-taic dhaibh-
san ’sa ghabhas deanamh. Biodh fhios aca
gu bheil na h-uile aig an tigh a’ deanamh an
dichill’s an dleasdanais chum taic is cuideachadh
a chumail riutha-san ann a bhi toirt buaidh
air a’ Ghearmailteach. Tha an rioghachd uile
ag cur feum air an sin. Feumar na ghabhas
deanamh a sholar—agus nitear sin—de thacar
mara is tire aig an tigh chum is nach bidh sinn
uile gu leir an crochadh ris na tha tighinn thar
chuan. Bu mhaith leinn, ma tha, fios a bhi aig
na balaich a tha air falbh gu bheil na Gaidheil
aig an tigh seasmhach is dileas dhaibh ’s an
doigh so—gu bheil gach obair baile agus tire
is mara a’ dol air adhart le dilseachd is dealas
nach cuimhne le duine tha bed.
Ach mar as maith tha fhios aca tha iad
seasmhach dhaibh ann an doigh eile. Thatar
’gan cuimhneachadh daonnan aig cathair
grais. Moch is anmoch thatar seasmhach
dhaibh aig altair an teaghlaich le bhi ’gan
cur air churam an T1 sin as urrainn an
gleidheadh an cogadh agus an gabhadh agus
a ni iad nan tuilleadh agus luchd-buaidh.
Cha robh riamh, tha sinn ag creidsinn,
barrachd urnuighean—gu diomhair agus gu
follaiseach—air an cur suas na tha an diugh
as leth ar luchd-cogaidh. Tha iadsan a tha
aig an tigh seasmhach ’sa’ chuis so dhaibh mar
a tha iad ann an cuisean feumail eile.
FACAL ’SAN DOL SEACHAD.
Laoidh Na Rioghachd.
Failt, mile failt do’n High ;
Slainte, deagh shlaint do’n Righ ;
Gras Dhe do’n Righ.
Crun thus’ e, Dhe, le gldir ;
Crim e le gradh a shldigh,
Guidhe ar cridh’s ar bedil,
Deagh shlaint do’n Righ.
Eirich, a thriath nam feart,
Eirich, a Dhe ar neart,
Do’n Righ thoir sith.
Tog thusa suas do lamh,
Buadhaich thar neart gach namh,
Deonaich do’n rioghachd tamh,
Re laith an Righ.
Tiodhlacan maith do stoir,
Gu fialaidh saoibhir doirt
Air ceann an Righ :
Gun dlon e lagh’s gach teinn,
Rath fior gum hi r’a linn ;
A shloigh gu sior gun seinn
Deagh shlaint do’n Righ.
Tha sinn an dochas gun ionnsaich an oigridh—
agus feadhainn eile cuideachd—an laoidh
ainmeil so air an teangaidh. Tha sin ceart
agus iomchuidh an drasda, agus tha an laoidh
airidh air.