Skip to main content

‹‹‹ prev (152) AdvertisementsAdvertisements

(154) next ››› Page 146Page 146

(153) Earrann 10, An t-Iuchar, 1940 -
EDITOR:—Rev. MALCOLM MACLEOD, M.A., Manse of Balquhidder, Slrathyre, Perthshire, to whom all
literary communications should be addressed; business and other communications to 131 West Regent Street,
Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leabhar XXXV.J An t-Iuchar, 1940. [Earrann 10
SEASMHACHD NAN GAIDHEAL.
lli.tin cho seasmhach agus a tha na G-aidlieil
an cumantas greim gu teann air m’ inntinn
agus mi a’ beachd-smuaineachadh air na
gillean calma a tha air falbh am feachd an
Righ. Bha seasmhachd is gaisge nan Gaidheal
ainmeil feadh gach linn o thus an eachdraidh.
Tha cuimhne aig an t-saoghal fhathast, agus
gu seachd sonraichte aig na Gearmailtich, air
seasmhachd is gaisge nan Gaidheal ’sa’ chogadh
mhor roimhe so. Nach e na deamhnan
bhoirionnach a theireadh iad ri gillean an
fheilidh. Ach gu leibideach chan fhaic iad am
feileadh a nis agus e air a chur air chul car
greis mar eideadh catha, ach an deidh sin tha
sinn lan chinnteach gum faigh ar naimhdean
a mach gu bheil an aon seasmhachd is ghaisge
fo’n bhrigeis lachduinn agus a bha fo’n fheileadh.
Tha cuimhne agam gun ghlacadh aon uair
drdugh-airm air cuid de na saighdearan
Gearmailteach ’san Fhraing ri am a’ chogaidh
mhoir mu dheireadh, agus bha sgriobhte air
an ordugh so ainmean na roinnean de’n
arm BJireatannach bu sheasmhaiche agus bu
chumhachdaiche agus roimh air am bu mhotha
a bha dh’ eagal aig na Gearmailtich. Bha an
Roinn Ghaidhealach—an t-aon deug ’s da-
fhichead—air fior thoiseach na sreatha. Fhuair
iad mar an ceudria’ an cliu so bho’n ehuid eile
de’n arm Bhreatannach.
Tha fhios, ma tha, gu bheil an aon seasmhachd
agus an aon dhilseachd an cois nan Gaidheal
an drasda. Nochd iad sin a cheana air muir
agus air tlr, agus is ionghantach mur ’eil cuid
aca ’ga nochdadh’san adhar cuideachd; tha gu
leor ma tha sloinheadh Gaidhealach ’na
chomharra air fuil a’ Ghaidheil. Tha fhios aig an
t-saoghal air an seasmhachd agus an gaisge agus
an ealantas air muir bho thois'ich an cogadh so.
Tha uaill oirnne a tha aig an tigh asda, agus
tha dearbh chinnt againn gum bi iad seasmhach
is dlleas anns gach suidheachadh is cath anns
am bi iad. Tha earbsa againn asda, agus is
sinn a dh’ fhaodas.
* * *
Ach is ann a bha mi a’ beachdachadh gu
sonraichte air ar daoine aig an tigh air a’
Ghaidhealtachd—air cho seasmhach agus cho
dileas agus cho cruaidh ’sa tha iadsan an drasda
ri am cogaidh is cruadail, agus iad daonnan
le cridhe iomaganach. Chan ’eil sin ’na
ionghnadh agus sinn ag cath ’sa comhrag air
sgath agus a’ dion na nithean sin a bha riamh
luachmhor is muirneach aig na Gaidheil—•
saorsa agus ceartas agus firinn, agus eadhon
soisgeul na slainte. Thug sinn iomradh mar
tha ’sa Ghaidheal air mar a sheas na Gaidheil
aig tus eachdraidh airson saorsa an daoine is an
dachaidhean an aghaidh mor fheachd is
ehumhachd na Roimhe, agus air cuid de na
briathran druidhteach a labhair Calgach
ceannard nan Gaidheal ri a shaighdearan air
a tha blair Monadh a’ Chrub, latha a chuir
tilleadh air na Rdmanaich air chor agus nach
tugadh ar rloghachd gu tur fo chis leotha-san
Ino le rioghachd eile.
Bha agus tha, ma tha, saorsa an cridhe agus
am fuil a’ Ghaidheil; agus tha an dearbh rud
fior a thaobh ceartais. Cha robh agus chan ’eil
ni ann a riaraicheas an Gaidheal a thaobh
ceartais ach “ cothrom na Feinne ”—duine
air an duine, gun fath a ghabhail air barrachd
dhaoine no le tuilleadh uidheam taobh seach
taobh. Tha sinn ag cogadh air son ceartais anns
gach doigh a ghabhas tu e. Agus a thaobh
firinn bha an Gaidheal riamh seasmhach, agus
an fhirinn ro luachmhor aige ; an dubhairt ar