Skip to main content

‹‹‹ prev (139) Page 131Page 131

(141) next ››› Page 133Page 133

(140) Page 132 -
m
AN GAIDHEAL.
Nacli bochd gur ann an daoiread a tha
gnothaichean puist an ceann a’ cheud bliadhna—
litir fhein da sgillinn is bonn-a-sia an aite
sgillinn ceud bliadhna air ais. Rinn an cogadh
sin, co-dhiubh moran dheth; ach is fhiach
saorsa agus ceartas is naomhachd sin is barrachd.
Ciod nach toir duine noaith air son a shaorsa?
Bha e air a radh nach dealaich duine maith ri
shaorsa ach le bheatha.
Tha cumhne agam air an rud a thubhairt
luchd riaghlaidh Alba agus iad a’ sgriobhadh
dh’ ionnsaigh a’ Phap ’san Rohnh ’sa’ bhliadhna
1320. Bha so sia bliadhna an deidh Blar
Allt-a-bhonnaich agus am Brusach ’na righ
cliuiteach is muirneadh os an cionn. Thubhairt
iad ris a’ Phap nam b’e agus gum buineadh am
Brusach ri an saorsa, muirneach is gan robh e
aca, agus nan nochdadh e uair sam bith iarrtas
air iad-san a thoirt fo chuing aig sluagh eile,
nach bu luaithe a dheanadh e sin na chuireadh
iad air chid e agus a ghabhadh iad fear eile mar
righ os an cionn, o’n arsa iadsan : “Chan
ann air son gloir agus saoibhreas agus urram a
tha sinn ag cogadh ach air son saorsa, nl nach
caill duine maith sam bith ach le a bheatha.”
An t-Urramach Eachann Camshron nach
maireann. Is ann le flor dhuilgheadas a chuala
sinn a’ sgeul-bhroin gun chaochail ar caraid
caomh an t-Urramach Eachann Camshron
ministear na Moighe air ochdamh la a’ Cheitein.
Cha robh e gle mhaith ’na shlainte o chionn
greis, ach an deidh sin hha duil agus dochas gun
faigheadh e na b’ fhearr. Ach cha robh sin an
dim. Thainig a’ chrioch gu h-obann, agus chaill
na Gaidheil caraid agus fear-duthcha da-
riribh.
Shaothraich e mar mhinistear an caochladh
cearn de’n Ghaidhealtachd, agus bu lionmhor
a chairdean anns gach aite an robh e. Bha e
an toiseach greis taobh Loch Finne, agus
aireamh bhliadhnachan an Cille Mhairtinn,
agus ar rls anns an Oban Latharnach mun
deachaidh e do’n Mhoigh. Ged tha sinn a’
toirt iomraidh air a bheatha is a chliu ann an
aite eile ’sa’ Bheurla bu mhaith leinn so a radh
an so : Gu robh e ’na mhinisteir eudmhor is
soisgeulach, ’na charaid dlleas, agus ’na fhior
Ghaidheal air gach doigh. Bha e ’na chompanach
taitneach agus ’na aoibhneas is ’na fhearas-
cuideachd ann an comunn sam bith anns am
bitheadh e ; agus e lan sheanchasan laghach.
Bha greim neo-abhaisteach aige oir gnathasan-
cainnt na Gaidhlige, agus ’na fhear-labhairt an
canain a’ mhathar cho ealanta ri fear sam bith
a b’ aithne dhuinn. Bha freumhag mhaith de
spiorad na bardachd ann mar a chithear bho
An t-Og-mhios, 1940.
na h-6rain a rinn e agus a tha air an clodh-
bhualadh anns an leabhar eireachdail sin a
dheasaich e fein, “ Na Baird Thiristeach.”
Tha e duilich dhuinn a thuigsinn gu bheil e
air falbh. Cha d’ fhuair e latha fior fhada,
cha robh e ach ’na bhraisiche, no co-dhiubh
faisg air an sin, nuair a fhuair e an gairm. Is
fhada bhios sinne agus na Gaidheil an iomadh
cearn ’ga ionndrainn, agus tha comhfhaireach-
dainn againn ri a mhnaoi agus ris a’ chloinn
’nan aonranachd is ’nam bron, agus ri a
bhraithrean is a luchd-gaoil anns an teaghlach
do am buineadh e.
Tha an Olaind agus a’ Bhalgaich a nis ’g
an sgrios aig a’ Ghearmailteach direach mar
a rinn e air rioghachdan beaga eile na h-E6rpa.
Tha e ’g an smaladh air gach doigh a theid aige
air gun diu do Dhia no do shubhailc a hha riamh
am measg dhaoine. Tha e air leum orra gun
aobhar cruthaichte ach gun robh iad as an
rathad air ann a bhi faotainn gu Breatainn
agus chun na Frainge los buille sgrios a thoirt
dhaibh-san. Tha gach ni bruideil agus mi-
ghnathaichte aige ’ga chleachdadh ann a bhi
mort ’sa’ marbhadh gach neach nach toir geill
dha. Ach tha na duthchannan so a’ seasamh
gu duineil ’na aghaidh le comhnadh Bhreatainn
agus na Frainge,agus ag cogadh ris le gaisge is
treubhantas a tha neo-chumanta.
Theid stad air, agus ciosnaichear fhathast e,
agus chi esan agus an saoghal uile gun teid gach
aingidheachd is mi-stiurachd is ana-Criosdachd
bun-os-cionn, agus gun seas ceartas is f ireantachd
fhathast air an talamh, agus sin le comhnadh
Dhe o’n tha an Fhirinn ag radh : “Agus bheirear
an rioghachd agus an tighearnas agus morachd
na rioghachd fo neamh uile do mhuinntir naomh
an Ti as ro airde ; is rioghachd shiorruidh a
rioghachd agus bheir na h-uile thighearnais
umhlachd agus geill da.”
Tha a’ ghairm, ma tha, gu gach duthaich is
rioghachd, agus gu gach duine ceart agus
flbr, iad a thighinn gu comhnadh Dhe an
aghaidh nan cumhachdach. Cha dean learn
leat feum oir tha an Fhirinn fhein, a thaobh
cuis saorsa is ceartais is fireantachd, ag radh :
“ ladsan nach ’eil leinn tha iad ’nar n-aghaidh.”
Am Fear-deasachaidh.
$
Latha a’ bhlair is maith na cairdean—
Friends are good on the day of battle.