Skip to main content

‹‹‹ prev (138) Page 130Page 130

(140) next ››› Page 132Page 132

(139) Page 131 -
An t-Og-mhios, 1940.
AN GAIDHEAL.
an-iochdmhor sin Hitler; agus tha muinntir
Norbhaigh a nochdadh gu bheil gaisge is cruas
nan seann Bhigeach ’nan cridhe is ’nan gairdean
fhathast. Tha iad a’ nochdadh sin gu soilleir
air muir agus air tir. Agus cho maith, sguabaidh
iad fhein agus na Breatannaich na Gearmailtich
gu tur a mach as an tlr agus bho an cladaichean.
* * *
Bha far-ainm aca aon uair air na
daoine a bhuineadh do gach cearn fa
leth ’sa’ Ghaidhealtachd. Theirte mu
dheidhinn muinntir Meadhoin Earra Ghaidheal:
Crodh maol Chnapadail,
Eich chloimheach Ghlasairigh,
Eithich dhubha Chreiginnis,
Is coilich Airigh Sceodnis.
Tha cuimhne agam air rann de’n t-seorsa a
chluinntinn mu thimchioll grunnan maith
aitean is dhaoine eile, agus gu h-araidh ’sna
h-Eileanan. Mu mhuinntir He theirte :
Cearcan badach Bhaile Ghrainn,
Arabaidheanaich Chille Mheinnidh,
Tunnagan fiathaich Cheann Chaoilte,
Is radain chaola Thir Mheaghagain.
Chuala mi rann mar so air Colbhasa; dha no
thri air muinntir an Eilein Sgitheanaich; fear
no dha air muinntir Leodhais; agus air grunnan
aitean eile air an dbigh cheudna.
Cuiridh mi leabhar maith Gaidhlig dh’
ionnsaigh an neach de Chomunn na h-Oigridh
a chuireas thugam an rann as fhearr de an
t-seorsa, agus gu h-araidh muna robh e riamh
an clodh; agus cuiridh mi ceud taing dh’
ionnsaigh neach sam bith eile a chuireas fear
thugam. Cuiridh sinn a mach ’sa’ Ghaidheal
iad gus am faic ar luchd-leughaidh uile iad.
* * *
Bha an drochaid ur a chaidh a thogail
thairis air Loch Long aig an Dornaigli air a
fosgladh air 30mh de’n Ghiblein so chaidh.
’Se drochaid eireachdail da-riribh a tha ’san
drochaid; bu choir di sin, chosd i tri fichead
mile punnd Sasunnach (£60,000). Is ann a
fonmhas a’ chruin a thainig a chuid mhor bu
mhotha de’n so, thainig 75%. Sheas sporan
na siorrachd ris a’ chorr de’n chosdais, ach
gheibh iad air ais ri tide e le bhi togail ceithir
tasdain a chis air gach car a theid thairis air
an drochaid. Tha so daor gu leor, ach bha an
t-aiseag a bha an so mus do thogadh an drochaid
ag cosd sia tasdain air gach car. Tha cead an
rathaid mhoir aig luchd coiseachd agus aig
spreidh air an drochaid, is ann air na caraichean
a mhain a tha cis.
Is fhada bho bhatar a’ bruidhinn air drochaid
a thogail aig an Dornaigh, agus tha chliu gun
131
deachaidh a togail agus gu bheil i a nise mar a
tha i ’na beannachd do mhuinntir Loch Aillse
agus do luchd turuis as gach cearnaidh, do
Chailein Caimbeul a tha ’na chomhairliche
na siorrachd airson an aite. Is esan a ghairm an
drochaid fosgailte an lathair mor shluagh agus
maithean na duthcha.
Tha drochaidean de’n t-seorsa so, agus
rathaidean mora matha ag cur loinn air an
duthaich agus ro fheumail do mhuinntir na
sgire, gun ghuth a thoirt air cho goireasach ’sa
tha iad do luchd-turuis. Tha adhartasan de’n
t-seorsa so a’ tighinn air a’ Ghaidhealtachd a
lion cuid is cuid, ged is ann slaodach a tha an
adhartas a th’ ann.
Tha feill air na cloitean mora an drasda
na’s fhearr na bha orra o chionn iomadh
bliadhna ; agus tha so chan ann a mhain air son
feumalachd dhaoine ’san rioghachd againn
fhein ach air son an cur thairis do rioghachdan
eile. Tha so a’ fagail nam beartan ’sna
h-Eileanan gu maith dripeil, agus suird air
calanas ann an iomadh cearn de’n duthaich.
Thatar ag radh, ann a bhi gabhail nan clbitean
Hearach air an luach, gu bheil luach na thathas
a’ deanamh an diugh dhiubh 40% na’s motha
na bha e da bhliadhna air ais.
Gun teagamh tha e ’na leasachadh air
gnothaichean calanais, agus ’na mhaitheas a
thaobh nan cloitean mora, gu bheil ruith na
faidhre aig a’ chldimh ’sna h-Eileanan. Chan
’eil bacadh reic no ceannach oirre an sin.
Tha cuisean a bhi mar so, ma tha, feumail
do’n Ghaidhealtachd agus gu h-araidh do na
h-Eileanan ann an am ganntair is cruas cogaidh.
Gu dearbh is boidheach an stamp ur a tha
air a chur a mach mar chuimhneachan air gu
bheil ceud bliadhna bho thoisicheadh an
toiseach air cur stampaichean leanailteach air
litrichean agus air gnothaichean eile postachd.
Tha direach ceud bliadhna air 6mh a’ Cheitein so
chaidh bho thoisicheadh an toiseach ri cur
stampaichean air litrichean, agus mar
chuimhneachan is mar chliu air an sin tha an
stamp eireachdail so air a chur a mach a nis.
Tha dealbh ceann Banrighinn Bhictoria air
direach mar a bha i air ceud stamp na sgillinne
nuair a thainig e mach an toiseach—agus ri
thaobh dealbh ceann High Seoras, agus tha
criin os an cionn. Tha 1840 agus 1940 fodhpa
agus luach an stampa eatorra, mar 2|d., air
son da sgillinn is bonn-a-sia.
Tha an da bhliadhna so a leigeil fhaicinn an
ceud bliadhna bho thoisicheadh ag cleachdadh
stampaichean.