Skip to main content

‹‹‹ prev (133) Page 125Page 125

(135) next ››› Page 127Page 127

(134) Page 126 -
126
AN GAIDHEAL
An Ceitein, 1940.
A Charaid lonmhuinn, — Tha brigh anns r.a
litrichean a chi mi gach mios anns A’ Ohaidheal
as am faod neach tlachd agus foghlum a tharruing.
Tha mi toilichte fhaicinn gum bheil daoine ann
a tha deanamh rannsachaidh air tus-cheill nan
iomadh facal agus gnaths-cainnte a tha duilich an
tuigs'nn no an eadar-theangachadh.
Tha iomadh eadar-theangachadh air a dheanamh
a tha a cheart cho neonach ri Creation Eye, agus
tha dearbhadh agam-sa gur h-ann, a chionn gum
bheil sinn aineolach air tus-cheill nam facal no air
an tus-fhacal fhein, a dh’eireas sin.
Bheir cleachdadh, atharrachadh air facail air
dho’gh agus nach mor gun aithnich sinn iad
tuiTidh.
Anns a’ choimhcheangal so, ged is e bial a their
sinn aig mo dhachaidh fhein, is e Dith beul a their
sinn anns a’ ghuidhe ghairg sin a chluinneas sinn
gu trie. A nis chuala mise Sasunnach a’
faighneachd ciod e a bu chiall do ’n ghuidhe sin,
agus dh’ innis bodach dha gum b’ e, “ A want of
English on you,” agus bha mi fhein a’ smuain-
eachadh sin cuideachd trath bha mi 6g, agus shaoil
mi gum bu neonach a’ ghuidhe so bho chailleachan
aig nach robh facal Bfeurla iad fhein. Theaganlh
nach buineadh an droch-chainnt so do ’n duthaich,
ach gun tainig i thugainn mar bha i (dh’ fhaodadh,
as na h-eileanan!) agus gum bu choltaiche am facal
ri Beurla na ri bial do mhuinntir na duthcha.
Ann an Suil Chruthaich tha e coltach gum b’ e
Suil Chrithich a bha ’n so air tus. Tha suil a’
ciallachadh aite bog anns an fhearann chruaidh mar
tha an t-suil ’s a’ cheann, agus faodar an t-suil so
a chur air chrith. Tha toinisg gu leor ’s an ainm.
Anns na facail, Tha mi seachd seann sgith, is
neonach an t-eadar-theangachadh a dh’ fhaodadh
neach a dheanamh (chan e seach ach seachd a their
sinne). Ach nan deanadh sinn seathamh de seann,
nach comharraichte gearrta am facal a bhiodh ann ?
Seachd seathamh—is e sin tuilleadh na b’ urrainn a
bhi de ni ’sam bith. Bhiodh neach tuilleadh na bu
sgithe na b’ urrainn do neach a bhi—chaidh sud
thairis—an cualas riamh a leithid de exaggeration?
Is e so a bu choir dhuinn a bhi leigeil ris ri coigrich
agus chan e amaideas gun toinisg, agus an aite a
bhi saoilsinn gur neonach a’ chainnt a’ Ghaidhlig
’s ann chitheadh iad cho gleusda ’s a tha i.
Deanadh neach ’sam bith eadar-theangachadh air
Coileac'h-teas, agus chi e mar bhuaileadh so an Gall.
Is cinnteach gum b’ e Goileach-teas a bha an so air
tus, oir chi sinn ciall aim.
Bu sin a' chuirt—That was a court—co a chith¬
eadh ciall an so? Ach is e a bha ’n so facail leis
an cuireadh na seann sgeulaichean crioch air am
mion-iomradh air na cuirtean agus na cuirtearan
greadhnach ris am buineadh na sgeulachdan aca-—
an deidh an iomraidh theireadh iad Agus bu sin o’
chuirt! Agus ni sinne feum de na dearbh fbacail
an diugh ann a bhi fanaid air neach fein-bheachdail,
no air a dhoighean, direach mar their sinn
XJaislean beaga an t-Sratha.
Chaidh an ton as o’ bhurgadair—c\oA e as ciall
da sin?
Is aithne dhuinn gu math, ach co as a dh’ eirich
e? Chan ’eil teagamh nach e so aithris air cainnt
a bhuineas do am an ath-leasachaidh ’nuair a
bhiteadh ag comharrachadh a mach an atharrach-
aidh a bha air tighinn air teagasg na h-eaglaise.
“It is yellow to you, daughter, to be going to
marry your heart’s calf under the lid of a dish.’
Is e tha so failte a chuir bodach araidh, a bha
deidheil air a bhi bruidhinn na Beurla, air caileig
a bha dol a phosadh an uin ghearr—chuirteadh sin
air, co-dhiubh.
Bha e math air an eadar-theangachadh ’na
dhoigh fhein, facal ris an fhacal, agus ’s ann as
na leanas a thog e suas an eisittipleir choimhlionta
sin: “ Is buidhe dhuit-sa, a nighean, a bhi dol a
phosadh laogh do chridhe fo cheann mios.”
Is i ciall shamhlachail a th’ ann am moran
fhacal agus anns a’ ghnaths-chainnte, agus tha an
seagh a bh’ annta air tus air chall, agus uaireannan
na facail fhein air an atharrachadh. ’Nuair a
chluinneas sinn iad is ciall a’ chomhlain fhacal a
bhuaileas sinn, is chan ’eil sinn a’ toirt aire do
na facail iad fhein. Bu ch6ir gnaths-chainnte eadar-
theangachadh le gnaths-chainnte chum ’s gum faic
coigreach seagh nam facal. Tha eadar-theang¬
achadh sgeulachdan Gaidhlig air am milleadh leis
an ni sin ris an canar cjuaintness, ni a dh’ eireas gu
mor bho aineolas air buadhan-air-leth an da chainnt.
Tha corr annta na quaintness.—Le meas mor,
AnASDAin Mac-an-t-Saoir.
A’ Ghaidheil, a charaid uasail,—Tha cuid de’n
rann so ’na cheist air Mgr. Calum MacGilleathain:
Nuair a chailleas an leoghann a neart,
’S a fothannan breac a bhrigh;
Seinnidh a’ chlarsach gu binn binn,
Eadar a h-ochd ’s a naoi.
’Se guidhe Eireannaich a tha an so—miann
caillich a reir a durachd. Is e an leoghann
suaicheantas Shasuinn agus am fothannan suaich-
eantas na h-Albann, agus a’ chlarsach suaicheantas
na h-Eireann. Bha an aireamh naoi air a mheas
’na aireamh naomh aig na seann Ghaidheil; agus
bha a h-ochd a riochdachadh ni nach robh naomh—
nithean coitchionn is aimsireal. So mar sin brigh
guidhe an Eireannaich: Nuair a chailleas Sasunn a
neart, agus a threigeas a brigh Alba, bithidh
Eirinn gu sona subhach eadar nithean aimsireal is
spioradail.
Tha e coltach nach ann an diugh no an de a
thoisich droch mhiann leithid an I.R.A.—Is mise,
CUJARAN.
MEUR GHLINN-URCHAIDH.
Chum Meur Ghlinn-Urchaidh ceilidh dheireannach
an t-seisein air oidhche Di-Sathuirne an dara la
deug de’n 'Ghibhlein, ’nuair a chruihnich corr is
ceithir fichead a fad is farsuingeachd na sgireachd.
Is e Iain Camshron is Runaire do’n Mheur so agus
rinn e a dhichioll, mar bu nos, a chum’s gum biodh
a’ cheilidh so a h-uile buille cho math ris na fhuair
simi cheana am bliadhna. Agus gu dearbh, bha.
Bha e gasda Comunn na h-Oigridh fhaicinn air a
riochdachadh ann—bha Iseabail Nic Phail agus
Seumas Mac Eachainn as an Oban, a’ seinn gu binn
mar is dual daibh, agus rinn Feachd Leitir-obha, fo
stiuradh Chatriona Chaimbeul, da dhealbh-chluich
a chum an luchd-eisdeachd ag gaheachdaich fad na
h-uine, agus labhair na balaich a’ Ghaidhlig cho
soilleir, pongail agus nach do chailleadh facal. Leis
gun robh Domhnall Mac-an-Fhleisdeir leinn, Minnie
Stiubhart, agus Diana Hodge, fhuaras roghadh is
taghadh nan oran Ghaidhlig, agus bha leisg air na
h-uile, crioch a chur air ceilidh a bha gasda,
sunndach bho thus gu deireadh.