Skip to main content

‹‹‹ prev (132) Page 124Page 124

(134) next ››› Page 126Page 126

(133) Page 125 -
Ail Ceiteih, 1940.
AN GAIDHEAL.
125
ORAN DO BHALACHAN.
f | m : - | r : m
i ghaol air a’
{| s : - | m : r
ghair - e lan fur
{I m : - | r : m
ghruaidh - ean mar
(I
Na faoail is am fonn le Iain MacDhomhnaill, (Liosmor.)
- | t : 1 I s : - | 1 : s |}
bheir mi ’n t-urram, ’S le
d : - | r : m | d'
ghiull - an ’s ann da
d : - | 1, : d |
an ’s gur
m : - | m.r: d
lur - ach a
| r : - | s ; f |}
ghniiis; Tha
dt-lrimld1:-! t:l|s: - | 1
r6s - an ’s a shiiil - ean cho boidheach,
= .|>
s |l.s : f
| s, : d | m : - | m.r: -.d I d :
bbi comb • la
moig -
Mo chridhe ris baigheil ’n uair bhruidhneas e Ghaidhlig,
Cur am chuimhne na canain a dh’ araich mi 6g,
’S mi ag cluinntinn a’ mhanrain a dh’ ionnsaich a mhath’r da,
’S gun eisdinn le gairdeas ri pramhan a bheoil.
Tha anail cho cubhraidh ri neoinean nam bruachan,
’N am cadail no dusgaidh ’s tn luaidh nam fear 6g;
’S tu fallain gun fhaillinn mar bhreac air an t-saile,
’S le fior fhuil nan Gaidheal bha nadurr’ do d’ shears'.
Cha cheil mi air namhaid an speis thug am bard dhuit,
’S tu uaibhreach, nadurra, cairdcil gun spors;
Bho shliochd nam fear laidir a duthaich nan ard bheann,
’S gun olainn do shlainte ’s gach aite mu’n bhord.
Mo chiocharan malda ’s ann duit ni mi ’n dan so,
Gur uasal do nadur ’s thar chaich tha thu corr;
Tha maise ’n ad ghluasad is dreach ann ad ghiulan,
’S gur iomadh bean uasal bhios a ruaig air do phog.
’S e mo dhurachd do ’n uasal, fear ban a’ chuil dualaich,
Gach taobh ni thu gluasad gu ’m buanaich do choir;
’S gun seas thu gu dileas ri canain do shinnsrean,
’S bidh cliu ort ’s na sgirean tha crionadh gun phor.
[Is ann do’n bhalaclian bheag aig Iain Mac a Phi an Glaschu a rinn am Bard Liosach an t oran
gasda so. ’Se e-fhein a rinn am fonn cuideachd; agus mar a chi sibh tha iad le cheile blasda agus
taitneach. Tha an gille-beag cho briathrach ’sa’ Ghaidhlig agus a dh’ iarradh duine. Bu dual da
sin.—F-n.]
EADARAINN FHIN.
Ou Fear-dMsarJiaidh “A' Ghaidheil.”
A charaid choir,—Tha iomadh bliadhna nis bho
bha mi faighinu A’ Ghaidheil agus tha mi leughadh
a h-uile facal dheth bho cheann gu ceann, agus is
mi tha toilichte gu bheil a’ Ghaidhlig a’ faighinn
an corr rum ann bho mhios gu mios.
Tha da ni air leth aims an earrainn mu dheir-
eadh a fhuair mi anns an do ghabh mi mor thlachd,
Oran a’ Bhaird agus an braid aig an Urramach
Cyril Dieckhoff. Nach bochd nach gabhadh na
parantan Gaidhealach a leithid a shuim anns a’
Ghaidhlig ris an duine uasal sin, agus esan de
mhuinntir tir chein. Tha an Comunn Gaidhealach
a toirt spionnadh nuadh do an chanan an iomadh
aite mu thuath is mu dheas, agus nan cuireadh an
sluagh cumanta air feadh na Gaidhealtachd an
guaillean ris, agus cobhair a thoirt dhaibh cha
bhiodh an uine fada gus am faigheadh a’ Ghaidhlig
a h-aite dligheach fhein air feadh na Gaidhealtachd.
’Se Oran a’ Bhaird an ni sonraichte eile mu bu
mhaith learn facal no dha a radh. Tha mi cinnteach
gu bheil moran de luchd-leughaidh A’ Ghaidheil
toilichte gun d’ fhuair am Bard air tir mu dheir-
eadh, an deidh bin bliadhna an deidh bliadhna air
allaban an deidh Uile-bheist Loch Nis, an Cuan
Siar, agus Dia-na-mara. Tha am Bard am bliadhna
air talamh tioram agus tha grunnd cuspair a
bhairdeachd airidh air aitc aid an litreachas na
Gaidhlige, agus nuair a theid odein diomhair do-
thuigsinneach feallsanaich na mara gu tur air
diochuimhne bidh an t-oran gaoil aig lomhar
MacSporain a’ moladh Mairi ’ga aithris ’s ga sheinn
bho linn gu linn an canan binn nan Gaidheal, cho
fada ’sa mhaireas a’ Ghaidhlig bed. — Mise le
muirn, Iain Dtibh Mac Dhomh’aill Tc Iain.
Brisban, Astralia.