Skip to main content

‹‹‹ prev (131) Page 123Page 123

(133) next ››› Page 125Page 125

(132) Page 124 -
m
AN GAIDHEAL.
fada geala loinnreach. Fairichear rud-eigin
neamhuidh ’nan aorabh : tha maise araidh aca
aig gach am de’n bhliadhna. Tha a’ ghaoth
laidir fallain, ag aracb gbillean cruadalach agus
nigbeanan cuimir. Cha gheill na h-eileanaich
do shluagh air an domhan ann am blathas-
cridhe no modhalachd. So dachaidh bhuan na
G-aidhlige. So daingneach Comunn na h-
Oigridh. An ioghnadh ged a gheibh na
h-eileanan buaidh araidh air inntinn fhir-
thuruis?
Ach ged a tha sin mar sin, tha aon ni a tha
mise ’g ionndrainn gu goirt an eileanan na
h-Innse Ghall. Is e sin na craobhan. Bithidh
fios agaibh carson nach ’eil craobhan ri ’m
faotainn annta, no ged a bhios an sud’s an so,
nach ’eil fks mor orral Is e a th’ ann, a’ ghaoth
a bhi cho laidir agus cho saillte. Chan ’eil
fasgadh o’n chuan, eadar sibh fhein agus
Ameriga. Dhomh-sa, ’s eudar aideachadh,
tha cion chraobh a’ toirt tuar fuar lorn air an
duthaich, fairichidh mi rud-eigin ’gam dhith,
agus so mar a bhios, creididh mise, do gach
neach a rugadh’s a thogadh am measg chraobh.
Tha na craobhan cho breagh aig gach am, co-
dhiubh tha iadruisgte fo ghaillinn a’ Gheamhraidh
no an lan-thrusgan an t-Samhraidh :—ni iad ar
dion, araon bho stoirm agus ain-teas. Tha
coslas baigheil orra, air chor ’s gur caomh le
duine bhi ’nan cuideachd. An uair a rainig
mise na h-Innseachan Shios, cbrr is da fhichead
bliadhna air ais, thug sean duine rabhadh
dhomh. Thubhairt e, “ Tha na coilltean cho
farsuinn agus na craobhan cho dluth is gum
fas iad ’nan eallaich thruim air t-inntinn, air
alt ’s gur buidhe leat teicheadh bhuapa gach
cothrom a gheibh thu.” Ach sin rud nach
d’fhairich mise riamh—mar a b’fharsuinge a’
choille agus a bu tighe sgail nan crann, ’s ann
a bu shunndaiche mise. Ach na dheidh sin,
tha a roghainn fhein aig gach duine, agus
an rud nach fhaca e, cha bhi e ’ga ionndrainn.
Cluinnidh mi gu bheil beachd aig moran de
na Cinn-Feachd gur coir na braistean Lan-
agus Sar-G-haidheal a chosnas Buill Comunn na
h-Oigridh a bhi air an toirt seachad air la
deireannach na sgoile, an aite bhi feitheamh gus
an ath-sheisean. Tha mi lan-aontachadh ris
a’ bheachd so. Cha bhi e furasda, ach ni mi
na’s unainn domh, agus is e as fearr dhuibh a
dheanamh, ’nuair a gheibh sibh a’ chuaiit-
litir bho Niall A’ Chomuinn, la a shocrachadh
airson nam paipearan-ceasnachaidh cho trath
’s a ghabhas deanamh, ’s gun teid againn air
breith a thoirt air na paipearan agus na
braistean a chur, mu’n duin na sgoilean.
Fear na gloine-amhairc moire, aig an fheill:—
“ Thigibh air adhart, a mhnathan-uaisle ’s a
An Ceitein, 1940.
dhaoin’-uaisle, is gheibh sibh sealladh air an
reul-shiubhlach, Mars. Sgillinn an t-aon, ma’s
e bhur toil e.”
A’ Chailleach, ’s i sealltainn troimh ’n ghlione,
0, nach e tha eibhinn, nach e tha cruinn,
liomharra !”
Fear na gloine-amhairc, gu modhail:—“Mo
leisgeul, a Bhean-uasal. Chan e Mars a tha
sibh a’ faicinn idir, ach ceann maol an duin-
uasail. Cuiridh e fo chomain mi le ceum a
thoirt bharr beulaibh na gloine-amhairc!”
SeORAS GrALLDA.
0
AN GEAMHRADH.
Tha laithean ait an t-Samhraidh
A nis air trial! air falbh;
’S tha dubhlachd chruaidh a’ Gheamhraidh
Air tuiteam air gach ait’.
Tha ’m feasgar ciuin 's an osag chaoin
Air teicheadh uainn mar sgath;
Cha chluinn thu nis ach gaoir nan tonn
A’ bruchdadh air an traigh.
Tha sneachda air na beanntan
Tha ’g eirigh ’s an taobh tuath;
Is eigh gharbh air gach alltan
Bha ’greasad mall gu cuan.
Tha ’n leathad liath, chan ’eil fiu fiamh
De bhlath cho boidheach min,
Ri fhaicinn anns an duthaich luim,
Mar anns an t-Samhradh ghrinn.
Tha ’n cuan-mor dorch is gruamach;
Is beuc a’ mhor thonn ard
Ag gairm le glaodh ath-fhuaimneach,
Air fieadh an leirg gach la.
Tha ’n iarmailt dorch le adhar sgothach
’S chan fhaic thu grian an aigh
A’ dearrsadh oirnn le gathan blaiths,
Ach ainmig aig meadhoin la.
Tha ghaoth an iar a’ seideadh
Le gaillinn is le neart;
Is feumaidh tu deagh eideadh
Mu’n teid thu mach & tigh.
Ach ’s ann o’n tuath thig gaothan fuachd
Bheir thugainn frasan sneachd’
A chomhdaicheas an talamh lorn
An cot’ as gile dreach.
[So an t-oran a choisinn a’ cheud duais ann an
co-fharpuis Comunn na h-Oigridh. Is e Fearchar
Mac an Toisich ann am Feachd Phort Righeadh a
fhuair an duais. Tha sinn ag cur meal-an-
naidheachd air a’ bhard bg. Cumadh e a ribheid
air ghleus agus co aige ’eil fhios nach cuir e na
h-eoin a chadal fhathast.—F-n.]
— ❖
Am fear nacb treabh aig a’ bhaile cha treabh
e as—He that won’t -plough at home won’t plough
abroad.