Skip to main content

‹‹‹ prev (115) Page 107Page 107

(117) next ››› Page 109Page 109

(116) Page 108 -
108
AN GAIDHEAL.
An Giblein, 1940.
leir bho thoiseach gu deireadh ’na leabhar a bheir
gliocas agus fior thoil-inntinn. do neach sam bith a
leughas e.
Bu choir do gach neach a leughas Gaidhlig am
Fear-ciuil a cheannach, agus ma ni e sin chan ann
aon uair a leughas e e ach a h-uile uair as maith
Ids fior thaitneas is riarachadh fhaotainn bho
smuaintean ghee, agus abhachdas bho ghaire glan.
Bha an t-ughdar fhein ’na dhuine cho grinn agus
cho usasal ’sa b’ aithne dhuinn, duine ciuin
coibhneil, agus moralachd an fhior Ghaidheil ’na
dhreach is na ghiulan.
Tha am Fear-ciuil air a dheagh chlodh-bhualadh
le Aonghus MacAoidh, 44 Craigs, an Sruighlea;
agus air a dheagh chur-uime, leabhar cho maith
agus cho taitneach ’sa tha againn an drasda an
Gaidhlig, ma tha a leithid eile againn. Gheibhear e,
ma tha, mar a thubhairt mi air crun an Oifis a’
Chomuinn Ghaidhealaich no bho luchd-reic
leabhraichean feadh na duthcha. C. McL.
MEUR GHLINN-URCHAIDH.
Tha Meur Ghl'nn-urchaidh a nis air da cheilidh a
chumail o’n a thoisich an seisean so. Chuireadh an
t-airgiod a fhuaras aig a’ cheud cheilidh a dh’
ionnsuidh na Comhairle Meadhonaich an Glaschu
airson buill-aodaich do na saighdearan’s na
seoladairean a tha ri aghaidh bualaidh,, agus airgiod
an dara ceilidh do’n Chomhairle ionadail airson a’
cheart obre. Fhuaras lan tigh aig an da cheilidh,
agus b’i an te mu dheireadh aon de na cruinneach-
aidhean a b’fhearr a chumadh riamh an Dail-
Mhailidh. Chan e mhain gun robh Bean Mhic-
Griogair (Nellie Chamshron) agus Paruig Mac-an-
Fhleisdeir againn, ach da Bhall de Chomunn na
h-Oigridh a Feachd an Obain, Isbeal NicPhail agus
Domhnull MacEeachainn, dithis a tha ainmeil aig
mod is ceilidh. A bharr air a sin bha Calum
MacPhail, mac do’n Bhard ainmeil agus dearbh-
bhrathair do Dhomhnull againn fhein, ’na Fhear-
tighe againn, agus foghnaidh sin airson feasgair
chridheil, ceolmhor. Is ann ri linn na h-eiginn a
dhearbhar na cairdean. S. G.
^
APRIL GAELIC BROADCASTS.
s Feala-dha” (Gaelic
, John M. Bannerman.
Wednesday,, 3id April—
10.30- 11 p.m.—'Gaelic Play, “ Lub dheas is Lub
chlith,” by Mary A. Campbell, produced by
Hugh MacPhee.
Wednesday 10th April—
10.30- 11 p.m.—Religious Service (Church ot
Scotland) from the Studio; Preacher, Rev.
Charles MacKinnon.
Wednesday, 17th April—
10.30- 11 p.m.—“ Grain i
Miscellany). Compere
Tuesday, 23rd April—
10.35- 10.40 p.m.—Gaelic Ne\
Wednesday, 2411 April—
10.30- 11 p.m.—“Seinn an
Song Feature).
Saturday, 27th April—
10.35- 10.40 p.m.—Gaelic News.
FOR THE FORCES.
Monday, 15th April— -
6.45-7 p.m.—Piping—Angus Campbell.
Thursday, 18th April—
4-4.15 p.m.—Gaelic Song Recital—Angus Whyte.
duan
(Gaelic
EADARAINN FHIN.
A Dhuine Ghradhaich,
’Se litir an Ridire Murachadh Domh-
nullach anns a’ Ghaidheal a rinn trom mo chridhe.
’S math tha cuimhne agam bho chionn da fhichead
bliadhna nuair a bhitheadh na seann laoich
Domhnall Ban, Calum Mor, Iain Alasdair, Aonghus
Alasdair, agus moran eile ag cumal na sgoile
sabaid ann am Pabail. Cha b’ann air son
ionnsachadh Gaidhlig a bha iad ’gar teagaisg ach
air son tabhairt dhuinne eolas air nithean spioradail.
’S cinnteach gun do dh’fhalbh an la air am bidh a
Ghaidhlig air a teagaisg air feasgar sabaid le seann
bhodaich. Ciod a chanadh Domhnall Ruadh
Maclomhair ris an Domhnullach. Bha mi de’n
bheachd gun robh an Cbmunn air tqgail suas na
Gadhlige cho ard agus gu robh ceudan do luchd
teasgaisg ’ga h-ionnsachadh gach la do’n
chlomn anns na sgoilean. Ach ’s mise rinn
an osna throm nuair a leugh mi an litir ud agus a
smuainich mi gur ann air dorus-an-t-sobhail agus
nach ann air dorus beulaihh an tighe a bha
Ghaidhlig choir a tighin a steach am measg nan
Gaidheil. Cait am bheil canan cho uasal rithe ? agus
car son a bhitheadh naire oirne a bruidhinn ’nuair
a thachras sinn ri caraid k tir ar n-arach ’S uasal
esan a ni nithean uasal, agus air cho mor ’sa
bhitheas do storas, ma ni thu dlmeas air canan do
sheanmhair, ’se duine truagh bochd thu da-riribh.
Fhuair mi litir air an t-seachdain so bho Mhaol-
moire MacAonghuis a tha, corr agus ceithir fichead
bliadhna, ann an deagh Ghaidhlig. ’S esan aon de
na laoich a bha seasamh cuis nan croitearan anns
an Eilean Sgiathanach an 1885.
Cum suas a; Bhratach Rioghail.—Is mise,
Rtjdhach a Pabail.
A’ GHAIDHLIG.
A Oharaid,—Chunnaic mi litir .anns An
Ghaidheal mu dheireadh bho fhear air a’ bheil
uallach mu chor na Gaidhlige. Tha an duine bochd
gle fhada air a mhealladh ma tha e a’ faicinn
tearnadh do’n chanain anns an sgoil-shabaid. Re
iomadh bliadhna dhuin an Eaglais anns an
Ghaidhealtachd an dorus air a’ Ghaidhlig. Ghabh
i gu geanach ris a’ chanain uir agus gach fasan a
thainig ’na cois. Agus ma ghabh cha b’ fheairrd
i fhein sin; tha suidheachain gle fhalamh nice an
diugh. C’aite aims an Ghaidhealtachd am faigh thu
an sluagh a’ dol do’n eaglais, ag aoradh an spiorad
agus am flrinn, c’aite a’ bheil an t Sabaid, c’aite
a’ bheil an t-aoradh teaghlaich, agus c’aite a’ bheil
an t-altachadh ? . Tha an Leodhas agus an aite no
dha eile, ach sin a’ mhain. C’aite a’ bheil ar
ministeirean mora Gaidhlig ach air cabhsair nan
Gall far am bi am sporan trom. Tha an eaglais air
an duthaich car bochd; chan ’eil an t-airgiod innte.
Is e a thachair an iomadh aite gur treasa a’
Ghaidhlig an diugh na an eaglais. An aon de na h-
eileanan as aithne dhomh tha Gaidhlig aig sean is
6g ach cha mhor tha an eaglais ag cur a ghreim
orra. Tha am paigheadh cho bochd—beagan is £300
—chan fhaigh iad ministear ach fear gun fhoghlum.
Anns an mhaduinn Di-domhnaich gheibhear leth-
dusan ’s an eaglais, agus dusan feasgar ma tha a
ghrlan a’ sgaineadh nan croc. Agus gu dearbh ma
bha na soisgeulaich cho mi-dhileas do am maighistir
is a bha iad do’n Ghaidhlig chan ionghnadh learn.
Ma thig aon “choigreach ’nar measg” do’n eaglais