Skip to main content

‹‹‹ prev (116) Page 108Page 108

(118) next ››› Page 110Page 110

(117) Page 109 -
An Gibkein,~ 1940.
AN GAIDHEAL.
109
ti'eigear an canain amis an robh an sluagh ag aoradh
do Dhia bho chuala iad an soisgeul air tuS.
Ach ciod mu’n chloinn? Tha si a fichead ’san
sgo.l, le lan an clagainn de Ghaidhlig cho blasda’s a
labhair eileanach riamh. Giod mata nithear air
an son air sgath sin. C’aite a’ bheil an luchd-
cuideachaidh ? C’aite a’ bheil luchd seasamh an
aoraidh? Thug obair aon duine air a’ pharlamaid
Gaidhlig a theagasg dhaibh’s an sgoil, a mach o sin
a thabbh an Gaidhlige tha iad gun neart gun
chuideachadh. “Nach ’eil An Comunn Gaidheal-
ach” ? their thu. Tha. Bha an runaire an so’s an t-
samhradh a cha:dh seachad, agus thig e ’s an
t-samhradh-sa tighinn cuideachd. Agus “ Comunn
na h-Oigridh?” O tha iadsan a’ toirt braisdean do’n
chloinn. “Agus nach ’eil am B.B.C. a’ toirt ciuil
dhaibh gach seachdain” Tha Jethuair! a seann
brain a chualas fichead uair cheana.
Cha lebr so. Bha coir gum biodh buidheann an
Albainn cho treubhach ealamh is gun cumadh iad
siiil gheur air cor nan Gaidheal aig a’ bheil a’
Ghaidhlig, .agus gun tugadh iad air luchd riagh-
laidh na rioghachd cobhair a thoirt seachad far am
biodh feum oirre. Cha mhotha air luchd na parla-
maid ar canain agus comhartaich chon. Chuige so
fhein cha bu mhotha aca talamh agus tuath ar
duthcha seach an t-sitig. Cha ruig thu a leas a dhol
c'ho fada deas ri Sasainn air son ar luchd dimeis. An
t-seachdain so fhein chaidh daoine mora nan Garbh-
Chriochan mu dheas a sheasamh coir a’ bhreacain
agus cha robh de Ghaidhlig an ceaim aoin aca na
sgriobhadh e ainm. Ciod tha sin ach spaga-da-
gn.iog agus magaireachd, agus aobhar mhaslaidh
do na daoine bho’n tainig sinn. Cheannaicheadh an
gille 6g Leodhasach a bha sud air an “Arlington
Court” lan cairt-na-luathadh aca, ged bubheagsuim
ho maith d’a dhutha'ich d’a chanain’ agus d’a
dhachaidh bho -chionn fhichead bliadhna.
Ach moladh do’n Fhreasdal tha sinn fein, ar
canain agus ar soisgeul, beb slim fallain an so
fhathast; agus gum bu fada a mihaireas cuisean mar
sin.
• “Ailein Ailein ’s fhada an cadal,
Tha ’n uiseag a’ seinn’s a’ latha ’glasadh.”
Fear-eilein.
A Dhuine-uasail,
Is ann aig Mgr. Mac Dhonnachaidh a tha
paann geur sgaiteach agus cur-a-mach anabarrach!
Bheir e barr air Mac Odrum fhein ach chaidh e fada
bharr a sgeoil.
Ma leughas e a ris an litir agam, chi e nach do
ghabh mi leisgeul nan Gearmailteach idir, fada
bhuaithe! Mar a thuirt mi cheana, tha sinn uile
fiosrach air am bruidealachd, agus air ar
n-o llteachadh gun teagamh sam bith. Air an laimh
eile, cha do rinn mi diochuimhne air na daoine sin
a tha ag obair as ar leth ri "aghaidh cruadail is
cunnairt. Cha do rinn is cha dean, oir chan ’eil
teagamh nach ’eil sinn uile fo mhor chomain aig
na daoine ga’sgeil sin, chan ann a mhain a ri linn
cogaidh ach ri Finn sithe, mar an ceudna.
Ach a dh’aindeoin sin uile, tha mi fhathast de’n
bheachd nach ’eil e chum buannachd no feum sam
bith, brain mar “The Morigu” a bhi againn, anns
J’ Ghaidheal. Cha dean e cron do’n namhaid no
fuas*dadh is furtachd do luchd an amhghair agus
cha ° chuidich e idir le luchd na ^Gaidhlig
meadhonaich, mar mi-fhein\ A bharrachd air sin,
ma bhios sinn ag altrum spiorad “ A’ Mhongu’’
fad an t-siubhail, cha bhi e furasda sitb cheart a
steidheachadh aig crioch a’ chogaidh. r
Chan abair mise an coir, ach so agaibh na thuirt
cuideigin eile “ gun ghuth mhor, gun droch fhacal,”
air a’ cheart chuspair so, ea'ail nach toigh leinn, na
laithean so. “ GiAdhaichibh * ’ur naimhdean,
deanaibh maith dhaibh-san le’m fuathach sibh;
beannaichibh iad-san a tha ’gur mallachadh, agus
deanaibh urnuigh air son na muinntir a tha buntuinn
gu naimhdeil ruibh.”—Mise, le meas,
Seoras Hay.
Dim Eideann, 4/3/40.
A SEANSAIR AGUS A GHAIDHLIG.
A Charaid,—Leugh mi le dealas bhur briathran
mu thimchioll an tiolpair, agus gu sonraichte a
chuid a bha buntainn ris an aimsir a chaidh seachad
’nuair bha moran de na Gaidheal eucomasach air
sgriobhadh ann a Beurla no Gaidhlig. Thug e ’na
mo chuimhne naidheachd bheag no dha chuala mi
nuair bha mi nam Dhonnachadh bg aig na seann
daoine mu’n chuis. Theagamh nach misde iad an
aithris a rithist.
’Nuair bha brathair-mo-sheanamhair na bhalach
bg ann an Gleann-eilg bha companach aige a bha
fuireach an tigh a sheanair. Bhitheadh an seann
duine faotainn paipear naidheachd cor uair, ’s cha
robh e leigeil air ris an bgha nach robh e comas-
ach air a leughadh.
Latha ara'dh ’nuair thainig am balach dachaidh
as an sgoil, bha’m bodach na shuidhe socrach taobh
an teine, is an paipear naidheachd aige. Ghabh
am balach a nunn agus thuit a suil air an phaipeir,
is thug e’n aire gu’m b’e ceann cearr a bha gu h-ard,
Thubhairt e, ’se ceann cearr a phaipeir a thagaibh
a dhuine.” Fhreagair a sheanair, “Na’m bitheadh
tusa na do sgoilear math bu choma leat de an ceann
a bhitheadh an airde.”
Bha boreannach coir de b’ainm Marsali-Nic-Hle-
Mhaoil, a’ fuireach aon uair ann an Ath-na-h-eilde,
ann a Sraineard. Bha Marsali gun aon fhacal sgoile,
agus gun moran Beurla na bu mb. Thachair de
Dhughall a brathair a bhi ’g obair air falbh bho’n
t’gh. Bhitheadh aon de na coimhearsnaich a’
sgriobhadh litir corr uair air a son ga ionnsaigh
’Sann ’sa’ chanain Bheurla bhitheadh a litir ach
bha Marsali fein ag innseadh de rachadh innte, ach
mar a thuigeas sibh ’sann ’sa’ Ghaidhlig a bhitheadh
i labhairt.
Turus a bha so, thubhairt i ’sa’ cho-dhunadh
“ their thu ris gum bed a’ chroit na ballan-stiallach
mar a bha i riamh.” Oha robh e idir soirbh do’n
chleirach a’g Marsali, ballan-stiallach eadar thean-
gachadh ach cha do ghabh e s:n airrfthe.
Feumaidh sinn aideachadh ged a bha moran de na
seann Ghaidheil gann de Bheurla, gun robh cuid
dhuibh gle innleachdach gus facail eadar-thean-
gachadh. Saodidh mi nach robh Dughall-an-Tuim
bochd nach maireann idir neo-sgoinneil ’nuair chuir
e “creation eye” ’na Bheurla air “ suil-chruthaich.”
Tha dlth na sgoile ’na chamart co-dhiubh is
Gaidheal, Gall no Sasunnach a bhios an neach.
Tha mi gle eblach air neach a bha fad ag obair
cbmhla ri Sasunnach aig nach robh ach fior bheagan
sgoile. Thachair da bhi sgriobhadh dll’ ionnsaigh
bean-uasal araidh agus an aite a bhi cuir failte oirre
le “ dear Madam” ’sann a chuir e slos “ Dear Adam”
Nuair a bha e ullamh leig e fhaicinn do’n Bhaillidh
i. Thug esan suil oirre agus rug e oirre is thilg e
san teine i. . .
’Se thubhairt an Sassunach, “ Thee (san a
mhuinnter Lancashire bha e) might call it what thee
likes, but I would call it a budness letter.”