Skip to main content

‹‹‹ prev (36) Page 28Page 28

(38) next ››› Page 30Page 30

(37) Page 29 -
An t-Samhuin, 1939.
AN GAIDHEAL.
29
AIRSON NA CLOINNE.
BEARTAS AGUS SONAS.
Dh’ fhoighnich mathair teaghlaich de dli’
fheallsanach ainmeil ciamar a tha raealladh gu
trie a’ leanntainn sealbhachadh beartais mhoir.
Thug am feallsanacb ubhall as a’ cbliabh agus
tbug e an ubhall do’n leanabh a bha ag cluich
anns an t-seomar.
’S ann air eiginn a b’ urrainn an leanabh greim
a dheanamh air ’na laimh bhig. Thairg e dha
an dara ubhall. Ghabh an leanabh e gu ro
thoileach anns an laimh eile. An sin thairg
am feallsanach an treas ubhall dha. Dh’
fhairtlich air an leanabh a ghabhail dh’
aindheoin na h-uile oidheirp, agus thoisich e
air caoineadh.
An sin thubhairt am feallsanach ri mathair
an teaghlaich: “Tha an so fear beag aig am
bheil tuilleadh mor beartais. Le da ubhall bha
e sona, chan ’eil e sona na’s mo le tri.”
O’n Ehraingeis le
Cill-fhinn, 1939. E. B. Nicghillemhaoil.
$
“ANNS A’ GHAIDHLIG.”
Bha an oraid so air a craohh-sgaoileadh leis an
Athair Urramach H. Cyril Dieckhoff a Cille
Chuimein. Chan aithnichear air a’ Ghaidhlig aige
gu robh e air tighinn gu ire mus do dh’ ionnsaich e
i; agus tha e cheart cho fileanta innte ann an comh-
labhairt. Thadhail mi air ’s an dol seachad an Cille
Chuimein o chionn dha no thri bhliadhnachan agus
ged bha sinn suas ri uair an naireadair a’ seanachas
cha robh duine be6 dh’ aithnicheadh nach bu
Ghaidheal ar caraid a dh’ 61 a steach a’ Ghaidhlig
ri glim a mhathar. Chan e sin a mhain ach gur
coigreachea chaidh a thogail an duthaich chein. Bu
choir so smaoineacheadh a chur air mdran agus
naire air cuid. Bidh cuimhne aig cuid agaibh gun
chuir e Faclair Gaidhlig a mach o chionn sheachd
bliadhna, faclair a tha toirt seachad seolaidh mar as
coir na facail a bhi air an labhairt—Am. F.-D.
A Chairdean Gaidhealach;
Tha mi fior thoilichte an cothrom so a bhi
agam gu facal no dha a radh ruibh ’nar canain
fhein. Faodaidh e bhith gu bheil e ag cur iogh-
naidh air cuid agaibh gu bheil mise a tha ’nam
choigreach ’nar measg a’ tighinn a labhairt
ruibh ann an canain aosmhor na h-Albann. Ged
nach i mo chainnt mhathaireil, is deagh chaomh
learn i, agus is mor mo bhaigh dhith. Theagamh
gum bu mhath leibh a chluinntinn gu de a thug
orm a h-ionnsachadh, agus mu na daoine cbire
gasda air an do chuir mi eblas air dhomh mo
chbmhnuidh a ghabhail ann an Tir nam Beann.
Innsidh mi dhuibh cuideachd mu chuid de na
nithean a chaidh innseadh dhomh leis na seann
daoine.
Is trie a tha feadhainn ag cur na ceiste so
orm “ Gu de air an t-saoghal a thug ort a’
Ghaidhlig ionnsachadh? ” Bhiodh e ag cur
annais orra, duine mar a tha mise bhi stri ri
canain mar so a bhi aige. Cha robh iad a’
tuigsinn an toileachas a bha mise a’ faighinn
ann a bhi ag car eolais air eachdraidh na
duthcha ann an cuideachd nan sar laoch is nam
bard. Fada mu’n d’ thainig mi do’n duthaich so
idir, chuala mi mu chliu Oisein, Fhinn agus mu
Chalum Cille caomh. Bha mi eolach orra
uile agus bu shona mi an uair a thugadh
cuireadh dhomh tighinn do’n Ghaidhealtachd.
Chluinninn an sin a’ chanain anns an do
labhair iad-san agus bhiodh cothrom agam air
a h-ionnsachadh.
A bharrachd air sin bha mi air mo thaladh
’ga h-ionnsaigh le a ceolarachd is a binneas.
’S i a’ Ghaidhlig a’ chanain is boidhche fuaim
’san Rinn Eorpa. Is e is aobhar dha sin gu
bheil na litrichean ris an abair iad na foghairean
no mar a their iad’s a’ Bheurla na “ vowels,”
fada na’s lionmhoire is na’s ceolmhoire anns a’
Ghaidhlig, na tha iad ann an canain sam bith
eile is aithne dhomh-sa. Tha nl eile ann
cuideachd, agus is e sin gu bheil luchd bruidhne
na Gaidhlig a’ deanamh feuma gu nadurra air
fuaim gach litir eadar an teanga, na bilean
agus nan sgornan, ann an doigh a dh’fheumas
daoin’ eile, leis am miann soilleireachd-cainnte,
ionnsachadh le moran dragha bho luchd
teagaisg na h-ealain sin.
Ach bha aobhar sonraichte eile agam airson
a’ Ghaidhlig ionnsachadh. Bu toigb leam riamh
a bhi ag obair air seann eachdraidh agus mar
gum b’ eadh, a bhi a’ faighinn seallaidb air na
h-atharraichean a thainig air canain is air
cleachdaidhean dhaoine bho linn gu linn.
’Nuair a chunnaic mi an coltas aosmhor a tha
air iomadh ainm anns a’ Ghaidhealtachd, eadar
bailtean, beanntan, agus daoine thubhairt mi
rium fhein “ Gu dearbh is e so a’ chanain a bu
choir a bhi agad.” ’S ann mar sin a thbisich
mise, is cha do ghabh mi riamh aithreachas.
Tha a’ Ghaidhlig sean gun teagamh agus sibh-se
do’m buin i, bitheabh laghach rithe. Nochdaidh
sibh caomhalachd ri ar seann chhirdean. ’S i
a’ Ghaidhlig is sine air fad, agus is iad ’ur
seann chairdean a thug dhuibh i, mar sin
bitheabh baigheil rithe a chum is gu’m mair i
beo gu ceann iomadh linn fhathast. Tha mise
toilichte gu’n d’ionnsaich mi i, oir is ann mar
sin a chuir mi eolas air an t-sluagh ghasda sin a
tha ’ga bruidhinn.
Bha aon seann duine a b’aithne dhomh air
am bu mhath leam gu sonraichte a bhi a’ toirt