Skip to main content

‹‹‹ prev (25) Earrann 2, An t-Samhuin, 1939Earrann 2, An t-Samhuin, 1939

(27) next ››› Page 19Page 19

(26) Page 18 -
18
AN GAIDHEAL
An t-Samhuin, 1939.
Ach chan ann a nohain air canain agus air
litreachas an canain bu choir do’n oigridh
foghlum fhaotainn ’sna bliadhnachan fa
dheireadh a tha iad anns an sgoil ach air
gnothaichean aiteachaidh fearainn, agus barra,
agus mu dheidhinn spreidhe-—gnothaichean
tuathanachais, agus mar as fhearr a ghabhas
na gnothaichean sin deanamh.
Bu choir cuideachd sgoil na mara, agus
gnothaichean iasgaich de gach seorsa, a bhi
air a theagasg do na balaich Ghaidhealach,
agus gnothaichean calanais is banas-tighe do
na chlann-nighean—na nithean sin troimh am
faigh daoine am bith-bed air a’ Ghaidhealtachd
agus tre am faigh iad aithne air grinneas is
oideachadh a chumas sgeimh is maise air an
tighean agus orra fhein, cho maith ris an
teachd-an-tir a chosnadh dhaibh. Bhiodh
uaill aca an uair sin asda fhein agus as an tir
agus as an cosnadh, an aite suil digridh na
Gaidhealtachd a bhi daonnan air na bailtean-
mora ’san taobh-deas.
Ach is e an t-aon nl tha feumail os cionn gach
nl, gum faigheadh an oigridh mus fag iad an
sgoil edlas air “ an charraig as an do bhuaineadh
iad ”—air an daoine fhein, air an cainnt, air
an cliu, air an creidimh—agus gum bitheadh
iad uidheamaichte chum am bed-shlaint a
chosnadh am measg an daoine fhein le aithne
is le grinneas, agus uaill aca as an tlr agus as an
teanga, agus gu h-araidh asda fhein mar Ghaid-
heil agus mar dhaoine ceart agus cliuiteach an
lathair Dhe agus an t-saoghail gu leir.
0
FACAL ’SAN DOL SEACHAD.
Bha an sean-fhacal ag radh:
Nuair is Ciadaoineach an t-Samhuinn,
Is iargaineach fir an domhain.
Chan ’eil dad dh’ fhios agam carson a bha so
air a radh, ach tha mi a’ faicinn gur h-ann air
Di-ciadaoin a tha Latha Samhna am bliadhna,
agus tha e flor da-rlribh gur h-iargaineach fir
an domhain. Gun teagamh is ann ’sa’ chunntas
ur a tha an t-Samhuinn a tighinn a steach air
Di-ciadaoin am bliadhna, ach coma co-dhiubh
tha an sean-fhacal flor ’na bhrlgh’s na spiorad.
An teid aig duine sam bith air innse dhomh
carson a bha so air a radh. Cuiridh mi leabhar
dh’ ionnsaigh an neach a dh’ innseas dhomh
cia as agus carson a dh’ eirich am facal air tus.
Bha na seann daoine ag cur moran fiosrachaidh
ann am facail agus ann an radhan a bhiodh aca
mu dheidhinn na h-aimsire, mar a bha
Is foghar gu Nollaig
Is geamhradh gu Fheill Paraig
Earrach gu Pheill Pheadair
Is samhradh gu Fheill Martainn.
Agus a rithist gheibh thu iad a’ filleadh eolais
air spreidh agus an aimsir an eagaibh a cheile,
mar a tha,
Oidhche Shamhna theirear gamhna ris na
laoigh,
Oidhche Fheill Eoin theirear aighean ris na
gamhna.
Tha fhios aig a h-uile duine cuin a tha an
Nollaig ann, ach chan e a h-uile duine dh’
innseas dhuit cuin a tha na laithean sonraichte
eile ann a tha air an ainmeachadh an so. Tha
an Fheill Paraig, ma tha, air 17 la na Mairt,
agus an Fheill Pheadair ann air 29 la na h-Og-
mhiosa, agus La Fheill Martainn air 11 la
na Samhna. Is ann an teis-meadhon an
t-Samhraidh, air a’ 24 la de’n Og-mhios a tha
an Fheill Eoin.
* * *
Cha bu luaithe thoisich an Cogadh na thug
luingeas-chogaidh Bhreatainn sgrlob Hath an
earraich air luingeas-mharsantais na Gearmailte.
Theich iad uile bharr na seachd saile mar gur
ruitheadh na luchainn do’n toll. Rinn iad air
an dachaidh le eagal am beatha, no ma ’se a b’
fhaisge dhaibh, air puirt-mhara dhuthchannan
eile a tha eadarra-cheatharn a thaobh a
Chogaidh. Agus airson Cabhlach-chogaidh na
Gearmailte cha do nochd iad an sron a mach a
port. Tha mar so cead is cumhachd na mara
aig Breatainn dhi-fhein, agus chan ’eil biadh no
deoch no feumalachd eile a’ ruighinn na Gear¬
mailte air sal. Tha ughdarras na mara mar a
chleachd aig Breatainn, agus tha na soithichean
againn air ais agus air adhart leis gach bathar
a tha feumail as gach cearn de’n t-saoghal ach
as a’ Bhaltaic a mhain. Fagaidh so, ma tha,
caoile air a’ Ghearmailt, agus ge b’ oil le Hitler
agus le fhideacha-dige tuigidh esan agus iadsan
gu bheil cumhachd aig Breatainn nach ’eil,
agus nach robh, agus tha sinn an dochas nach
bidh, aig a’ Ghearmailt.
Gun teagamh tha iad a’ deanamh na’s urrainn
dhaibh de chron leis na bataichean fo-lionn
aca—no na U-bataichean mar a their iad fhein—
ach thatar ag cur as de the an deidh te dhiubh-
san; agus is ann gu maith falachaidh a dh’
fheumas iad a bhi seoladh eadarra-lionn, air
neo chan fhada gus am bidh iad air grunnd na
fairge, am beagan a tha ag gluasad a mach
as na h-acarsaidean aca.
Chan e mhain gu bheil ar luingeas-chogaidh
ag cumail suil orra mar gum biodh an cat air
an luch, ach tha nis ar cabhlach-mharsantais