Skip to main content

‹‹‹ prev (26) Page 18Page 18

(28) next ››› Page 20Page 20

(27) Page 19 -
An t-Samhuin, 1939.
AN GAIDHEAL.
19
agus ann.achd. orra mar an ceudna, agus mar
sin chan urrainn na U-bataichean a bheag a
dhosgainn a dheanamh. Chan ’eil e ’naionghnadh
idir ged gheibheadh corra the aca air torpedo
a losgadh an drasda agus a rithis, agus ged
bhuaileadh urchar-thuarmais fhein bata-
bathair, agus na miltean aca air bharr nan tonn
gach latha deug ’sa’ bhliadhna.
Tha sinne mar Ghaidheil, agus bu choir
dhuinn sin, mor as na tha de na Gaidheil againn
a’ seoladh ar bataichean anns gach aite, agus
chan ’eil seoladair air clar luinge as gaisgeil
agus as ealanta na iad. Tha iad an t-aon rud
’s na luingeas-chogaidh, agus chan ’eil na’s
tapaidhe no na’s eireachdaile air sal na balaich
an Neibhidh. Gum biodh gleidheadh an Ti-as-
airde orra uile, agus iad a’ dion ar cladaichean
agus a’ tarruing ar feumalachd thugainn as
gach cearn de’n t-saoghal.
* * *
Is iomadh rud ionghantach a tha an cois a’
Chogaidh a th’ ann. Maille ri iomadach rud
eile tha so gu sonraichte, gun tug e a’ ghealach
air ais do mhuinntir nam bailtean-mora. Agus
sin rud nach robh dad de dh’ aithne aca air o
chionn linn no dha. Ach a nis o b’ eiginn dhaibh
an dubh-dhorchadas a bhi aca nithear
gairdeachas ris a’ ghealaich nuair a thig i. Agus
is e fior rud annasach do mhuinntir nam bailtean-
mora a tha an sin; gus an so fhein cha
mhothaicheadh iad gu robh a leithid a rud
agus gealach aim ged bhiodh i air a coinneil.
Bha iad mar gum b’ eadh air a neo-ar-thaing
gus an d’ thug an Cogadh an dubh-dhorchadas
orra. Is e bu choireach ris an sin gu robh na
bailtean-mora cha mhor cho soilleir air an
oidhche ’sa bha iad air an latha, gu h-araidh
bho thainig an gas. Ach ged bha na sraidean
agus cuiltean a bhaile-mhoir air an deanamh
soilleir le solus a’ ghais is ann a thainig an
t-soilleireachd da-riribh ri linn solus an dealain.
Eadar sholuis nan sraidean agus nam buitean
agus gach solus eile a bh’ ann bha an oidhche
’sa’ bhaile-mhor cho soilleir ris mar gum b’e
lar a mheadhon latha bhiodh ann. Ach an nis tha
iad an crochadh ris a’ ghealaich direach mar a
tha muinntir na duthcha, agus tha a’ ghealach
dhaibh mar a bha i ordaichte air tus, a’ riaghladh
na h-oidhche. Cha mhisde, ma tha, muinntir
a’ bhaile-mhoir an suilean a thogail suas ris a’
ghealaich agus ris na reultan agus beachdachadh
agus aithne a chur air gloir a’ chruthaichaidh air
an oidhche cho maith ri air an latha. Tha
maise agus gloir ri fhaicinn ri solus na gealaich
a cheart cho maith ’s tha ri fhaicinn ri solus
na greine ged tha e eadar-dhealaichte. Tha
muinntir na duthcha eolach air an sin, agus
cha mhisde idir muinntir nam bailtean-mora
eolas a chur air an so cuideachd.
Is fhad o chian an t-saoghail a thoisich an
t-olc an toiseach a thaobh duil a bhi aig aon
duine agus aig aon chinneach gun cuireadh
iad cinnich is rioghachdan eile an domhain fo
an casan, agus sin gun aobhar cruthaichte ach
an t-uabhar, agus a’ smaoineachadh gur iad
bu treasa. Tha cuimhne agaibh air an t-sean-
fhacal a bha aig ar n-athraichean mu dheidhinn
Alasdair Uaibhrich, an rud a thubhairt esan
mu dheidhinn an t-saoghail mhoir : “Dheanadh
e rud-eigin a dh’ aon duine ach is beag de chuid
dithis e.” Bha mhiann air-san an saoghal uile a
chur fo a riaghaladh fhein agus na Greige,
agus rinn e sin. Thug e buaidh air gach sluagh
is cinneach a bha air aghaidh an domhain ’na
latha, agus tha fhios nach ann gun mhurt gun
mharbhadh agus moran ana-ceartais a rinn e
sin. Ach cha do mhair sin fada. Tha cuimhne
agaibh gu robh e air aithris gun ghuil e seach
nach robh saoghal eile ann a choisneadh e,
agus e an deidh buaidh a thoirt air uile
rioghachdan an domhain. Sin agad uabhar
cho truagh ri uabhar Hitler latha sam bith.
Tha e coltach gu robh e airson sith a chumail
ris na Gaidheil nan gabhadh sin deanamh, ’se
sin nan faigheadh e a dhoigh fhein gun chath
gun chogadh, direach cleas Hitler. ’Na shlighe
troimh na duthchannan rinn e cuirm mhor agus
thug e cuireadh do na Gaidheil a bha
chomhnuidh ri cladach Cuan Adria thuice.
Ghabh e riutha gu coibhneil agus gu h-uasal.
“ A nis,” arsa esan agus iad ’nan suidhe aig
a’ chuirm, “ co am fear as mo tha dh’ eagal
agaibh roimhe air an t-saoghal ?” agus Alasdair
coir a’ smaoineachadh gun canadh iad e-fhein.
“ Eagal,” arsa na Gaidheil, “ Chan ’eil eagal
oirnne roimh dhuine cruthaichte. ’Se an t-aon
rud a bhios ag cur eagal oirnn gum faodadh an
t-adhar tuiteam air ar muin agus ar pronnadh ;
fhad ’sa sheasas na neamhan os ar cionn cha
chuir nl no neach eagal oirnne.” So an doigh a
bha aca air a radh gu robh eagal an De orra,
ach nach robh eagal neach no nl cruthaichte
orra.
Bha, ma tha, an saoghal uile gu leir aige fo
smeachain anns a’ bhliadhna 323 roimh theachd
Chriosd, agus gun e ach da bhliadhna dheug
ar fhichead a dh’ aois. Bha e an airde a
chumhachd agus am mullach uabhair agus e
ann am baile mor Bhabilon le armailtean
do-aireamh agus le cabhlach na mile long-
chogaidh, agus e ag ullachadh gu dhol do’n
Eipheit mun tilleadh e dhachaidh do’n Ghreig.
Ach gu h-obann, mar gun tuiteadh rud as an