Skip to main content

‹‹‹ prev (24) AdvertisementsAdvertisements

(26) next ››› Page 18Page 18

(25) Earrann 2, An t-Samhuin, 1939 -
EDITORRev. MALCOLM MACLEOD, M.A., Manse of Bal^uhidder, Strathyre, Perthshire, to whom all
literary communications should be addressed ; business and other communications to 131 West Regent Street,
Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leabhar XXXV.J An t-Samhuin, 1939. [Earrann 2
AOIS NA SGOILE AGUS A’
GHAIDHLIG.
[Bho sgriobh sinn an eanaiim-chinn so Uia dail
ah- a chur an Achd Aois na Sgoile, agus sin a thaobh
a Chogaidh; ach cho luath is a ghabhas e deanamh
an deidh a’ Chogaidh bithidh an Achd air a chnr an
gniomh. Tha e mar sin na’s fhearr dhuinn mar
Ohaidheil fios a bhi againn mu a dheidhinn an
drasda fhein gus an dean sinn na’s urrainn dhuinn
airson na Gaidhlige mar a tha cuisean agus ag
ullachadh fa chomhair an Achd a bhj air a chur an
cleachdadh.—Am F.-D.]
Tha aois na sgoile air a h-atharrachadh a
nis le lagh na rioghachd; feumaidh a’ chlann
o so a mach fuireach ’san sgoil gus am bidh iad
coig bliadhna deug. Thoisich an riaghailt so
air a’ mhios so chaidh.
Is ann ’sa’ bhliadhna 1872 bha ceud achd
mor na sgoile air a dheanamh, agus riamh o’n
uair sin bha e mar chorachd air gach parant
’san rioghachd againn a leanahh a chur do’n
sgoil. Bo am gu am chaidh an aois aig an
robh e ceadaichte an sgoil fhagail a thogail
gus an do rainig e ceithir bliadhna deug.
Tha an saoghal ag atharrachadh agus tha sinne
ag atharrachadh maille ris, agus mar sin tha
ar feuman agus ar cleachdaidhean ag
atharrachadh mar an ceudna. Tha so a’
toirt air daoine laghan agus riaghailtean
atharrachadh—agus laghan agus riaghailtean a
bha dull aca aon uair a mhaireadh cho fada ri
na sleibhtean. Chunnaic, ma tha, luchd-
riaghlaidh agus daoine glice gun deanadh
bliadhna eile feum nach beag do’n chloinn ’san
sgoil; o’n is ann aig ceithir bliadhna deug,
nuair a bha iad a’ fagail na sgoile, a bha balaich
is nigheanan air toiseachadh ri smaoineachadh
ann an da-rlribh, agus ri beachdachadh air
cuisean a reir an inntinnean agus am mac-
meanmna fhein. Thatar aig an aois so cuideachd
comasach air nithean a dheanamh le an lamhan
air nach tugadh iad oidheirp roimh an so.
Tha fhios mar sin gum bheil e ’na bhuannachd
nach beag do’n oigridh a bhith bliadhna a
bharrachd air na chleachd iad ’san sgoil.
* * *
A nis air a’ Ghaidhealtachd tha fhios gur
h-e nithean a bhios feumail do na Gaidheil oga
nuair a thig iad gu ire bu choir a theagasg
dhaibh, gu sonraichte air an bhliadhna so, no
eadhon air an da bhliadhna mu dheireadh a
tha iad ’san sgoil. Tha mi ag ciallachadh a’
mhor-roinn de’n oigridh aig nach ’eil suil ri
ard-fhoghluim a thogail, agus a tha dol a
chaitheamh am beatha air a’ Ghaidhealtachd.
Chan ’eil nl as fheumaile dhaibh na gum
biodh eolas litreachail aca air an canain mathrail
fhein, gum biodh iad chan ann a mhain Ian
ealanta ’na labhairt agus ’na leughadh, ach
gum biodh iad comasach air a sgrlobhadh.
Mar sin bhiodh aithne aca air suidheachadh is
eachdraidh nan daoine bho an d’ thainig iad,
thuigeadh iad agus bhiodh uaill aca as na nithean
sin a thug ainm is cliu do an sinnsirean.
Le aithne is eolas a bhith aca cuideachd air
Beurla—bidh sin aca co-dhiubh—chi iad each¬
draidh agus suidheachadh chinneach eile, agus
an uair sin chi iad gu soilleir cho uasal agus a
tha a’ Ghaidhlig, an canain fhein, agus cho
cliuiteach ’sa tha eachdraidh an sinnsirean an
coimeas ri eachdraidh moran chinneach eile.
Bhiodh an uair sin an ginealach a tha ag eirigh
suas na’s riaraichte le bhi a’ fuireach air a’
Ghaidhealtachd, seach gu bheil lan fhoghlum
aca air freumh is blath is toradh nan cuspairean
sin a rinn na Gaidheil ainmeil anns gach linn
is aite, agus a bheir riarachadh dhaibh-san
cuideachd.