Skip to main content

‹‹‹ prev (11) Page 3Page 3

(13) next ››› Page 5Page 5

(12) Page 4 -
4
AN GAIDHEAL.
An Damhar, 1939.
dhiubh a ruith fhathast; agus de mu dheidhimi
fear no dha de na seann bhothan. Chleacbd
an ceann a bbi air Both Dbubbastail agus air
Both Airigh an Loch agus air Fidigidh lochdrach,
am Beannaibh Uige, an Leodhas; chleachd
agus air grunnan eile. Nan gabhadh am
“ Balach Cumhachdach ” agus Fear na h-Airde
Bige so os laimh dheanadh iad feum, agus
chitheadh na linntean ri teachd na tighean as
sine a tha an Alba an diugh.
* * *
Choinnich an Comunn Breatannach airson
Adhartais nan Ealadhain ann an Dun-d&agh
deireadh an Limasdail so chaidh. ’Se
an Comunn so buidheann cho foghluimte ’sa
th’ ann. Tha oraidean de gach seorsa air an
liubhart aig na coinneamhan aca ; agus oraidean
a tha cho foghluimte agus gur h-ann a chuireas
iad seorsa de dh’ uamhas ort, ’se sin mur ’eil
aithne agad air cho caochlaideach agus a tha
foghlum is eolas mac an duine. Tha cuid de
na h-draidean a thathas a toirt seachad cho
lan fiosrachaidh is foghluim gun fheum agus a
bha ceann an Amadain Mhoir; tha feadhainn
eile cho lan de cheo mac-meanmna agus gu
bheil iad cho eibhinn r’an leughadh ri aon
sgialachd a chuala tu riamh. Chan e a h-uile
uirsgeul a bheir barr air cuid aca. Ach tha
beagan toinisg ann an oraidean eile, agus tha e
’na thlachd a bhi ’gan leughadh, eadar gum bi
thu na’s glice an deidh an leughaidh no nach
bi.
Bha aon draid aca am bliadhna a bha ’na
cuis-smaoinich do na Gaidheil, gu h-araidh do
mhuinntir nan Eilean. Thug Ceann-suidhe
a’ Chomuinn, Sir Alfred Seward, seachad draid
ionghantach is lan fiosrachaidh, de an t-sedrsa
fiosrachaidh a bha innte, air na h-Eileana Siar.
Bitear ag cur oirnne mar Ghaidheil gur miann
leinn a bhi dol fada air ais ann an eachdraidh
agus ann an sloinntearachd, ach cha deach
agus cha teid sinn air ais ach mar mhionaid
an taice ri Ceann-suidhe a’ Chomuinn
Bhreatannaich air an trobha so.
’Se an sloinneadh a thug e air an draid aige:
“ Na h-Eileanan Siar tre ched nan linntean ”
agus tha e a’ dol air ais tri fichead muillein
bliadhna (60,000,000). Is ann tre luibhean is
tre dhuilleach chraobh, a tha e a’ faotainn an
cridhe nan creag, agus iad fhein ’nan creig, a
tha e comasach air innse dhuinn suidheachadh
is eachdraidh nan Eilean aig an am ud. Tha
e ag radh gum bheil atach chraobhan anns na
creagan an Eilean Mhuile aig Aird Thunna
laimh ri Bun-easain, agus gu robh iad uibhir
ris na craobhan as motha th’ air an t-saoghal
an diugh, agus de an aon ghne riu, ’se sin na
craobhan mora Sequoia an California.
Tha e ag radh cuideachd nach robh daoine
idir anns na h-Eileanan againn an tus nam
bliadhnachan so, agus tha e ag innse dhuinn
nach robh na h-Eileanan fhein ’nan eilein aig
an am ud idir, gur h-e a th’ annta nis na tha
air fhagail de thalamh tioram flor thir-mor a
bha far am bheil iad, agus a bha ruighinn fada
fada mach ’sa’ Chuan a Siar—tir-mor air an
d’ thug na daoine foghluimte Tir-mor Thile
mar ainm. Ta, bha beul-aithris aig na Hiortaich
a bha ag radh an dearbh rud. Bha e air aithris
gum biodh Cailleach a’ Ghlinn Mhoir a’ dol a
shealg fhiadh eadar Hiort’s na Hearadh, agus
e an uair sin ’na thalamh tioram le cnuic is
glinn bhoidheach, far am bheil an Cuan a
Siar an diugh.
Ach ged tha so ionghantach, agus tha e ann
an sin, ’se tha ro ionghantach rud eile a tha
Sir Alfred Seward ag radh. Tha e ag cumail a mach
gu bheil e duilich a thuigsinn mar a tha craobhan
is lusan ag gluasad o chearn gu cearn de’n
t-saoghal, agus mar a tha iad a’ fas troimh na
linntean an atharrachadh aitean, mur ’eil an
talamh a’ seoladh o aon aite gu aite eile. ’S
ann gle shlaodach, tha e ag radh, tha an
seoladh no an t-ealadh a th’ ann, ceud mile
uair na’s slaodaiche nan t-seilcheag. Tha
craobhan ’san Aird a Sear an diugh, anns na
tirean tethe, a tha coltach agus de an aon
seorsa ris an fheadhainn a bha fas an Tir-mor
Thile na muilleinean bhliadhna air ais; agus
bha craobhan a’ fas an Aird Tunna am Muile
aig an am ud a bha de an aon ghne is shedrsa
ri craobhan mora Sequoia an California,
a tha suas ri tri cheud troigh air airde, agus a
tha cdrr is tri mile bliadhna dh’ aois. Ged is e
duilleach na craoibhe so a tha an cridhe na
creige am Muile tha craobh iubhair againn an
Siorrachd Pheairt cho aosda ri gin a tha aca
an America, a chraobh mu’n robh mi ag innse
dhuibh roimhe so ’sa’ Ghaidheal Craobh
lubhair Fhartairchill.
Nach dubhairt mi ribh an toiseach mo sgeoil
gum bheil foghlum nan daoine fiosraeh so cho
ionghantach ri aon sgeulachd a chuala sinn
riamh ’nar n-oige—na’s ionghantaiche na
sgeulachd Mac Righ na Sorcha, no Gaisgeach
na Sgeithe Deirge.
Ach co-dhiiibh tha an duine coir agus ro
fhoghluimte so ag aideachadh nach urrainn
esan no duine eile innse cuin no cionnas a
thainig beatha an toiseach dh’ ionnsaigh an
t-saoghail so, agus cha mho as urrainn luchd-
ealadhain innse cionnas a leagadh bunaitean an
domhain. Tha gach ni a tha ann, tha e ag
radh, a’ dusgadh crabhaidh agus ag altruim
creidimh, agus gar tabhairt a dh’ionnsaigh an