Skip to main content

‹‹‹ prev (10) Page 2Page 2

(12) next ››› Page 4Page 4

(11) Page 3 -
An Damhar, 1939.
AN GAIDHEAL.
3
FACAL ’SAN DOL SEACHAD.
Is ann fada fada air ais a bha an t-iasgach
sgadain air an t-samhradb agus air an fhoghar
so chaidh. Cha chuimhne le duine bed an
sgadan a bbi na bu gbainne na bha e an cuid
de na puirt-iasgaich am bliadhna; ach dh’
fhag gainnead an eisg pris throm air a’ bheagan
a fhuaireadh dheth, agus gun teagamh
bha so ’na bheannachd do na h-iasgairean.
Ach bha clann-nighean a’ chutaidh, agus an
fheadhainn eile a tha an crochadh ri obair a’
sgadain ’sna puirt-iasgaich, a chuid bu mhotha
de’n tide ’na suidhe le lamhan diomhain, agus
thill iad dhachaidh do Leddhas agus do na
h-Eileanan eile le sporain gle aotrom agus cuid
aca tur fhalamh.
Ge b’e de a thachair, dh’ fhag an sgadan a
nis o chionn grunnan bhliadhnachan an grunnd
iasgaich air am b’ abhaist dha a bhith. Tha
so ’na chall nach beag, chan ann a mhain do na
h-iasgairean agus do na bailtean-puirt, ach
do an rioghachd uile gu leir.
Bha am barr air a’ Ghaidhealtachd gu maith
na’s giorra air an fhoghar so na chleachd e.
’Se a b’ aobhar dha so an tiormachd mhor
a bh’ againn air meadhon an t-samhraidh. Ach
ged bha an lurga goirid bha an dias trom agus
biadh maith anns an deis a bh’ ann. Agus
bha e feumail gun d’ fhuaireadh a steach do’n
iodhlainn an t-arbhar ann an deagh am. Mar
an t-arbhar, bha am feur-spealaidh car goirid
cuideachd, ach bha an tide fabhorach agus
fhuaireadh an trathach do’n t-sige gun dochan
sam bith. Tha buntata maith ann cuideachd
feadh na Gaidhealtachd, agus tha pris
chuibheasach air an spreidh, agus mar sin chan
’eil aobhar gearain aig an tuathanach a thaobh
coibhneis an Ehreasdail dha air a’ bhliadhna
so. Agus a’ mhoine air a buain agus anns an
chruaich, an tigh air a thughadh—ach dh’
fhalbh an latha sin a nis—agus am mal air a
phaigheadh, faodaidh e cadal gu socrach air
a chluasaig, ma leigeas cor an t-saoghail sin
leis.
* * *
Faireagain a shaoghail, is tu tha
caochlaideach. Is beag a bha dhuil againn
nuair a sgriobh sinn na briathran a tha roimhe
so gum biodh an saoghal ’na chuis-eagail
seachdain ’na dheidh sin, mar a tha e nis. Chan
’eil duine a tha ’na dhuine a choidleas gu
socrach air a chluasaig fhad ’sa bhios an
claidheamh ruisgte agus an cogadh oillteil so
a dol air adhart. Chan ’eil duine a tha ’na
dhuine nach giulan uallach fhein, an t-uallach a
bhuineas dha mar dhuine saor ann an rioghachd
agus an coimh-fhlaitheachd shaor, chum
claidheamh is cumhachd an namhaid a
bhriseadh, agus a chum is gum bi slth agus
samhchar am measg chinneach is dhaoine
a rithist. Gun greasadh Dia air an latha sin.
Urras Naiseanta na h-Alba. So an t-ainm a
th’ air Buidheann a chuireadh air bonn o
chionn ochd bliadhna chum is gun gabhadh iad
seilbh an ainm na rioghachd air seann
thogalaichean, agus aitean eile ris am bheil
eachdraidh ceangailte, gus am buin iad do
shluagh na duthcha gu leir o so a mach. Tha
ughdarras is cumhachd an Riaghaltais aig a’
Bhuidheann, ach is ann o shaor thabhartais an
t-sluaigh a tha iad a’ faotainn an ionmhais.
Tha cuid a toirt airgid dhaibh, agus tha iad
taingeil le na gheibh iad, bitheadh e beag no
mor; agus tha cuid eile a toirt dhaibh aitean
is togalaichean mar thiodhlac, na daoine d’ am
buin na togalaichean. Chan ’eil iad a’ faotainn
sgillinn ruadh a sporan na rioghachd, ach ged
nach ’eil fhein bha daoine fialaidh riutha le
airgiod agus le bhi toirt dhaibh an asgaidh
aitean de’n t-seorsa so. Is ann an ainm agus
air sgath an t-sluaigh a tha gach aite is togail
a bhuineas dhaibh, agus mar sin faodaidh duine
sam bith an tadhal agus aithne a chur orra—
ma’s e togail no frith no gleann no tigh a th’
ann—uair sam bith a thogras iad.
Tha da Ghaidheal ainmeil agus chliuiteach
air ceann na Buidhne, an Diuc Athall ’na
Cheann-suidhe agus an Ridire Iain Mac-a-
Chombaich ’na Fhear-cathrach na Comhairle;
agus moran dhaoine cliuiteach eile, fir is
nmathan, comhla riu.
Tha coir a cheana aca air suas ri da-fhichead
tigh is togail is aite feadh na duthcha, mar a tha
Tur Cuimhne nan laoch a dh’ eirich le Prionnsa
Tearlach ann an Gleann Fhionghain, agus
earrann mhor de Ghleanna Comhann, agus
Frith Dhail an Easa le da Bhuachaill Eite, agus
earrann de dh’ achadh Chuil-lodair. Buinidh
Tigh Dubh an Callarnais an Eilean Leodhais
dhaibh cuideachd, agus Caisteal an t-Sroim
aig Loch Carrann, agus Tigh Uisdean Muilleir an
Crombaigh, agus an Tigh anns an do rugadh
Sir Seumas Barrie an Kirriemuir, agus iomadach
tigh is togail is aite eile.
Ach am bheil fhios am bheil tigh no aite no
togail ’sna h-Eileanan bu choir a thoirt fa an
comhair, ma tha, bhiodh e dleasdanach fios
a chur dh’ ionnsaigh an Runaire aca Caiptein
E.D. Stevenson, 4 Sraid Great Stuart an Dun-
eideann. De mu dheidhinn aon de na seann
mhuilnean ’s na h-Eileana Siar, ma tha gin