Skip to main content

‹‹‹ prev (9) Earrann 1, An Dàmhar, 1939Earrann 1, An Dàmhar, 1939

(11) next ››› Page 3Page 3

(10) Page 2 -
2
AN GAIDHEAL
An Damhar, 1939.
dha. Mar sin cha robh cothrom air, aig Brea-
tainn agus aig an Fhraing, ach a radh ris mur
an sguireadh e gun seasadb iadsan le cmnhachd
Impireacbd Bhreatainn agus na Frainge ’na
aghaidh. Thug iad dha gu aon-uair-deug air
maduinn latha na Sabaid, treas latha na
Sultuine. Ach feuch thusa na sguir esan. Cha
do sguir, agus dalladh a’ pheacaidh air.
Thoisich mar sin a chreach aig aon-uair-deug
Di-domhnaich; o’n nach d’ thug Hitler a chuid
shaighdearan air ais a Poland bha an cogadh
air bonn eadar a’ Ghearmailt is Breatann.
B’e sin latha na dunaidh. Is fhada bhios
cuimhne aig moran—bithidh aig a chuid as
motha tha bed ’nar rioghachd-ne an diugh—
air an latha so. Labhair Mgr. Chamberlain,
Priomh Mhinistear a’ Chruin, air an Radio aig
cairsteal an deidh aon-uair-deug agus dh’
innis e mar a bha; nach do fhreagair Hitler
an teachdaireachd a chuireadh da ionnsaigh
agus mar sin gun robh cogadh eadar sinn-fhein
agus a’ Ghearmailt o sin a mach, cho maith ri
eadar iad-fhein agus Poland. Bha an Fhraing
’san aon suidheachadh an aimhreit ris a’
Ghearmailt tri latha an deidh sin. Agus tha
am murt ’sam marbhadh a dol air adhart a
nis air muir agus air tir.
Chan ’eil moran nithean eile air an t-saoghal
as uamhasaiche na cogadh, ma tha dad idir.
Am bheil aim ach murt is marbhadh agus ledn
dhaoine agus milleadh gach cuspair a tha maith
is grinn is ceart. Chan ’eil obair eile air an
t-saoghal as diabhulaidh nan cogadh, co-
dhiubh na na tha an cois a’ chogaidh. Ach
an deidh sin bhitheadh e moran na bu mhiosa
agus na bu eagallaiche gum faigheadh Hitler
agus creud fhineachail nan Gearmailteach—
co-dhiubh creud luchd-riaghlaidh na Gearmailt
—Iamb an uachdair; agus tha sinn an dochas
nach ceadaich Dia no daoine sin. Bha agus tha
a leithid a ni ann agus ceartas is fireanntachd
eadar rioghachdan mar eadar dhaoine, agus bha
agus tha Dia air taobh a’ cheartais ; agus mar
sin bithidh buaidh air a’ cheann mu dheireadh
leis a’ cheartas. Cuimhnicheadh Hitler agus
a chuideachd air an sin. Cuimhnicheamaid-ne
cuideachd nach ruig a leas eagal no faitcheas a
bhi oirnn oir cha leinne an cath ach le Dia.
Agus bheir Dia buaidh air a’ cheann mu
dheireadh. Mar a thubhairt Dia ’na Fhirinn,
tha na reultan o neamh ag cogadh an aghaidh
Hitler ’sa leithid. Daoine a shaltair ceartas is
trocair is coibhneas agus eadhon Soisgeul Chriosd
fo an casan. Daoine a bha deanamh uaill as
nach robh ereideas aca an Criosd, no bunntanas
ris, seach gum ludhach e. Daoine a thug iad f hein
thairis do dhlmeas agus do thoibheum Dha-san
a thainig mar Shlanuighear a chinne-daonna.
An aghaidh a leithid sin a dhaoine cha
leinne an cath agus an cogadh ach le
Dia. ’Sa’ Chogadh uamhasach so — Arma¬
geddon da riribh, Dia is ceartas an aghaidh
cumhachdan an dorchadais—tha sinn air ar
gairm gu comhnadh Dhe, gu comhnadh Dhe
an aghaidh nan cumhachdach.
Buinidh e dhuinne ma tha mar Choimh-
fhlaitheachd agus mar dhaoine, agus do na
rioghachdan eile a tha air an gairm comhla
ruinn, a thighinn ann an ioraslachd dh’
ionnsaigh Dhe, laidir aims an Tighearna agus
ann an neart a chumhachd-san; mar dheagh
shaighdearan Chriosd ag cur umainn uile
armachd Dhe chum gum bi sinn comasach air
seasamh an aghaidh cuilbheartan an diabhuil,
oir mar a thubhairt mi, chan ’eil sinn ag gleachd ri
fuil agus feoil a mhain ach ri uachdaranachdaibh
ri cumhachdaibh, ri riaghlairibh dorchadais an
t-saoghail so, ri aingidheachd spioradail ann an
ionadaibh arda. Uime sin glacamaid do ar
n-ionnsaigh uile armachd Dhe, chum gum bi
sinn comasach air seasamh an aghaidh a’
bhuairidh’s an dxoch latha, agus air dhuinn na
h-uile nithe a dheanamh chum seasamh.
Seasamaid uime sin, air a bhi do ar leasraidh
air an crioslachadh le firinn, agus uchd-eideadh
na fireantachd umainn; agus ullachadh
soisgeil na sithe mar bhrogan againn air ar
casan; thar gach uile ni ag glacadh do ar
n-ionnsaigh sgeithe a’ chreidimh, leis am bi
sinn comasach air uile shaighdean teinnteach
an droch Spioraid a mhuchadh. Agus glacamaid
clogaid na slainte, agus claidheamh an Spioraid,
nl as e focal Dhe : a’ deanamh urnuigh a ghnath
leis gach uile ghne urnuigh agus asluchaidh’s an
Spiorad.
Mar so bheir Dia buaidh troimh-ne, agus
saltairidh e sios cumhachd nan uaibhreach
agus nan aingidh, agus cuiridh e air chois a
rithis a rioghachd fhein air thalamh—ni as e
fireantachd is sith is aoibhneas anns an Spiorad
naomh. Ach chan ann gun fhulangas agus gun
amhghar agus gun bhron a thachras so. Chan
ann. Cha b’ ann gun fhulangas a thug Dia ann
an aon Mhac a ghraidh buaidh air tus air an
Namhaid agus air cumhachdan an dorchadais.
Bha e air a bhruthadh agus air a lot, ’na dhuine
dhoilgheasan agus eolach air bron; cheusadh e
air crann. Ach thug e buaidh, agus troimh an
bhuaidh sin thug e dhuinne saorsa is sonas
cloinne Dhe. Agus is ann chum gum bi an
t-saorsa agus an sonas so air thalamh a tha e
’gar gairm gu a chomhnadh fhein agus a chum
na buadha so, oir cha leinne an cath ach le Dia.