Skip to main content

‹‹‹ prev (8) PrefacePreface

(10) next ››› Page 2Page 2

(9) Earrann 1, An Dàmhar, 1939 -
EDITOR:—Rev. MALCOLM MACLEOD, M.A., Manse of Balquhidder, Slrathyre, Perthshire, to whom all
literary communications should he addressed ; business and other communications to 131 West Regent Street,
Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leabhar XXXV.J An Dcimhar, igsg. [Earrann 1
ARMAGEDON.
Tha a’ chreach air thighinn air an t-saoghal.
Tha an Cogadh oillteil air an robhas a’ bruidhinn,
agus ris an robh duil aig moran, air toiseachadb.
Chan ’eil teagamh sam bith nach ’eil a’ choire
air ceann Hitler agus air luchd-riaghlaidh eile
na Geannailte ach gu sonraichte air Hitler an
duine truagh, agus ma bha ciont is coire bu
mhotha air ceann duine rianah roimhe tha e
duilich a thuigsinn. Chan ’eil fhios cd a chi a’
chrioch aige no cuin a thig crioch air, ach tha
lan fhios gur h-ionghantach ma chunnaic an
saoghal riamh roimhe a leithid a sgrios agus de
dhortadh fola.
Tha fhios aig an t-saoghal uile air
aindiadhachd Hitler agus a chuideachd, air
foirneart is geur-leanmhuinn na Nasach air
chinnich laga, agus mar a shaltair iad fo an
casan gach nl ceart agus naomh a bha tighinn
’nan rathad. Tha fhios aig an t-saoghal
cuideachd air an gamhlas a ghabh iad do
Bhreatainn seach gun chronaich i iad airson an
aingidheachd agus am mi-stiurachd. Agus tha
fhios aig na h-uile air an oidheirp a thug i chum
is gun sguireadh iad de an obair sgreataidh,
agus gu h-araidh an oidheirp a thug Mgr.
Chamberlain air gu sguireadh Hitler de a obair
agus gum biodh an t-slth air a gleidheadh. Ach
cha robh feum ann an sin. Bha agus tha an
duine truagh Hitler air bhainidh.
Bha Hitler agus Riaghaltas na Gearmailte—
agus is e-fhein an Riaghaltas—a’ slugadh suas
sluaigh is rioghachdan eile gun sgur, agus a
toirt an saorsa ’s an duthchais bhuapa gu tur,
agus bha duil aca gun deanadh iad a leithid
ceudna air Poland, ach gheall na rioghachdan a
bha am bann-cumhnant ri Poland, mar a tha
an Fhraing agus Breatann, gun seasadh iadsan
coraichean is criochan Pholand agus gum
bitheadh ceartas deanta eadar i-fhein agus a’
Ghearmailt. Dh’ innis Breatann agus an
Fhraing so do Hitler, ach ma dh’ innis cha do
chum sin esan gun leum air Poland, agus a
mhiann air an tlr sin uile dheanamh dha fhein
mar a rinn e na tlrean eile a shluig a’ Ghearmailt
suas. Cha robh nl a ghabhadh deanamh airson
slth nach deach a dheanamh le Breatainn agus
leis an Fhraing agus le Poland, ach cha robh
maith. Tha Hitler agus a chuideachd air
bhainidh agus gun diu aca de cheartas no de
Chriosdalachd. Bha iad agus tha iad mar gum
biodh cumhachdan an dorchadais air greim
dheanamh orra. Chan ’eil teagamh sam bith
nach ’eil Namhaid a chinne-dhaoine air greim a
dheanamh orra agus e nis fa sgaoil ’san
t-saoghal. Tha sinne mar sin a nis—Poland is
Breatann is an Fhraing—ag cogadh chan ann a
mhain an aghaidh Hitler is luchd-riaghlaidh na
Gearmailt, ach an aghaidh foir-eiginn is
foirneart, agus ag cath ri uachdaranachdaibh, ri
cumhachdaibh, ri riaghlairibh dorchadais an
t-saoghail so, ri aingidheachd spioradail ann
an ionadaibh arda.
Dh’ aindeoin, ma tha, gach comhairle a
chaidh a thoirt air Hitler agus na chaidh a
radh ris mu shith is mu cheartas bhris e le a
shaighdearan a steach air criochan Pholand,
a’ murt ’sa’ sgrios gach neach is ni nach geilleadh