Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
GLUASAD AN TALAIMH. 27
tuiteani, cha 'n ann aig a' bhonn, ach beagan amach
uaith, air an taobh an ear dheth.
Theagamh gu bheil an leughadair ag ràdh, Tha na
h-argumaidean sin gle dhàicheil, ach na dheigh sin
uile, cha'n fhaod sinn a bhi 'creidsinn ni a tha calg-
dhìreach an aghaidh fòghluim ar sìiilean. Nach
'eil e air fhaiciun leinn gu soilleir, gu bheil a'
ghrian agus na rèultan a' triall mu'n cuairt air an
talamh o 'n ear gu 'n iar ? Cha 'n 'eil sinn ag iarr-
aidh àicheadh nach e so teisteas do shùilean : agus
mur 'eil do shuilean ga d' mhealladh aig àm air
bith eile, cha 'n iarr sinn ort a bhì 'cuir cùl ri 'n teis-
teas anns an ni so. Gidheadli, ma dhearbhas sinn
ort gu bheil iad ga d 'mhealladh ann an nithibh eile,
'se theireamaid, Bi air d 'fhaicill : faic nach 'eil iad
ga d' threòrachadh anu an shghe cheàn do thaobh
an ni so cuideachd.
Nach robh thuriamh 'adsheasamh air ceìthe agus
long a' seoladh uaithe ? Air dhuit do shìiil a bhi
air an long, nach do shaoil thu, 'sa cheud dol a mach,
gu'm b'e an ceithe abha a 'gluasad agus nach b'i an
loug ? An do sheol thu riamh air " Canal,'''' nach
do shaoil thu, 'nuair a dh 'amhairc thu thairis air
taobh a' bhàta, gur h-i a' bhruach a bha 'gkiasad,
agus nach b* i am bàta anns an robh thu 'ad shuidhe?
Nach cuimhne leat do shìiil a thogail suas ris a'
ghealaich air oidhche stoirmeil, agus thu 'm beachd
gum fac thu i a' ruith le cabhaig mhòir seachad air
na neoil ? Gidheadh ma sheall thu ni's furachaile
rithe ann an aon sreath ri craobh, luidheir, no

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence