Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
28 ^ RIAN-GREINE.
cuspair àrd sara bith, chunnaic thu'n sin nach
b'i a' ghealach a bha 'ruith seachad air na neoil,
ach na neoil seachad air a' ghealaich. Ma chuir do
shùilean am mearachd thu anns na nithibh so, agus
gu'ni b'ann a mhàin le sealltuinn ni's cìiramaiche ris
a' chìiis a bha thu air do chuir ceart, nach d-thig e
dhuit t' iantinn fhosgladh do na h-argumaidean a
chuir sinn fa d'chomhair gu bhi 'dearbhadh an
teagaisg so ?
Theagamh gu bheil an ni so a' tighinn ann an
inntinn an leughadair : — Ma tha an talamh a' dol
mu 'n cuairt air a' mhodh so, cionnus a tha sinn gu
tèaruinte a' seasamh air' aghaidh, anns gach suidh-
eachadh anns am faod e bhi ? Feumaidh ann an
dà uair dheug na dheigh so, gum bi a' cheart taobh
a tha ri mullach nan speur aig an àm so mar gum b'
ann fuidhe. Cionnus, mata, nacli eil sinn a' tuiteam
dheth ? Thugamaid fainear, tha lagh, no reachd
àraidh air a chuir leis a' Chruithf hear anns gach cear-
nado 'n chruthachadh, leis am bheil comas aig gach uile
chuspair, a rèir a mheudachd, a bhi 'tàladh chus-
pairean eile d'a ionnsuidh. Ijeis an lagh so tlia gach
ni air uachdar, no dlù air uaolidar an talaimh air a
tharruing rathad cridhe an talaimh. 'S ann lcis an
lagh a tha'n so a tha a' chlach, a tha thu' tilgeil suas
anns an adhar, a' pilleadh a nuas a dh'ionnsuidh an ì
talaimh a rìs. 'Se so an reachd is aobhar gu bheil '
an neach a tha' feuchainn ri leum an àird air a
tharruing gu clis d'a aindeoin air ais a rìs. 'Se so an
lagh a tlia 'tarruing a nuas as na neoil an uisge. a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence