Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
26 AN RIAN-GREINE.
ne, no Reul a' bhuachaille, mar a chanar dhith 'an
cuid do àitibh, agus do Mhars, is beagan do reultaibh
eile, Planaidean. Ach gheibh sinn tuille mìneachadh
air so, nuair a theid sinn ni's faide air ar n-aghaidh
anns an leabhar.
An uair a tha sinn a' toirt fainear gu bheil a'
ghrian, a' ghealach, agus na planaidean eile air am
bheil sinn comasach air a bhi 'gabhail beachd le
gloineachan, a' tionndadh air an aisil, tha sìnn a' co-
dhùnadh gu bheil a' phlanaid so air am bheil againne
ar còmhnuidh a' deanamh an ni ceudna.
'Si 'n argumaid ma dheireadh a bheir sinn air
aghaidh air a' phuinc so, gu bheil clach, a tha 'tuit-
eam o'n taobh an ear do mhullach tùir, no stiopaill
àird, a' tighinn a dh' ionnsuidh an làir, cha 'n ann
aig bonn an tìiir, mar a shaoileamaid a bhitheadh i,
agus mar gun teagamh a bhitheadh i, nam biodh an
talamh stèighichte, ach a mach astar beag uaith.
Cha'n eil mìneachadh air bith air a so, ach le bhi
'gabhail a stigh roladh an talaimh air aisil. Ach ma
cheadaicheas sinn an ni so, tha e So-thuigsinn.
Tha mullach an tùir ni 's faide a mach o chridhe, no
aisil an talaimh, na a' bhonn, agus mar so do bhrigh
gu bheil e 'gluasad ann an cuairt is mò, feumaidh gu
bheil e 'gluasad ni's luaithe, agus a' comhpairteach-
adh siubhal is cabhagaiche ris a' chloich na bhiodh
aice air uachdar an talaimh; agus air dhith an
siubhal so fhaotainn, thai a' cumail air a h-aghaidh
ni's kiaithe na uachdar an talaimh, agus mar so a'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence