Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
30
Spiorad na h-aoise. — Seann sgeulachd Ghàidhealach.
Bha aiin roimìie so, air chùl Beimie-nan-Sian,
àircach ghabhar d' am b'ainm Gorla-nan-treiid, aig
an robh triiiir mhac agus aon nighean. Bha
buachaiUeachd nam meann an earbsa ri àilleagan
an fhuilt òir. Latha do na làithean, 'nuair bha i
mach ri uchd na beinne a' buachaiUeachd nam
meann, theirinn badan do cheò druidheach co geal
ri sneachda na h-aon oidhche, agus air dha iathadh
mu ghuala na beinne, chuairtich e an t-àilleagan
aonaranach, 's cha 'n fhacar i ni's mò.
An ceann latha agus bliadhna 'na dhe'igh sin,
thuirt Ardan, mac mòr an àireich, " A bhliadhna gus
an diugh dh' fhalbh mo phiuthar, àilleagan an
fhuilt òir, agus is bòid a's briathra dhomhsa nacli
dean mi fois no tàmh a latha no dh' oidhche gus an
lorgaich mi mach i, 's bidh mi air chomh-dìol ritlie
fein." '' A mhic," ars' 'athair, " ma bhòidich thu sin
cha bhac mise thu ; ach bhuineadh dhuit, mun
deachaidh am focal a d' bheul, ceadt' athar iarraidh,
Eirich a bhean, agus deasaich bonnach do d' mhac
mòr, 's e dol air turus fada." Dh' èirich a mhathair,
agus dheasaich i bonnacli mòr agus bonnach beag.
" A nis," ars' ise, '* 'mhic, an fhearr leat am bonnach
mòr ann am feirg do mhàthar cdrson thu dh' fhalbh
gun chead, no am bonnach beag le a beannachd ?"
" Dhòmhsa," ars' esan, '* am bonnacli mòr, 's gle'idh
am bomiach beag 's do bheannachd dhoibhsana rogh-
naicheas iad." Dh' flialbh e ; agus ann am prioba
na sùl, bha e à sealladh tighe 'athar. Chuir e sad a
gach lodan agus o bhàrr gach tomain ; bha e dian-
astarach gun chaomhnadh air bomi, no eang, no
ruighe, no feitli. Bheireadh esan air a' ghaoith luath
mht'tirt a bha roimhe ; ach a' ghaoth hiath mhùirt a
bha 'na dheaghaidh, cha bheire.;dh i air. Mu
dheireadh bhuail acras e. Suidhear air cloich ghlais

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence