Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
29
O'n bhothan bheag ud as am faicear smùid
Ag eiridh caol os ceann a' cheò, tha fuaim
Nan salma milis — laoidhean naomha binn.
Tha sith os ceann a' bhaile-bhig ud thall,
An t-innein chlos ; tha h-uile ni 'na thàmh.
Tha 'mhaigheach fein, ge fiamhach i, a' stad
Le sùil 'na de'igh, a' beachdacliadh gun gheilt
Air duine, a nàmliuid bhorb. Tha'n geanan tròm,
Gun taod no teadhair, 'g ionaltradh gu saor ;
Air leud a dhroma, cur nan car le stri
'Chrùidhean a' boiUsgeadh os a cheann ri grein.
iVch 's leats' a dhuine an suaimhneas so mar sheilbli.
Fàilt' air an là naomh, là chur sgios nam bochd !
Rè làithean eile air an claoidh gu goirt,
'Nan aonar ithidh iad gu grad an lòn
Air an lòm bhlàr, fo dhion o theas no fhuachd,
Am fasgadh craige, no fo dhubhar chraobh ;
Ach dhachaidh thig iad air an latha naomhs',
Gu h-ait le luchd an gràidh gu'n suidh iad sìos
A roinn an lòin, 's a thogail suas le cheil'
An altachaidh do Dhia — cha'n ann gu faoin
Le focal, no le gluasad beòil, ach fòs
Le sùil gu nèamh, 's an cridhe 'n sàs gu dlù.
Fàilt' air an latha naomh ! fàilt' air L'i nam bochd !
Fhuair am fear-cèu'de glas an diugh a chead,
'S e falbh o smuid a' bhaile-mhòir gu tràth,
Ri bruaich na h-aibhne dh' iarr e'm fàile glan ;
A' beachdachadh le taing 'an àird' nan craobh
'Nan duilleach uaine 's aims na bL'dthibh maotli
Air cumhachd glòrmhor Dhe. — 'S le sòlas ait
Mar tha e breithneachadh gu stòld' leis fein
Tha e fo dhòchas, (ge nach ann gun fliiamh)
Gur sàbaid sh'iorruidh bhios faidheòidh air lìjamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence