Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
DH ORAIN THAGHTA GHAIDHEALACH.
Cha mhi f hin a sgaoil an comunn,
A bha eadar mi 'sa Chreag-guanach,
Ach an aois ga'r to'irt o cheile,
Gur grathunn an f heiF a f huaras.
Si creag mo chroidhe-se Chreag-ghuanach,
A chreag dhuilleach, bhiolaireach, bhraonach,
Na'n tulach àrd, àluinn, fiarach,
Gur cian a ghabh i o'n mhaorach.
Cha mhinig a bha mi'g eisteachd,
Ri seitrich na muice mara,
Ach 's tric a chuala mi moran,
Do chrònanaich an daimh allaidh.
Cha do chuir mi duil san iasgach,
Bhi ga iaraidh leis a mhadhar,
'S mor gu'm b' annsa leam am fiaghach,
'S bhi air falbh na'n sliabh is t-fhaghar.
'S eibhinn an obair an t-sealg,
'S àit a cuairt ann airde beachd,
Gur binne a h-aidhir 's à fonn,
Na long a's i dol fuidh beairt.
Thad sa bhithinu beo na mairiunn,
Deoth dheth 'n anam ann mo chorp,
Dh' f hanainn am fochar an f hèigh,
Sin an spreidh an robh mo thoirt.
C'àit an cualas ceòl bu bhinne,
Na mothar gadhair mhoir a' teachd,
Daimh sheanga na'n rith le gleann,
Miolchoin a' dol annta 's ast.'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence