Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
COMHCHRUINNEACHA DO
Eilid bhinneach, bheargannt, bhallach,
Odhar eangach uchd re h àrd,
Damh togbhalach croic-cheannach sgiamhach,
Chronanach ceann-riadhach dhearg.
Gur gasda a rithe tu suas,
Ee leachduinn chruaigh a's i cas,
Moladh gach aon neach an cù,
Ach molams 'n tru tha dol as.
Creag mo chroidh-se a chreag mhoir,
'S ionmhuinn an lòn tha fuidh ceann,
'S annsa an lag tha air a cul,
Na machtliir a's mùr na'n gall.
M, annsachd beinn sheasgarnach nam fuaran,
'N riasgach o'n dean an damh rànan,
Chuireadh gadhar is glan nuaHan,
Feigh na'n ruaig gu Inbhir-mheorain.
B'annsa leam na dùrdan bodaich,
Os ceann lic aig eararadh sil,
Bùirein an daimh 'm bi ghne dhuinnid,
Air leacainn beinne 's e ri sin.
'N uair bhùiris damh Beinne-bige,
'S a bhèicis damh Beinn-na-craige,
Freagraidh na daimh ud da cheile;
'S thig feigh a' coire na snaige.
Bha mi o'n rugadh mi riabh,
Ann an caidrildi fhaigh a's earb',
Cha n fhachda mi dath air bian,
Ach buidhe, riadhach, a's dhearg.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence