Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
dh'orain thaghta ghaidhealach.
Creag mo croidh-se a Clireag-ghuanach,
Chreag an d' f huair mi greis do m'àrach,
Creag na'n aighean 's na'n damh siùbhlach,
Chreag aidhireach urail ianach.
Chreag ma'n iathadh an f hàoghait,
Bo mhiann leam a bhi ga taoghal,
'N uair ba bhinn guth gallain gaodhair,
A cur graidh gu gabhail chumhainn.
'S binn na h-iolarain ma bruachabh,
'S binn a cuachan 's binn a h-eala,
A's binne no sin am blaoghan,
Ni an laoighein mean-bhreac ballach.
A's binn leam toraman na'u dos,
Ee uilinn na'n corri-bheann cas,
'San eilid bhiorach is caol cos,
Ni foise fuidh dhuilleach ri-teas.
Gun do chèil aic ach an damh,
'S e's muime dhi feur a's cneamh,
Mathair an laoigh mhean'-bhric mhir,
Bean an f hir mhal-rosgaich ghlain.
'Siubhlach a dh' fhalbhas e raon,
Codal cha dean ann sa'n smur,
B' fheair leis no plaide fo' thaobh,
Bàr an f hraoich bhadanaich ùir.
Gur àluinn sgiamh an daimh dhuinn,
Thearnas o shireadh na m beann,
Mac na h-eilte ris an t-shonn,
Nach no chrom le spid a cheann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence