Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
COJIHCHRUINNEACHA DO
"Clionnacas mac a Bhrithe chalma,
Agus Feargus mor an gaisgeach,
Agus Torradan liath na sroine,
Sin na laoich bha domhail taicaiL"
O'n a' thòisich m're seanachas,
A's èigin do leanmhuinn nas faide,
Gu 'n ro 'n triur sin air foghnadh,
Ma 'n robh Donnaghail ann san Fhearsaid.
Chonnaic mi Alastair carrach,
An duin' b'allaidh bha 'n Albainn,
'S minig a bha mi ga èisteachd,
'S e aig reiteach na'n tom sealga.
Chonnaic mi Aonghus na dheaghaidh,
Cha b' e sin raghuinn ba tàire,
'S ann san Fhearsaid a bha thuineadh,
'S roinn e muileann air allt Laraidh.
Bo lìonar cogadh a's creachadh,
Bha 'n Lochabar ann san uair sin,
Caite ara boidh tusa gad' fhalach,
Eoin bhig na mala gruamaich.
A's ann a bha cuid do m' shinsreadh,
Eadar Innse s an Fhearsaid,
Bha cuid eile dhiu' ma'n deathagh;
Bhiodh iad aig eigheach 'sa'n fheasgar.
'N uair a chitliinnse dol seachad,
Na creachan agus am fuathas,
Bheirinn car beag fàr an rathaid,
'S blii' inn grathunn sa Chreig-ghuanaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence