Skip to main content

Glen Collection of printed music > Printed music > Gesto collection of Highland music

(33) Page 21 - A nighneag a chuil duinn nach fhan thu -- Oran nam fineachan gaelach

‹‹‹ prev (32) Page 20Page 20O, spalderdash air lassie nic Iain Bhain -- Madinn Chiuin Cheitain

(34) next ››› Page 22Page 22Cumha H-irteach -- Gur muladach tha mi

(33) Page 21 - A nighneag a chuil duinn nach fhan thu -- Oran nam fineachan gaelach
Original Words by
JAMA'S MUNRO.
A NIGHNEAG A CHUIL DUINN, NACH FHAN THU.*
“Bonnie Brown Maiden”
21
CHORUS:— A nighneag a’ chnil duinn, nach than thu?
’S fios ’san tir gur mi do leannan.
A nighneag a’ chuil duinn, nach than thu?
A nighneag a’ chuil bharr’inn bhoidhich,
Bha mi 'n toir ort o chionn tamuil.
A nighneag, #c.
Tha mi cho deidheil air do phog,
’S 'tha laoigh og air ol a bhainne.
A nighneag, fyc.
Tha mi cho deidheil air do bhuanachd,
’S ’tha sionnach nam bruaich air fhalach.
A nighneag, <Sre.
Air ’n oidhche ’bha luaidh aig a chiobair,
Bha mi fein aim, ’s thug mi 'n aire.
A nighneag, ^'c.
Is mithich dhbmhsa a bhi ’g eirich,
’S a toirt mo cheum, as an rathad.
A nighneag, (Src.
’Dhol a choimhead air nighean an armuin,
A tha tamh am braigh a’ bhaile.
A nighneag, ^rc.
’Dhol a choimhead air nighean nan caorach,
0 cha ’n fheud mi gun a faighinn.
A nighneag, <S’c.
’S ged ’tha na nighneagan boidheach,
Tha cuid dim ’tha seolta, carach.
A nighneag, fyc.
Words by ORAN NAM FINEACHAN GAELACH.
LE IAIN DUBH MAC IAIN ’IC AILEIN.
’S i so ’n aimsir a dhearbhar
An targanach dhuinn,
’S bras meamnach fir Alba
Fo ’n armaibh air thus-,
’N uair dh’ eireas gach treun-laoch ;
Nan eideadh glan ur,
Le run feirg’ ague gairge
Gu seirbhis a chruin.
Theid mathaibh na Gaeltachd
Gle shanntach sa chuis,
’S gur lionmhor each seang-mhear |
A dhamhsas le sunnd,
Bi’dh Sasunnaich caillte
Gun taing dhaibh ga chionn,
Bi’dh na Frangaich nan campaibh
Gle theann air an cul.
’N udir dh’ eireas Claim Domhnuill \
Na leoghainn tha garg,
Na beo-bheithir, mhor-leathunn,
Chonnspunnaich, gl^arbh,
Luchd sheasamh na Cbrach
Dh’ an ordugh lamh-dhearg,
Mo dhoigh gu’m bu ghorach
Dhaibh toiseachadh oirbh.
Tha Rothaich a’s Rosaich,
Gle dheonach teachd "nar ceann,
Barraich an treas seorsa, c
Tha chomhnaidh measg Ghall;
Clann Donachaidh cha bhreug so
Gun eireadh libh
!
s gach am, [
Mar sin is clann Reabhair
Fir ghleusta, nach eisd gu’n bhi annt. |
S iad Clann-an-Nab an seorsa
A theid boidheach nan triall,
’S glan comhdach nan comhlainn
Luchd leonadh nam fiadh;
lad fein a’s Clann-Pharlain
Dream ardanach, dian,
’S ann a b’ abhaist gu ’n aireamh
Bhi’m fabhar Shiol Chui.m.
Na Leodaich am por glan
Cha b’ fholach’ur siol,
Dream rioghail gun fhotus
Nan goisaid, ’s nan sgiath, |
Gur neartmhor, ro-eolach
’Ur n-oig-fhir, ’s ’ur Hath,
Gur e cruadal ’ur dualchas i
A dh’ fhuasgail sibh riamh.
Clann lomnhuinn o’n Chreithich ^
Fir ghle ghlan gu’n smur,
Luchd nan cuilbheirean gleusda
’Nam feuma nach diult: f
Thig Niallaich th’ air saile
Air bharcaibh nan sugh,
Le ’n cabhlach luath lan-mhor
0 Bhaghan nan tur.
Clann-Illean o’n Dreollainn
Theid sunndach san ruaig
Dream a chlosadh aineart,
Gun taing choisinn buaidh;
Dream rioghail do-chiosaicht,
Nach striochda do ’n t-sluagh,
’S iomadh mile deas, direach,
Bheir inntinn dhuibh suas.
Gur guineach na Duimhnich
’N am bhriseadh cheann,
Bi’dh cnuachdan gan spuachdadh J
Le cruadal ’ur lann,
Dream nasal ro uaimhreach,
Bu dual bhi san Fhraing,
’S ann o Dhiarmad a shiolaich
Por lionmhor nach gann.
Tha Stiubhartaich ur ghlan
Nam fiurain gun ghiomh.
Fir shunndach nan lu-chleas
Nach tionndaidh le fiamh,
Nach gabh curam roi mhuiseag
Cha b’fhiu leo bhi crion,
Chu ba shugradh’do dhu-ghall
Cuis a bhuin dhibh.
Gnr lionmhor lamh theoma
Aig Eoghann Loch-iall,
Fir cholganda,bhorganda,
’S oirdheirce gniomh,
lad mar thuilbheum air chorra-ghleus '
’S air chon-fhadh ro dhian
’S i mo dhuilse ’n am rusgadh
Nach diult sibh dol sios.
Clann-Mhuirich nach soradh
A chonspairn ud ial,
Dream fhuilteach gun mhor-chuis f
Dha’n coir a bhi fial,
Gur gaisgeil fior-sheolta,
Ar mor thionail chiad,
Ni sibh spoltadh air feolach i
A stroiceadh fo ’n ian.
Tha Granndaich mar b’ abhaist
Mu bhraidh uisge Spe,
Fir laidir ro-dhaicheil
Theid dan anns an streup,
Nach iarr cairdeas no fabhar
Air namhaid fo’nghrein,
’S i n-ur lamhach a dh’ fhagas
Fuil bhliith air an fheur.
Tha Frisealaich ainmeil
Aig seanachaibh nan crioch,
Fir gharbha ro chalma,
’Ur fearg cha bu shi;
Tha Catanaich foirmeil
Si ’n armachd am miann,
An cath gairbheach le ’r n-armaibh
A dhearbh sibh ’ur gniomh.
Clann-Choinnich o thuath dhuinn
Luchd bhuannachd gach cis;
Gur fuasgailteach, luath-lamhach
’Ur n-uaislean san stri:
Gur lionmhor ’ur tuadh-cneathairn
Le’m buailtibh de ni;
Thig sluagh dumhail gu’n chunnta
A diithaich Mhic.Aoidh.
Nis o chuimhnich mi m’ iomrall,
’S fath iunntraiehinn iad,
Fir chunnabhalach chumaite,
Ni cuimse le ’n laimh,
Nach dean iomluas mu aona-chuis
Chionn iunntais gu brath,
Gur muirneach ri’n iomradh
Clann-Fhiunnlaidh Bhrai’-bhiirr.
Thig Gordanaich, ’s Greumaich,
Grad gleusd as gach tir;
An cogadh righ Tearlach
Gum b’ fheumail dha sibh;
Griogaraich nan geur-lann
Dream speiseil nam pios,
Air learn gum bi ’n eucoir
’Nuair dh’ eighte sibh sios.
Siosalaich nan geur-lann
Theid treun air chill arm,
An Albainn’s an Eirinn
B’ e ’ur beus a bhi garg,
An am dol a bhualadh
B’e’n cruadal’ur calg,
Bu ghuiiteach ur beuman
’N uair dh’ eireadh ’ur fearg.
Nam biodh gach curaidh treun-mhor lad cho cinnteach ri aon fhear,
Le cheile san am, ’S iad titheach air geall,
lad air aon inntinn dhirich Dh’ aindeoin muiseag nan du-Ghall
Gun fhiaradh, gun cham, Thig ciiis thar an ceann.
v
* Skye Version of the song.
K. N. M l:

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence