Skip to main content

Glen Collection of printed music > Printed music > Gesto collection of Highland music

(25) Page 13 - Tha mi trom's dulich leam -- Fear a bhata

‹‹‹ prev (24) Page 12Page 12Gu'm bu slan a chi mi -- Feasgar luain

(26) next ››› Page 14Page 14Mairi bhan og

(25) Page 13 - Tha mi trom's dulich leam -- Fear a bhata
13
Wd7’ds from
Sinclairs Oranaiche.
Slow, with expression.
THA MI TROM ’S DULIOH LEAM.
“I am heavy and sad?
-0 #
-IhtTJ 1
r
j 71
JtEFRAIN.
r\
0-' •
: 9——ti
3z
j !■:
SEISD: —Tha mi trom’s duilich leam,
’S muladach mar tha mi,
O’n chuir mo leannan cul rium,
Cha teid fear iir ’na aite.
’Nuair chaidh mi thun a chladaich leat,
’S a dh’ amhairc mi a’d’ bhata;
Gii’n robh mo chridhe ’caoineadli
Ged ’rinn mi faoin an gaire!
Tha mi trom, tyc.
Bha uair a bha mi cuireadach,
Mar uiseagan an fhasaich;
N uair chuimhnaichinn do shugradh
A ihleasgaichiiir nam blath-shuil.
Tha mi trom, fyc
Ach o’n a rinn thu caochladh
Air faoin-tragh rinn thu m’fhagail,
O’n mheall thu le’ do ghaol mi;
Cha ’n fhaod mi bhi mar bha mi.
Tha mi trom, #c.
Chunna’ mi’n raoir bruadar,
A dh’ fhuasgail as gach cas mi;
Gu ’n robh thu rium ri suairceas,
Oho nasal ’s abu ghnath leat.
Tha mi trom, (Src.
’N uair dh’ fhosgail mi mo shixilean,
’N am dusgadh as a phramh sin;
Bu mhuladach mo smaointinn,
Gur aisling faoin a dh’ fhag mi.
Tha mi trom, #c.
Ach soraidh le do leannanachd,
On dh’ aithnich mi do nadur;
’N uair si ’n te liiisbach riabhach;
A mhiannaich thu na m’aite.
Tha mi trom, #c.
Cha bhi mi fcin an diumba ruit.
A riiin ma’s ise’s fearr leat;
’S gur h-i do rogha ceile,
Ni eiridh leat am maireach.
Tha mi trom, ^’c.
FEAR A BHATA.
“The Boatman’.’
SEISD:— Fhir a bhata, na horo-eile,
(CHORUS) Fhir a bhata, na horo-eile;
Fhir a bhata, na horo-eile,
Gu ma slan dut, ’s gach ait an teid thu.
’S trie mi sealltuinn o’n chnoc a’s airde,
Dh-fheuch am faic mi fear a bhata:
An tig thu ’n diugh, na’n tig thu maireach?
’S mar tig thu idir, gur truagh a ta mi.
Fhir a bhata, na horo-eile, fyc.
Tha mo chridhe-sa briste, briiite;
’S trie na dcoiribh a ruith o’m shuilean;
An tig thu nochd, na’m bi mo dhuil riut?
Na ’n diiin mi ’n dorus, le osna, thiirsaich?
Fhir a bhata, na horo-eile, #c.
’S trie mi foidhneachd de luchd nam bata,
Am fac iad thu, na’m beil thu sabhailt;
S ann tha gach aon aca rium a’g raite,
Gur gorach mise ma thug mi grad dhut.
Fhir a bhata, na horo-eile, <jfc.
Gheall mo leannan domh gun dhe ’n t-sioda,
Gheall e sud agus breacan riomhach;
Fain’ oir anns am faicinn iomhaigh;
Ach’s eagal leam gun dean e diochuimhn’.
Fhir a bhata, na horo-eile, #c.
Cha ’n eil baile beag’s am bi thu,
Nach tamh thu greis ann, a chur do sgios diot;
Bheir thu lamh air do leabhar riomhach,
A ghabhail dhuanag’s abhuaireadh nionag.
Fhir a bhata, na horo-eile, «Src.
Ged a thuirt iad gu’n robh thu aotrom,
Cha do laghadaich sud mo ghaol ort;
’Bi’dh tu m’ aisling anns an oidhche,
A s anns a mhadainn bi’dh mi ’ga t-fhoineachd.
Fhir a bhata, na horo-eile, fyc.
Thug mi gaol dut’ ’s cha’n fhaod mi aicheadh;
Cha ghaol bliadhna, ’s cha ghaol raidhe;
Ach gaol a thoisich ’nuair bha mi m’ phaisde,
’S nach searg a chaoidh, gus an claoidh am has mi.
Fhir a bhata, na horo-eile, 5fc.
Tha mo chairdean gu trie ag innseadh,
Gu’m feum mi t-aogas a chuir air diochuimhn’;
Ach tha’n comhairle dhomh cho diamhain,
’S bhi pilleadh mara’s i tabhairt lionaidh.
Fhir a bhata, na horo-eile, <5rc.
Tha mo chriosan air dol an airde,
Cha’n ann bho fhidhleir, na bho chlarsalr;
Ach bho stiuireadair a bhata —
’S mur tig thu dhachaigh, gur truagh mar tha mi.
Fhir a bhata, na horo-eile, Sfc.
Bi’dh mi tuille gu tiirsach, deurach,
Mar eala bhan’s i an deis’ a reubadh;
Guileag bais aic air lochan feurach,
As each uileadh an deigh a treigsinn.
Fhir a bhata, na horo-eile, fyc.
K.N. M l

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence