Skip to main content

‹‹‹ prev (25) Page 13Page 13Tha mi trom's dulich leam -- Fear a bhata

(27) next ››› Page 15Page 15Mo run gael dileas -- Creag ghunach

(26) Page 14 - Mairi bhan og
Very slow and tender.
MAIRI BHAN OG.*
“Fair young Mary.”
I
# m
1r
2
fr
f
r^,
m
cresc.
ORAN D’A CHEILE NUADH POSTE.
A Mhairi than bg, ’s tu ’n oigh th’air m’aire, j
Ri’m bheo bhi far am bithinn fhein;
O’n fhuair mi ort coir cho mor’s bu mhath learn, !
Le posadh ceangailt’ o’n chleir,
Le cumhnanta teann’s le banntaibh daingean, ;
’S le snaim a dh’fhanas, nach treig:
’S e t’ fhaotainn air laimh le gradh gach caraid
Rinn slainte mhaireann a’m’ chre.
’Nuair bha mi gu tinn’s mi ’n cinnseal leannain,
Gun chinnt co theannadh rium fhein,
’S ann a chunna’ mi ’n oigh air bord tigh-leanna,
’S bu mhothar ceanalt’ a beus;
Tharruinn mi suas r’i, ’s fhuair mi gealladh
O’n ghruagaich bhanail bhi’m reir;
’S mise bha aobhach t’ fhaotainn mar ’rium,
’S crodh-laoigh a’ bharain a’d’ dheigh.
Maduinn Di luain, ge buan an t-slighe,
’Nuair ghluais mi, ruithinn mar ghaoth,
A dh’fhaicinn mo luaidh’s rud uainn n-ar dithis
Nach dual da rithist gu’n sgaoil.
Thug mi i ’n uaigneas uair a bhruidhinn,
’S ann fhuair an nigheau mo ghaol,
A’s chluinneadh mo chluas an fhuaim a bhitheadh
Aig luathas mo chridheri’m thaobh.
Sin’nuair chuir-Cupid an t-uldach am’ bhroilleach,-
D’a shaighdean corranach, caol,
A dliriii air mo chuislean,chuir luchd air mo choluinn,
Leis an do thuit mi geb’oil learn’s gu’n d’aom.
Dh’innis mi sgeul do’n te rinn m’ acain,
Nach leigh a chaisgeadh mo ghaoid;
’S e leighis gach creuchd i fein le feartan
Theachd reidh a’m’ ghlacaibh mar shaoil.
Bheirinn mo phog do’n 6g-mhnaoi shomult’
A dh’fhas gu boinneanta, caoin,
Gu mileant, comhnard, seocail, foinneamh,
Do chomhradh gheibh mi gu saor.
Tha mi air sheol gu leoir a’d’ chomain,
A bhoid sa chuir thu gu faoin
Do m’smaointean gdrach,prois nam boireannach
’S coir dhomh fuireach le h-aon.
Chaidh mi do’n cho ill’an robh croinn a’s gallain,
Bu bhoisgeil sealladh mu’n cuairt,
’S bha miann mo shul do dh’fhiuranbarraicht’
An dluthas nam meanganan suas;
Geug fo bhlath o barr gu talamh,
A lub mi farasda nuas;
Bu duilich do chach gu brath a gearradh,
’S e ’n dan domh’m faillean a bhuain.
Shuidhich mi lion air fior-uisg’ tana,
’S mi strigh ’ga tharruinn air bruaich,
’S thug mi le sgriob air tir a’ ghealag,
’S a lith mar eal’ air a’ chuan.
’S toillicht’ a dh’fhag e’n la sin m’ aigneadh,
An roinn a bh’agam san uair;
B’i coimeas mo cheud mhna’ reull na maidne,
Mo cheile cadail’s mi’m shuain.
’S e b’fhasan leat riamh bhi ciallach, banail,
Ri gniomh, ’s ri ceanal mna-uails’;
Gu pairteach, baigheil, blath, gun choire,
Gun ghiomh, gun ghainne, gun chruas;
Gu deirceach, daonntach, faoilidh, farasd’,
Ri daoine fanna, bochd, truagh;
Is tha mi le’d’ sheol an dochas ro-mhath,
Gur Ion do t’anam do dhuais.
Chuir mi air thus ort iul a’s aithne,
Le sugradh ceanalta, suirc,
’Nuair theannainn riut dlii,bu churaidha’ anail
No ubhlan meala ’gam buain:
Cha bhiodh sgeul-riiin, a b’iiil domh aithris,
A b’ fhiu, nach mealladh i uam.
Nan cuireadh i cul rium’s diultadhbaileach,
Bu chuis domh anart a’s uaigh.
Do bhriodal blath’s do mharan mills,
Do nadur grinneas gach uair,
Gu beulchair, gaireach, aluinn,coimhneil,
Gun chas a thoilleadh dhuit fuath;
Chuir i guin-bais fad raith’ am mhuineal
Dh’fhag lAn mi’ mhulad ’sa ghruaim,
’Nuair thuig i mar bha,’sa thar mi’n ulaidh,
Ghrad sparr i ’n cunnart ud uam.
,’S ann thog e mi’m pris o’n tim so’n uiridh,
An ni ’san urrainn a fhuair,
’Sguab do’n ire fhior-ghlain chruineachd,
An siol is urramaich; buaidh.
Sin na chuir mi cho riomhach umad,
Bha t’ inntinn’ bunailteach, buan:
Lionadh do sgiamhachd miann. gach duine,
An dreach, fiamh, an cumachd, ’s an snuagh.
Do chuach-fhalt ban air fas cho barrail,
’S a bharr lan chamag a’s dhual;
T’aghaidh ghlan, mhalda, narach, bhanail,
Do dha chaol mhala gun ghruaim-,
Suil ghorm, liontach, mhin-rosg, mheallach,
Gun dith cur faT ann ad’ ghruaidh,
Deud geal iobhraidh, dionach, daingean,
Beul bidh nach canadh ach stuaim.
Shiubhladh tu fasach airidh glinne
’S an ait an cinneadh an spreidh,
G’ am bleothan mu chro, ’s bhi choir na h-innis,
Laoigh 6g a’ mirreadh’s a’ leum;
Cha mhiosa do lamh’s tu laimh ri coinnil
Na’n seomar soilleir ri grein,
A fuaidheal’s a’ faitheam bhan a’s phionar,
An am chur grinnis air greus.
Do chneas mar an eiteag gle ghlan, fallain,
Corp seang mar chanach an t-sleibh;
Do bhraigh cho-mhin, ’s do chiochan corrach
’S iad liontach, soluis le cheill:
Gaoirdean tla geal lamh na h.ainnir.
Caol mhebir, glac thana, has reidh;
Calpa deas ur, troigh dhlii’m broig chuimir
Is liighor, innealta ceum.
’S ann fhuair mi bhean chaoin aig taobh Mam-charai’
’S a gaol a’m’ mhealladh o’m cheill;
Bha cridhe dhomh saor,’nuair dh’fhaod mi tharruinn,
Cha b’fhaoin domh bharail bhi d’ reir:
’S ioma full uasal, uaibhreach, fharumach,
Suas ri d’ cheann-aghaidh fhein,
Ga d’ chumail am pris an Righ’s Mac.Cailean
’S tu shiol nam fear a bha ’n Sleibht’.
’Nam faighinn an drast do charadh daingean
An kite falaich o ’n eug;
Ge d’ thigeadh e d’ dhail, a’s m’ fhagail-falamh.
Cha b’ kill learn bean eil’ a’d’ dheigh:
Cha toir mi gu brath dhuit dranndan teallaich,
Mu’n krdaich aileag do chleibh,
Ach rogha’ gach marain, gradh a’s furan,
Cho blkth ’sa b’ urrainn mo bheul.
Dheanainn duit ceann, a’s crann,a’s t-earrach,
An km chur ghearran an eill,
A’s dheanainn mar chkch air trhigh na mara,
Chur aird air mealladh an eisg:
Mharbhainn duit geoidh a’s roin, a’s eala,
’S na h-eoin air bharra nan geug;
’S cha bhi thu ri d’ bheo gun sebl air aran,
’S mi chomhnaidh far am hi feigh.
* Words by Duncan Ban Me. Intyre. This great Highland poet was born of poor parents at Druimliaghart in Glenorchy Argyleshire, March 1724
Some of his pieces can’t be surpassed.
K. N M l

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence