Skip to main content

‹‹‹ prev (19) Page 7Page 7Air faillirin illirin -- Bonnie banks of Ayr

(21) next ››› Page 9Page 9Iorram chlann raonuill -- Tha tighinn fodham eiridh

(20) Page 8 - Agus ho Mhorag
8-
Words by
Alexander Af? Donald.
AGUS HO MHORAGf
Jacobite Song-.
FONN.— Agus ho, Mhorag, ho-ro,
CHORUS 'S na horo gheallaidh.
A mhorag chiatach a’ chiiil dualaich,
Gur h-e do luaidh a th’ air m’ aire.
Agus ho, Mhorag, 6i’c.
’S ma dli’ imich thu null thar chuan bhuainn,
Gu ma luath a thig thu thairis.
’S cuimhnich, thoir leat bannal ghruagach
A luaidheas an cloth ruadh gu daingeann.
0! cha leiginn thu do ’n bhuailidh
Mu ’n salaich’ am buachar d’ anart.
D e! cha leiginn thu gu cualach—
Obair thruaillidh sin nan cailean.
Gur h-i Mhorag ghrinn mo ghuamag
Aig am beil an cuailein barrfhionn.
’S gaganach, bachlagach, cuachach,
Ciabhag na gruagaiche glaine.
I)o chill peucach sios ’n a dhualaibh,
Dhalladh e uaislean le ’lainnir.
Sios ’n a fheoirneinean mu d’ghuailnean—
Leadan cuaicheineach na h-ainnir!
Do chill peurlach, orbhuidh, luachach,
Timchioll do chluaise ’n a chlannan.
0 Mhorag! gu’m beil do chuailein
Orm&a ’n a bhuaireadh gun sgainnir.
’S ged nach iarr mi thu ri d’ phiisadh,
Gu’m b’ e mo run a bhi mar-riut.
’S ma thig thu rithist am liibaibh,
’S e ’n t-eug, a riiin, ni ar sgaradh.
Leanaidh mi cho dliith ri d’ shailtean
Agus bairneach ri sgeir-mhara.
Shiubhail mi cian leat air m’ eolas,
Agus spailp de ’n stroic air m’ aineol.—
MORAG.**
1 Gu ’n leanainn thu feadh an t-saoghail,
! Ach thus’, a ghaoil, theachd am fharraid.
\ Gu ’n ’chuireadh air mhisg le d’ ghaol mi—
' ’S mear, aotrom a’ ghaoir tha’m bhallaibh.
| A Mhorag g am beil a’ ghruaidh chiatach,
{ ’S glan am fiaradh th’ ann ad mhalaidh.
\ Do shiiil shuilbhear, shocair, mhbthar,
r Mhireagach, chbmhnard, ’s i meallach.
| Deud-cailce snasta na rimhinn’,
/ Snaidhte mar dhisn’ air a ghearradh.
> Maighdeann bhoidheach nam bas canine,
( ’S iad cho maoth ri cloimh na h-eala.
^ C—chan leuganach nan gucag;
[ ’S fiiileadh a’ mhusga de h-anail.
\ ’S iomad oigeir a ghabh tlachd dhiot,
\ Eadar Arcabh agus Manainn.
| ’S ioma leannan a th’ aig Moraig,
", Eadar Morthir agus Arrainn.
I ’S ioma gaisgeach deas de Ghaidheal,
i Nach obadh le m’ ghradh-sa tarrainn.
[ A rachadh le sgiathan’s le cliiidhean,
| Air bheag sgath gu bial nan canan.
i- ’Chunnartaicheadh dol 'n an ordugh
l Thoirt do chorach much a dh-aindeoin.
| ’S iomad iirmunn liisdail, treubhach,
\ An Diineideann ann am bharail:
\
l Na’m faiceadh iad gne de ghuais ort,
| Dheanadh tarrainn suas ri d’ charraid.
1 Mo chion a dheanadh leat eirigh:
[ Do chaiptein fhein Mac-mhic-ailein.
| Gu ’n ’theann e roimhe romh chach riut,
f ’S ni e fha’st e, ach thig thairis.
CHORUS Agus ho Mhorag, ho-ro,
’S na horo gheallaidh.
Gach duine tha ’n Uithist’s am Miiideart,
’S an Arasaig dhubh-ghuirm a’ bharraich.
An Canaidh, an Eige, ’s am Morthir—
Reisimeid chorr ud Shiol-Ailein.
An am Alastair’s Mhontrose,
Gu’m bu bhocain iad air Ghallaibh.
Gu ’n d’ fhairich la lonbhar-Lochaidh,
Co bu stroicich’ ann le lannan.
Am Peairt, an Cill-saith, ’s an Allt-Eurann,
Dli fhag iad Reubalaich gun anam.
Alastair mor Ghlinne-Comhann,
’S brigade coimheach Ghlinne-Gairidh.
Mar sin a’s an t-armunn Sleiteach,
Ged a tha e fhein ’n a leanabh.
Dh’ eireadh leat a nail bho ’n Ruta,*
Antrum liith-chleasach nan seang-each.
Dhruideadh na Gaidhil gu leir leat,
Ge b’ e dh’ eireadh leat no dli fhanadh.
Shuidh deich mile dhiiibh air cleith dhuibh
An cogadh Righ Tearlach nach maireann.
’S ioma cloth air an d’ thug iad caitein,
Eadar Cataobh agus Anainn.
Rha each a’ diiilt teachd a luadh’ dhuibh,
’S chruinnich iadsan sluagh am bannail.
A righ, bu mhath’s an luath-laimh iad,
’N uair a thairneadh iad an lannan.
H-uile cloth a luaidh iad riabh dhuibh,
Dh’ fhag iad e gu ciatach, daingeann:
Teann, thigh, daingeann, fighte, luaidhte,
Daite ruadh air thuar na fala.—
Greas thairis le d’ mhnathan luadhaidh,
’S theid na gruagaichean so mar-riut.
* Earl of Antrim from the Route,
* Alexander Me. Donald “Me. Mhaigstir Alastair,” the greatest of our gaelic poets, was born at Ardnamurchan about 1700.
** One of the most spirited of the Jacobite songs. Prince Charles is represented as "Morag,” a young girl with waving locks of yellow hair falling over her
shoulders, and the allegory is kept up to the end K N M 1

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence