Skip to main content

‹‹‹ prev (369) Page 359Page 359

(371) next ››› Page 361Page 361

(370) Page 360 -
360 TURAS a' chriosdaidh.
Grunndail. Ach ma tha briathran Chriosd an so, gu
bhi air an gabhail gu litireal, faodaidh neach itheadh do
gach seòrsa beò-chreutair pùinnseanta, gu'n chunnart
agus gun chiùrradh, gun teagamh sam bith thataghadh
grunndail r'a bhi air a dheanamh a thaobh nan nithibh
a dh'itheas agus a dh'òlas sinn, agus tha gach neach
air f hàgail mu'n chùis sin gu shaorsa fèin ; ach bu chòir
an riaghailt so a choimhid ; an ni sin a sheachnadh a
thuig sinn o ar fèin-f hiosrachadh a bhi an aghaidh ar
slàinte chorparra, no chuireas grabadh air subhailc
a's cràbhadh, no bhrosnaicheas a chum dubhaile
a's ana-miann le cur na h-eanachainn air mhisg
a' blàthachadh na fala, agus a' cur na h-inntinn air
aimhreith, no air sheòl sam bith eile a bhios 'na ionn-
sramaid do ghniomh na i'eòla no do bhuaireadh an dialih-
oil: mani sinn an riaghailtso achomhidni sinngumath.
Do thaobh ràite Phòil, a Tha na h-uile ni glan do'n
dream a tha glan" faodar tionndadh ri ni a labhair an
t-abstol ceudna ann an àit' eile, " Tha na h-uile nì
ceadaichte dhomhsa, ach cha-n eil na h-uile nì iom-
chuidh ; tha na h-uile ni ceadaichte dhomh ach cha
chuirear mi fo chumhachd ni sam bith." Beagan an
deigh so tha e 'g ràdh, " Tha am biadh air son na broinne,
agus a' bhrù air son a bhìdh : ach sgriosaidh Dia araon
so agus sud." (1 Cor. vi. 12, 13.) A nis' a thaobh
co-dhàimh an dà chinn-teagaisg so r'a chèile, tha e soilleir
gu'n do labhair e mu thimchioll an t-saor-chead a thug-
adhdoChriosdaidheanathaobh a'ghnè bhìdh adh-fhaod-
adh iad itheadh a' nochdadh, ged fhuair iad saorsa bho
lagh Mhaois, gidheadh gu'm beil mar fhiachan orra
bho lagh crionnachd agus subhailc chriosdail a leithid
do bhiadh a ròghnachadh 'sa chumas ìad o oilbheum a
thabhairt do sheirc, no buntainn ri deagh riaghailt na
diadhachd, ni a dh'f hàgas sinn ni's ro-naomh' agus ni's
fiorghlaine, agus cha-n ann ni's amsgaidh agus ni's
mi-naomha.
Seirc. Tha 'n iuaidh a rinn thu air an oilbheum a
tìh'fhaodas, seirc fhaighinn o gheòcaireachd, a' toir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence