Skip to main content

‹‹‹ prev (370) Page 360Page 360

(372) next ››› Page 362Page 362

(371) Page 361 -
TURAS A* CHRIOSDAIDH. 361
earann eile do bhriathran an abstoil cheudna (rn'm
chùimhne, far am beil e 'g ràdb, " Ma bheir biadh
aobhar oilbheum do'm bhràthair cha-n ith mi feòil n
chaoidh, a chum nach toir mi oilbheum do m' bhràth-
air." (1 Cor. viii. 13.) Gu cinnteach 's e seirc fior
mhais' agus uile bhuaidhean nan subhailc criosdail,
glòir shònraicht' a' Chreideimh chriosdail, agus comb-
lionadh an lagha agus nam fàidhean. Esan a ta gabhail
air a bhi creideach, agus e as eugmhais seirc, tha e 'na
as-creideach fo sgàile diadhachd, 'na f hear foill-amharc
air creideamh, 'na f hear-atharrais mharbb air beatha
dhiadhaidh ; tha e a' ruith air falbh maille ris a' mhaigh-
eich agus a' teumadh maille ris a' chù. Tha e a' fanaid
air Dia, a' mealladh dhaoine, agus da dhìteadh fèin ; is
e fior ghuitear a' pheacaidh, oir annsan tha uile dhubh-
ailcean an t-saoghail a' brùcbdadh a steach mar ann an
clais-shalchair choitcheann.
Ach air eagal gu'n tog mo luchd-è"isdeachd na labhair
mi mu thimchioll an duine gun seirc ann an seadh
mearachdach labhraidh mi ni's soilleire mu dhtìdhinn
seirc, le cunntais ni's sònraite thoirt seachad mu f hìor
nàdur na subhailc so. Cha-n eil mi a' ciallachadh le
seirc a' gheug sin d'i a ta giùlan toradh nan gniomh
daonnachdail, — biadh a thoirt do'n acrach, deoch do'n
phàiteach, na prìosanaich agus na ciomaich f hiosrach-
adhle saorsa, fasgath thoirt do'n mhuinntir aig nach eil
ionad 'san cuir iad an cinn fòpa, a' fiosrachadh nan
euslan agus g'an leigheas, agus gniomhan tròcaireach
mar sin; thaseirc ni'smòannamfarsainneachdspioradail
na na gniomharran matha so gu lèir ; f òs, faodaidh cuid
diù so a bbi air an cur an gniomh as eugmhais seirc,
mar tha deagh Phòl a' togail fianais, far am beil e
'g ràdh ; " Ged chaithinn mo mhaoin uile chum na
bochdan a bheathachadh, agus ged bheirinn mo chorp
a chum a losgadh, agus gun ghràdh agam cha-n eil
tairbh sam bitb dhomh ann." (1 Cor. xiii. 3.) Tha
e nochdadh gu soilleir o na briathran so gu'm faod iom-
adh gniomh math a bhi air a dheanamh o'n leth a
2i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence