Skip to main content

‹‹‹ prev (368) Page 358Page 358

(370) next ››› Page 360Page 360

(369) Page 359 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 359
chuir air chùl tre theachd Chriosd, gidheadh, tha sinn
a' faighinn nan abstol 'nan comhairle do dh'Irnsalem, a'
toirmeasgnithetachtaitheadh, agàinteadhdo naCriosd-
aidhean fuil a sheachnadh, (Gnìomh xv. 19, 20.) Agus
ann am beatha nan abstol tha e air aithris, gu'n sheach-
ain cuid aca gach gnè f heòla rè am beatha ; agus cha-n
e mhàin na h-abstoil, ach bha Criosdaidhean eile a'
seachnadh feòla, a' beathachadh a mhàin air luibhean
a's nithibh mar sin, mar tha Pòl a' togail flanais 'na
litir a chum nan Corintianach.
Faodaidh sinn comh-dhùnadh mu'n chùis sin uile,
nach biodh an rabhaidh agus an cùram so gu lè'ir air
a thoirt seachadh mu chaochladh bidh, o thoiseach an
t-saoghail a dh'ionnsaidh àm na dìle, agus o'n dìle gu
toiseachadh lagh Mhaois, agus o 'n àm sin gu àm
abstoil Iosa Criosd, mar a biodh aohhar air a shon bu
mò na ùmhlachd an duine a mhàin a dhearbhadh,
agus samhlachan subhailc a's dubhailc a chur an làth-
air dhaoine, mar thacuida' cumail a mach. Feumaidh
rudeigin a bhi ann an nàdur chreutairean beòtha,
buaidhean eugsamhail, as aobhar do dh'aon a bhi air a
thoirmeasg, agus an t-aon eile bhi air a cheadachadh ;
agus ged nach eil mar f hiachan oirnn an diugh lagh
Mhaois a choimhid, gidheadh, cha-n urrainn mi fhaic-
inn ciod am bunachar a ta aig cuid do Chriosdaidhean
gu bhi gnàthachadh calg-dhìreach an aghaidh òrduigh-
ean abstoil Chriosd, ann a bhi 'g itheadh fala agus
nithe tachta.
Cogais-mhaoth. Tha mi cuimhneachadh gu'n cuala
mi 'bhi tighinn air a' phuing sin roimhe ie cuid do
luchd-connsachaidh ; agus do na briathran mu dheir-
eadh a labhair thu, thugadh so mar f hreagradh, gu'n
tuirt Iosa, " Cha-n e an ni a ta dol a staigh do'n duine
a ta ga shalachadh ach an ni a ta tighinn a mach." Agus
tha Pòl ag ràdh. " Oir tha na h-uile ni glan do'n
dream a ta glan." Agus luaidh e an teagasg so : — " Na
bean ri, na blais, na làimhsich," — teagasg do dh'ionns-
achadh bochd an t-saoghail.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence