Skip to main content

‹‹‹ prev (332) Page 322Page 322

(334) next ››› Page 324Page 324

(333) Page 323 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. olo
cheusaidh, agus thog iad luath-ghair f hanaid air, gus fa-
dheireadh gu'n d'èirich e agus ghreas e air a dh'ionns-
aidh Taigh-a'-Bhròin : cha bu luaitheràinige na thàinig
dithis bhan eireachdail a bha ro shuidhichte ciallach
'nan coltas ga f hailteach a' deanamh a bheatha chum an
taighe ; ag ràdh, " Chunnaic sinne mar theab thu bhi air
do mhealadh a dh'ionnsaidh Taigh-au-t-Sùgraidh; agus
rinn sinn gàirdeachas ri t-fhaicinn a' seasamh a mach
an aghaidh dol do chathair an Diamhanais sin : chunn-
aic sinn mar an ceudna do bhunailteachd, a' fulang
sgeig agus fanaid, agus nach do ghabh tha nàire às a'
chrann-cheusaidh, ach gu n d'rinn sealladh dheth fhaic-
inn do bhioradh a dh'ionnsaidh a' chridhe le gràdh diadh-
aidh, a' toirt air do shùilean sruthaibh dheur a shileadh
feadh a bha na truaghanan mi-naomh ud ri fanaid ort :
thug sinne gach ni dhiù sud fainear le aoibhneas, agus
thig-sa nis a staigh, thusa tha beannaichte leis an Tigh-
earna, agus gabh fois an so gu madainn, agus an sin
faodaidh tu triall an sìth." Mar sin chaidh Cogais
mhaoth a staigh leis na mnathan còire, nigh iad a chasan
agus thug iad dha grè"im arain agus beagan fiona, maille
ri beagan f hion-dhearcan, fìogais agus almoin : thòisich,
iad an sin air conaltradh mu'n Tì a dh'fhuiligbàsair a'
chrann, agus labhair a' bhean bu shine mar so: —
A' Bhean bu shine, — Nach diamhain agus mi-naomha
na creutairean truagha so a tha deanamh tàire air
crann-ceusaidh Chriosd, agus a ta air fàs 'nan dearg
nàimhdean, araon da fein agus da fhulangas ! Tha iad
ag aideachadh abhi creidsinn ann an Dia, agus a' dean-
amh aoraidh dha ; fòs, aig an àm cheudna, tha iad araon
ga f hàgail-san agus iad fè"in breugach 'nan cleachdadh:
tha iad ag aideachadh a bhi creidsinn Chriosd air a
cheusadh air son ar peacannan; ach aig an àm cheudna
tha iad g'a cheusadh as ùr iad fèin, agus g'a chur gu
masladh follaiseach.
Tha iad a' cur ceann uidhe sònraichte roimh an creid-
eamh, agus cha n-eil iad a' fulang dha dol ni's faide na
crìochan cumhann an tuigse; agus a' togail suas an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence