Skip to main content

‹‹‹ prev (331) Page 321Page 321

(333) next ››› Page 323Page 323

(332) Page 322 -
322 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
ud thall, (a 'cotharrachadh le'n meur ris an taigh air an
làimh chlì,) gheibh thu ann an sin deagh bhiatachd,
agus cuideachda chridheil, agus gach ni a's urrainn do
chridhe iarraidh no mhiannachadh,agus annsa' mhad
ainn falbhaidh sinne maille riut, oir cha n-eil sinn fe'in
a mhàin ach a' dol a chur na h-oidhche seachad ann an
nochd, agus anns a' mhadainn triallaidh sinn air ar
turas chum a' bhaile neamhaidh."
Thug na briathran drùiteach so air Cogais-mhaoth
gu'n d' f halbh e leo, ach 'nuair a dhlùthaich e ris an
taigh chual' e fuaim mòr mar mhuinntir ri sùgradh,
seinn, òrain, agus dàmhsa, agus cluich air innealan
ciìiil le mòr ghàir agus mheoghail ; ni a chuir mòr iogh-
nadh air, ach air dha tighinn chum an taighe chunnaic
e na briathran so sgrìobhte os ceann an doruis : — " 'se
so taigh-an-t-sìtgraidh." An sin chùimhnaich e
briathran an duine ghlic; " Is fearr dol do thigh a'
bhròin na do thigh na cuirme '' (Ecl. vii. 2, 4,) agus
a rithist — " Tha cridhe nan daoine glic ann an tigh a
bhròin, ach cridhe nan amadan ann an tigh an
t subhachais."
Mar sin dh'fheòraich e dhe na h-òganaich ciod a b'
ainm do'n taigh a bha airtaobh eilechroinn-cheusaidh,
thuirtiad ris gu'n goirte Taigh-a' Bhròin deth : osbarr,
rinn iad sgeig as fanaid air a' mhuinntir a bha chòmh-
naidh ann, agus thuirt iad ris nach do thaghaill duine
riabhann ach beagan bhaoghairean trom-cheannach gun
tùr ; ach bu mhò thug Cogais-mhaoth do dlvfheairt air
briathran an duine ghlice no air sgallais nan daoine so,
agus thuirt e riù gu'n rachadh e dh'iarraidh fàrdach
do Thaigh-a'-Bhròin. Thòisich iad an sin air gàiread-
aich ris agus ri glaodhaich ri'n còmpanaich fanaid a
dheanamhair; ach dh'imich esan air falbh uapa, agus
chaidh e seachad ri taobh a' chroinn-cheusaidh agus rinn
sealladh f haicinn do'n chrann a lionadh le gràdh do-
labhairt, bròn agus truacantas: lean nah-òganaich agus
an còmpanaich fad na h-ùine e a' deanamh ceol-gàire
do 'lag chùis 'nuair a bha e gul aig bonn a' chroinn-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence