Skip to main content

‹‹‹ prev (330) Page 320Page 320

(332) next ››› Page 322Page 322

(331) Page 321 -
TURAS a' chkiosdaidh. 321
An sin chunnaic mi 'nam aisling, gu'n do ghuil Cog-
ais-mhaoth an uair a dhealaich e ris an Fhear-mhìnich-
idh, a thaohh a'ghaoil do-labhairt a bha aig air a cho-
chomunn a thuilleadh air gu'n doleighis e a chreuchdan,
agus aoidheachd a thoirt dha cho furmailteach mailJe
ri iomadh ni òiidheirc agus glòrmhor a nochdadh dha,
agus litir cead-siubhail an Rìgh a thoirt dha ni leis
am b'urrainn e siubhal ni bu tearainte agus ni bu
luaithe chum Rìoghachd na beatha : a bhàrr air gu'n
robh e ro bhlàth-chridheach, caomh-chàirdeach air chor
is nach b'urrainn e dealacbadh ri caraid cho caoimh-
neil gun deòir a thighinn le shùilean, ach fa dheireadh
an uair a chuir e a reachd air chùl thrialle air a thuras
gus an tàinig e chum an àit anns an robh an crann-
ceusaidh 'na sheasamh far an do thuit uallach do dhruim
Chriosdaidh, agus anns an do thuit e san uaigh (a bha
aig iochdar an uchdain air an robh an crann 'na sheas.
amh) anns an do thiodhlaiceadh e.
Nise chunnaic mi gu'n robh dlù do'n chrann-cheus-
aidh, da thaigh air an togail, b'e ainm a h-aon diù
Taigh-a'-Bhròin,agusanaoineileTaigh-an-t-Sùgraidh,
agus bha iad air an togail air gach taobh do'n chrann-
cheusaidh, a h-aon air an làimh dheis, agus an t-aon
eile air an làimh chlì. A nise 'nuair a ghabh Cogais-
mhaoth an ceum suas am bruthach thàinig prasgan do
dh'òganaich a mach a Taigh-an-t-Sùgraidh 'na chò-
dhail, agus labhair iad ris ag ràdh ; — Cia as a thàinig
thu ? agus c'àite tha thu dol ?" Fhreagair Cogais-
mhaoth, agus thubhairt e " Thàinig mi à Gleann-an-
Leìr-sgrios agus tha mi dol a chum a' Bhaile nèamh-
aidh, tìr na beatha agus na glòire ; tha'n t-anmoch ann
a nise, agus tha mi am choigreach 'san àite so, uime
sin bu math lean fuireach gu madainn an aiteigin an so
na'm faighinn an urrad sin do chaoimhneas mu'n àite."
An sin fhreagair na h-òganaich agus thubhairt iad ;
" Cha n-eil taigh ach na dhà-sa tha thu faicinn anns an
sgìreachd so gu le"ir do'n gnàth aoidheachd a thoirt do
choigrich, agus ma thè'id thu maille ruinne do'n taigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence