Skip to main content

‹‹‹ prev (329) Page 319Page 319

(331) next ››› Page 321Page 321

(330) Page 320 -
320 TURAS a' chriosdaidh.
gach lathachum f hearann a ghlanadh, dh' f haodadh e
roi' an àm so a bhi mealtainn toradh a shaoithreach o
bhàrr tarbhach pailt : a thuilleadh air deagh-ghean an
Rìgh a chosnadh, a bhiodh dha gun teagamh sam bith
ann an ìiine cho math ri fhacal.
Is ionnan sin, ars am Fear-mìnichidb, agus cor an
luchd-turais a tha tighinn o Ghleann-an-Leir-sgrios
agus a' dol a chum Rìoghachd na beatha agus na glòire:
cha n-eil Rìgh na dùthcha sin ach a mhàin ag iarraidh
oirbh gu'n àitich sibh a shochairean agus a ghràs, ar
pàirtean a dheagh-bhuileachadh agus buanachadh ann
an sin a dheanamh gu ceann bhur turais, agus an sin
bithidh sibh air bhur giùlain a chum na h-aitribh
shiorruidh. A nise' is e an dòigh a chum so a dhean-
amh gun mhi-mhisneach a ghabhail a thaobh faidead
bhnr turais, no eagal a bhi oirbh Je arnharas nach
buadhaich sibh air na h-àmhgharan a thig n'ur caramh
air an t-slighe ; ach feumaidh sìbh sibh-fdin armachadh
le rùn seasmhach chum dol tro gach ni, le dol beagan
air bhur n-aghaidh gach latha, oir is co-ionnan maille
dheanamh ri pilleadh air bhur n-ais : uime sin, coltach
ris' an tuathanach ghlic agus ghnìomhach air an làimh
dheis, a ghlan air falbh gach latha na luibhean, agus
na clachan à f hearann, is co-ioiinan a dh' fheumas
sibhse doi air bhur n-aghaidh gach latha agus talamh a
chosnadh mar sin, mar rinn esan, cuiridh sibh an àm
iomchaidh ceann air bhur saothair, agus air bhur
cuairt agus crìochnaichidh sibh bhur turas le aoibhneas.
Thug am Fear-mìnichidh dha iomadh comhairle
rnhath eile an àm dhaibh a bhi 'g imeachd air an
aghaidh, 'gus an tàinig iad a dh' ionnfcaidh an rathaid
mhòir a bha air a dhìon air gach taobh le balla na
slàinte, an sin thug am Fear-mìnichidh do Chogais-
mhaoth litir-cead-siubhail an Rìgh ag ràdh ris gu'm
biodh i chum feum gun chomais da iè fad a thurais
chum na dùthcha nèamhaidh, an sin ghuidh e gu'n
soirbhicheadh leis air a thuras gu sonas siorruidh,
agus ghabh e slàn leis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence