Skip to main content

‹‹‹ prev (333) Page 323Page 323

(335) next ››› Page 325Page 325

(334) Page 324 -
324 TURAS A CHROISDAIDH.
diadhachd air creideas feòla a's fala : agus an inntinn-
ean feòlmhor mar riaghailt shuidhichte d'a chleachdadh
agus ge b'e air bith ni a ta 'n aghaidh an ana-miannaibh
tha e air fhuadach o 'n conaltradh. Uaithe sin a ta e
tachairt, an ni a bha air a mheas air tùs trom agus neo-
thaitneach tha e uidh air n-uidh air a dhearmad agus
air a chur air chùl, gus am beil e fa-dheòigh air tiunn-
dadh a mach gu bhi 'na chuspair fanaid dhaibh mar a
chunnaic tu ann an Taigh-an-t-Sùgraidh air anfheasgar
so.
A bhean a Vòìge. Agus is e an ni as iongantaiche
gu'm beil an dearbh f heaghainn sin a' gabhail orra bhi
'nan luchd-onaraiche a' chroinn-cheusaidh, agus 'nan
deisciobuil do dh' Iosa Criosd : tha'n taigh-san air a thog-
ail air an taobh a mach mar tha'n taigh againne ; agus
fòs, aig an àm cheudna, tha iad 'nan nàimhdean
do'n bhuidhean a choisicheas 'na cheumannan-san a
dh'fhuilig am bàs maslach ud air ar son.
Seadh, arsa Cogais-mhaoth, thuirt an triùir òganach
riumsa gu'n robh iad a' dol a chum a' Bhaile nèamhaidh
cho math sa bha mise, agus na'n gabhainn fois an nochd
ann an Taigh-an-t-Sùgraidh, gu'm falbhadh iad fein
còlath rium am màireach ; ach cho luath sa thuig iad
gu'n robh mi air son an òidhche chuir seachad ann an
Taigh-a'-Bhròin, chaochail iad an suairceas gu magadh,
agus am modhalachd gu mi-mhodh, agus an diadhachd
gu mi-naomhachd fhollaiseach, a' labhairt gu h-olc m ! ur
timchioll-sa, mu 'ur taigh, agus mu thimchioll bhur
n-aOidhean, a' sgeig agus a' gàireachdaich riumsa mar
amadan agus mar dhuine cuthaich. Coltach ris na Greug-
aich a mheas crann-ceusaidh Chriosd mar amaideas,
agus gach neach aig an robh a' bheag do spe"is da mar
anabas gach ni. Sin mar bha mis' air mo ghnàthachadh
'nam measg, ged a bha iad roimhe sin gu subhach anns
an taigh ag òran, agus a' dàmhsa, agus a' cluich air
innealan ciùil : cho luath 'sa thug an triùir òganach fios
daibhmuna bharùn ormsadheanamh, chuiriad am binn-
choòl air chùl, agus thàinigiad a mach 'nan teann-ruitb

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence