Skip to main content

‹‹‹ prev (325) Page 315Page 315

(327) next ››› Page 317Page 317

(326) Page 316 -
316 TURAS a' CHRIOSDAIDH.
faighinn leighich; mar sin mhol e dhomh tighinn do'
t'ionnsaidh-sa, agus thug e dhomh an teisteanas so agus
dh' iarr e orm a liubhairt dhutsa a' toirt dearbhachd
dhomh gu'm faighinn anns an àite so leighis do m'
chreuchdan agus gu'm faicinn iomadh ni glòrmhor,
thug e dhomh mar an ceudna an lòrg làidir so a chì
thu ann am làimh o'n d' f huair mi na h-uirid chomh-
f hurtachd agus do chòmhnadh, a dh' ath-bheothaich
mo spiorad fann agus a chum suas mi air an t-slighe,
agus a chuir stad air mòr shileadh mo chreuchdan :
ach is am uat-sa a tha sùil agam ri làn leigheas f haot-
ainn.
'Se do bheatha òganaich ars am Fear-mìnichidh
(an deigh dha an teisteanas a leughadh) : thig a staigh
agus gabh pàirt de nithe matha an taighe so, agus
mu'm falbh thu tha dòchas agam t-f haicinn slàn, fallain.
An sin threòraich se e do sheòmar agus dh' f harraid
e caochladh cheistean deth mu thimchioll a dhùthcha
agus mar chaith e a bheatha an sin. Do gach aon do
na ceistean sin thug Cogais-mhaoth freagradh fa-leth,
a' toirt dha min-chunntais mu thimchioJl f hòghluim,
agus mar chaith e aimsir òige gus an latha sin ; An
dèigh, sin mhin-rannsaich am Fear-mìnichidh na
creuchdanafhuaire bho na saighdean, air an latha sin,
agus chuir e cùngaidh-leighis bhuadhach riu, ni thug
air Cogais-mhaoth gu'n dh' f hàs e slàn, falain ; agus
thug am Fear-mmichidh mu'n airidh na saighdean a
spion e às a cholainn a bhi air an gleidheadh seachad
mar chùimhneachan air a' chaol-thearnadh o'n bhàs.
Thug e'n sin do sheòmar eil' e far an tug e dh# cuirrni
do nithesògharmailleris na h-ùr-chasgan a b' f hearr a
bha air an t-saoghal : oir thug e fainear gu'n robh
Cogais-mhaothlag agusfann, agus aige ri triall air turas
fada; uime sin mheas e iomchaidh biadh iaidir a thoirt
dha chum is gur ann a b' f hearr a bhuadhaicheadh p
air na cruaidh-chàsan a thigeadh 'na charamh air an
turas sgìth sin.
An dèigh do'n chuirm a bhì thairis threòraich se e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence