Skip to main content

‹‹‹ prev (326) Page 316Page 316

(328) next ››› Page 318Page 318

(327) Page 317 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 317
tre sheòmraichean an taighe gu lèir agus nochd e dha
na nithe òirdheirc a chunnaic Criosdaidh agus Bana-
Chriosdaidh, a bhean, an clann, agus an comh-lucbd-
turais anns an ionad sin. Agus an uair a bha e dlù do
dhol fodha na greine thug e Cogais-mhaoth, do sheòm-
ar anns an do ghabh, iad grèim beag bìdh an còmh-
chomunn a cheile, agus chaith iad a' chuid eile do'n
fheasgar sin ri conaltradh tarbhach. Dh'innis an
Fear-mìnichidh dha gu h-iomlan, mu reachdan agus
mu ghnàths na dùthcha sin, agus mar dh'imicheadh
e air aghaidh a' toirt seòlaidh dha mu thimchioll na
cuideachd a chumadhe, agus a sheachnadh e, agus mar
a ghnàthaicheadh se e-fèin fad an rathaid : an sin
sheall e dhaseòmar eileanns an gabhadh e mu thàmh,
agus dh'f hàg se e gu cadal.
Mu bhristeadh an latha air an ath mhadainn dh'èmch
Cogais-mhaoth agus rinn e deas air son a thurais, agus
an dèigh do'n Fhear-mhìnichidh gach caoimhneas a
nochdadh dha thuirt e ris gu'n rachadh e greis do'n
t-slighe maille ris ; ghabh Cogais-mhaoth gu toileach
ri thairgse ; air tùs a thaobh gu'n robh e 'na thur
choigreach, anns na h-àitean ud, agus a rithist a thaobh
gu n robh mòr spèis aige do dheagh chonaltradh an
Fhir-mhìnichidh. Mar sin thriall iad a mach 'nan
dithis, agus choisich iad air ceum frith-rathaid (a bha
tarsuinn air raon mòr arbhair) o thaigh an Fhir-
mhìnichidh chum an rathaid mhòir ; thàinig iad an
sin a chum caol-rathad, agus bha air gach taobh dheth
dà thaigh tuathanaich le'n gabhailean fearainn.
An sin thug Cogais-mhaoth fainear gu'n robh fear-
ann a h-aon do na gabhalaichean so air a dheagh àit-
eachadh fo bharr tarbhach le cluainean taitneach agus
sprèigh,a'chaliaid a bha mu timchioll diongmhalt' anns
gach àite, agus gach ni 'hhuineadh dh'i air deaghdhòigh:
feadh a bha gabhail an tuathanaich air taobh eile an
rathaid gun choltas cinneis sam bith, bha cuid do 'n
talamh air fàs 'na f hiadhair làn dheanntag, dhris, agus
chluaran, maille ris gach seòrsa luis neo-tharbhach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence