Skip to main content

‹‹‹ prev (324) Page 314Page 314

(326) next ››› Page 316Page 316

(325) Page 315 -
tukas a' chriosdaidh. 315
Deagb-thoil air a tilgeadh air falbh, agus gu'n tug e
dha an lòrg làidir so ag iarraidh air gun dealachadh
rithe air chòr sam bith, a thaobh gu'm biodh i a chum
mòr feum dha fad rè a chuairt, agus gu sònraichte
aig an àm a thaobh e bhi air a chreuchdadh, oir bha
buaidh àraid innte a chuireadh casg-fala air a lotan.
Mar sin thug Deagh-thoil do Chogais-mhaoth làn-
sheòladh a chum a shlighe fhaotainn a mach : ghuidh
e sorraidh leis, agus di' fhàg se e chum triall air a
thuras.
An sin thòisich Cogais-mhaoth air glacadh misnich,
athaobhe bhi gu mòr air a chomh-f hurtachadh agus air
a chumail suas leis an luirg a fhuair e bho Dheagh-
thoil, oir cho luath 'sa fhuair e i 'na làimh stad a chreuchd-
an do shileadh fala, agus an uair a dh' fhàs i blàth 'na
lùimh bhrùchd i mach cùbhraidheachd shònraichte ro
mhilis a thug mòr bheothachadh d'a inntinn, agus
mhothaich se e fìSin a' f às ni bu treis' agus ni bu treise,
leis a' bhuaidh leighis a bh' anns an luirg iongantaich so.
Àlar sin thriall e air aghaidh gus an d'ràinig
e fa-dheòigh taigh an Fhir-mhìnichidh, agus air dha
bualadh aig an dorus dh' fhosgladh dha e air ball,
agus chaidh fheòraich dheth ciod a bha dhìth air,
agus thuirt Cogais-mhaoth, " Tha mhiann orm labhairt
ris an Fhear-mhlnichidh a ta mi a' tuigsinn is e maigh-
istir an taighe. Mar sin chaidh gairm air an Fhear-
mhìnichidh agus dh' f harraid e, ciod a bha e'g iarraidh.
Cogais-mhaoth. Mholadh dhomh tighinn far an robh
thusa le fear do'm b'ainm Deagh-thoil a ta coimhid an
Doruis-chumhainn, oir a' tighinn o'n bhaile anns an
d'rugadh mi ann an Gleann-an-Le"ir-sgrios gu rìoghachd
na beatha thàinig mi chum an Doruis-chumhainn mar
a sheòladh dhomh, agus cho luath sa' bhuail mi aige
chaitheadh na saighdean so orm, a tha thu a' faicinn an
sàs 'nam f heòil, agus an uair a dh' fhusgladh an dorus
dh' innis mi mo chòr do Dheagh-thoil, agus thuirt mi
ris gu'n robh eagal orm gu'n robh cuid do m' chreuchd-
an bàsmhor, ag iarraidh air innseadh dhomh C'àit' am

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence