Skip to main content

‹‹‹ prev (323) Page 313Page 313

(325) next ››› Page 315Page 315

(324) Page 314 -
314 TURAS A' CHRIOSDAiDH.
ghiùlan suidhichte ; mar sin labhar e ris an duine do'm
b'ainm Deagh-thoil, agus thuirt e ris. " Air dhomh
cluinntinn mu mhòr chliù na dùthcha nèamhaidh agus
iomadaidh fear-cuairt air innse dhomh gur ann tro' n
dorus so a bha'n t-slighe da h-ionnsaidh, dh' f hàs mi
sgìth do chòmhnaidh ann an Gleann-an-Leir-sgrios,
agus mòr dhèidh a bhi agam air tìr nam beannachd
fhaicinn ghabh mi do dhànadas orm bualadh aig an
dorus so, a bha thu cho math is fhosgladh dhomh, ni
air son am beil mi toirt taing dhut o m' uile chridhe :
ach am feadh a bha mi 'nam sheasamh aig an dorus, an
deigh dhomh bualadh air tùs, thilgeadh na saighdean
so orm a ta thu nis a' faicinn an sàs 'nam f heòil, tha
eagal orm gu'm beil mo leòn bàsmhor, oir tha mo neart
gam' fhàgail, agus sgleò roi' mo shùilean ;" air dha so a
ràdh thuit e sìos aig casan Dheagh-thoil, agus dh' iarr
e air innse dha c'àit' am faigheadh e fear eòlach a dhean-
adh suas a chreuchdan agus a leighiseadh iad mar an
robh iad a chum bàis.
Ghabh Deagh-thoil truas mòr do'n òganach agus
dh'fheòraich e, ciod a b' ainm dha, Thuirt e " is e
Cògais-mhaoth is ainmdhomh: rugadhagus thogadh mi
ann am baile nan Sòlas-diamhainn." Air do Dheagh-
thoil ainm an òganaich a chuir sios, sgrìobh e teisteanas
agus thug e dha e, ag iarraidh air a liubhairt aig a' cheud
taigh agus be sin taigh an Fhir-mhìnichidh, agus sheall
e an rathad da ga ionnsaidh oir cha robh e ach tacan
uapa : an sin ars esan, gheibh thu ioc-shlaint dod'
chreuchdan agus chì thu iomadh ni glòrmhor.
An sin chunnaic mi 'n am aisling gu'n tug Deagh-
thoil do Chogas-mhaoth lòrg laidir bhata air a deanamh
do chraobh na beatha, chum a sgios a leagadh oirre agus
socair a thoirt da chasan mar a dh'imicheadh e air a
thuras, oir cha robh aige roimh sin 'na làimh air sou
bata, ach slatag chaol do bhairealan diamhain a spìon e
do Chraobh an èolais a bha fàs air bruachan abhainn na
breislich. Be'n t-slatag so na bha aig Cogais-mhaoth
fad a thurais a chum a thaice leagadhoirregus an d'iarr

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence